18/07/2014
Naidheachdan na seachdain le Dan Moireach agus Murchadh Moireach. A look at the week's news with Dan Murray and Murdo Murray.
An-diugh tha Dan Moireach agus Murchadh Moireach a' toirt slaic air naidheachdan na seachdain ach feumaidh iad na sgeulachdan a thomhais an toiseach bho na criomagan carach aig Coinneach.
Cuideachd, cluinnidh sibh an litir a sgrìobh Criosaidh NicIomhair chun an t-Saighdeir gun Ainm. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Criosaidh NicÃŒomhair
Duration: 04:08
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Halò Eachainn,
Fhuair mi do litir le do dhealbh an-diugh. Ruith mi air an nà bachd leis, ’s mi cho moiteil ’s tu fhèin cho riochdail ann an deise an t-saighdeir.
Tha sinne seo mar a shaoileadh tu dripeil le obair an earraich, eadar d’ athair a bhith a’ taomadh nan claisean, agus a’ chòrr againn trang a’ sgealbadh a’ bhuntà ta airson an cur. Tha do phiuthar bheag, Ciorstag, ag iarraidh atharnach bheag dhi fhèin a bhios furasta a tionndadh leis a’ spaid-bheag airson na siòlagan beaga aice fhèin. Chuir d’ athair, mi-fhèin agus Barabal a-mach an todhar le na clèibh bho chionn là no dhà . Feumaidh sinn tòrr buntà ta am bliadhna, oir tha na h-annlan gann agus iomadh beul a’ feitheamh ri a lìonadh! Mar a chanadh do sheanair 'Is e seo Liath-Rùisgean an Earraich'. Co-dhiù, chan fhada gus an tig an sgadan ùr, agus sinn cho sgìth dhe na spealtragan saillte.
Bithidh buain na mònach mu ar claigeann a dh’aithghearr. Gu dearbha tha ar caraid Murchadh An Mhòir air bhoil gu faighinn a-mach a rùsgadh nam poll.Ìý Tha an tairisgeir mu-thrà th am bogadh anns an abhainn. Mar tha fhios agad chan fhaod duine eile a dhol air thoiseach air-san! Chan ionnan sin is Seumas Ruairidh a’ gabhail a shèimheanachd, a’ cur smùid à s a’ phìob aig ceann na being! Sealladh an saoghal a-mach!
Chan fhada nis gus am bi sinn a’ dèanamh breacan-a-baile chun na h-à irigh.
O! na cuimhneachain prìseil! Ach fà gaidh sinn sin an-drà sta, tha e ro bhrònach.
Och Eachainn nach bochd nach robh thu seo. Tha mi air mo lìonadh le cianalas a’ cuimhneachadh nan là ithean dòigheil ud, mo thriùir bhalach à lainn daonnan an sàs ann an obair na croit is an fhearainn a’ fealla-dha am measg a chèile, agus a’ falbh an uair sin anmoch gu danns’-an-rathaid. Is cà it a-nis a lorgar an triùir ach fa chomhair sgrios, murt is marbhadh.
Nach uabhasach an truaighe a thà inig oirnn agus CARSON?
Coma leat, a ghrà idh, bithidh là ithean math againn fhathast. Tha mise air mo ghlùinean moch is anmoch a’ tagradh às ur leth gun ceadaicheadh Dia dhuibh tilleadh sà bhailt dhachaigh.
Ìý
Tha fìor leisg orm cron a dhèanamh ort’ mo bhalach ach chluinneadh tu e ceann streath co-dhiù. Thà inig naidheachd bà is gu mo nà baidh Dòmhnall Fada gun deach Murchadh Beag Ruadh, do dheagh charaid bhod òige, à s-an-rathad anns an Fhraing is gun e ach fichead bliadhna. Mo ghrà dh air. Cò am mà thair nach briseadh sin a cridhe, ach obh, obh, feumaidh sinn a bhith strìochdte!
Ach, seo naidheachd bheag is dòcha a thogas do chridhe. Nach eil Coinneach Crùbach air magaid a ghabhail do Mhà iri Mèireag an Taobh Thall. Dh’fhalbh e a’ ruith na h-oidhche is nach ann a dh’èirich am bodach is ruaig e mach às an taigh e leis a’ bhata chromagach. Na chabhaig chaidh e an comhair a chùil ann an guitear na bà ! ’S iongantach mur do chuir siud crìoch air an t-suirghe!
Anns an ath litir innsidh mi dhut mu rèiteach Sheonaidh Mhòir agus Mairead. Abair spòrs agus dibhearsain.Ìý
Seo rann beag anns an dealachadh:
Oidhche mhath leat fhèin, a luaidh
’S ged a tha a’ chòmhstri cruaidh
’S neònach leam mur toir sibh buaidh
’S air an nà mh’ gun cuir sibh ruaig.
Na bi fada gun sgrìobhadh.
Le mòran gaoil.
Do mhà thair
Broadcasts
- Fri 18 Jul 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Fri 18 Jul 2014 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal