21/07/2014
An-diugh tha Coinneach ann an sitigean Mhòraig agus an dithis aca agus Bragail an cù a' siubhail an Eilean Duibh. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Ruairidh MacIllEathain
Duration: 06:15
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
A Shaighdeir chòir ann am Paddington, a thachair ri bhith air a bhreith aig à m agus ann an à ite cho eadar-dhealaichte rium fhìn. Tha thu a’ coimhead cho òg, cho òg ris a’ mhac agam fhìn, aig nach robh riamh ri òrd-gunna a tharraing airson nà mhaid a mharbhadh. Saoilidh mi gum biodh agad ri sin a dhèanamh gu tric agus tha mi smaoineachadh gum biodh e goirt dhut cuimhneachadh air.
Tha fios a’m gun robh e goirt air Somhairle, cousin dha mo mhà thair. B’ e snaidhpear a bha ann. Chaidh a thaghadh, tha mi cinnteach, air sgà th ’s gun deach a thogail san Eilean agus gun robh e cuimseach le gunna, a’ losgadh air fèidh is eile airson biadh a chumail ris an teaghlach. Is beag a bha dùil aige nuair a bha e sa Ghleann gum biodh aige ri gillean òga a mharbhadh air tà illeabh is gun d’ rugadh iad ann an rìoghachd a’ Chà idhseir.
O agus cho ghoirt is a bha na cuimhnidhean sin dha. Tha fios a’m, oir dh’inns a nighean dhomh gun robh aice ri èisteachd ris na sheann aois, is e ag aithris mu na gillean brèagha bà n a mharbh e agus a’ phian nach fhalbhadh le bhith cuimhneachadh air na rinn e. Balach a rinn mar a chaidh iarraidh air le Deòrsa, cousin a’ Chà idhseir no a bhiodh air a chur gu bàs airson mì-ghrà dhachadh a dhùthcha. Nach annasach mar a bhios cogadh a’ bualadh air daoine.
Mo Cho-Bhreatannaich chòir, saoil an robh thu eòlach air m’ uncail Iain a bha na mhachine gunner anns na Lovat Scouts agus a mharbh uiread le bhith cumail a chorraig air òrd gunna? Cha do bhruidhinn e riamh mu dheidhinn cho fad ’s as fhiosrach dhomh. Bha e fhèin is a chousin, Somhairle, à Gleann Dail. Bha iad còmhla ann an Gallipoli agus san Fhraing agus thill iad còmhla dhan Eilean Sgiathanach agus choimhead iad an dèidh nan caorach agus a’ chruidh agus gheà rr iad feur agus dh’fhàs iad grà innean cruithneachd, mar nach robh cogadh riamh ann.
No, is dòcha gun robh thu eòlach air m’ uncail Marshall? Bha e na shà irdseant air carbad gunna agus b’ e fhèin a-mhà in a fhuair às beò nuair a mharbh slige Ghearmailteach a chriutha agus an t-each-cogaidh aige. Ghlac na Gearmailtich e, ach fhuair e cothrom teicheadh agus chuidich mnathan-crà bhaidh Fhrangach e, ged nach robh e den aon chreideamh riutha. Tha an cogadh a’ toirt air daoine rudan annasach a dhèanamh.
Chan eil mi smaoineachadh gum biodh cothrom agad coinneachadh ri mo sheanmhair. Bha i ag obair ann am factaraidh munitions ann an Glaschu. Bha gaol mo chridh’ agam oirre, agus cha do bhruidhinn i riamh air sligean no cogaidhean, ach chanadh i rium gu socair sèimh sa Ghà idhlig 'A Chagair, ciamar a tha thu?' Ach is dòcha gun do là imhsich thu aon de na sligean-cogaidh no is dòcha gun do loisg thu aon de na peilearan a rinn i. Cha b’ e rud a dh’iarradh i ort a dhèanamh. Tha an cogadh a’ toirt air daoine rudan annasach a dhèanamh.
Thill ise cuideachd dhan Eilean Sgiathanach an dèidh a’ Chogaidh air oidhche na bliadhn’ ùire 1919, ach cha robh aiseag ann a bheireadh a-null i dhan eilean a b’ ionmhainn leatha. Dh’iarr i air Caiptean an Iolaire a bha sa Chaol an oidhche ud an leigeadh e bà ta beag sìos gus am faigheadh i fhèin is a caraidean dhachaigh airson na bliadhna ùire. Cha do leig. Tha an cogadh a’ toirt air daoine rudan annasach a dhèanamh.
A Shaighdeir chòir ann am Paddington, rugadh mo mhà thair ann an 1924, dà bhliadhna an dèidh dhut a bhith air do thaisbeanadh air Platform One. Chan eil mi smaoineachadh gun tà inig e a-staigh oirre riamh is i a’ ruith cas-rùisgte as t-Samhradh air an Eilean gum biodh i aon latha na seasamh ann an clobhsa ann am Pà islig ag amharc air na Gearmailtich a’ bliotsadh Bruaich Chluaidh is i air na cuairtean aice na banaltraim òig. Bha cùram oirre mu h-athair a bha air soitheach air a’ Chluaidh an oidhche ud, ach bha e sà bhailte. Is bhiodh cùram oirre mu a brà thair a bha air a thoirpìdeadh còig tursan, ach a thà inig às beò airson na sgeulachd innse. Agus bhiodh i a’ caoineadh air sgà th an cousin aice – Dà ibhidh bochd. Air a mharbhadh aig aois 22 le slige Gearmailtich is e ri faire san t-seòmar radar aig HMS Achates san Artaig.
Bhruidhinn m’ uncail Alasdair rium mu chogadh–aon turas. Bha e air a bhith ann an Dunkirk. Dh’inns e dhomh mu charachd a chridhe. Thuirt e gun robh e air gealladh a thoirt do Dhia nan toireadh e slà n sà bhailte e tarsainn Caolas Shasainn gun creideadh e ann. Fhuair e tarsainn, ach cha do chreid e aig an à m ud, ach chreid a-rithist.
Agus seo mise, air mo bhreith is air mo thogail is gun agam ri dhol faisg air cogadh. Tha mi toilichte. Cha toigh leam cogadh.
Ach, tha agam ri taing a thoirt dhut, Shaighdeir Phaddington, airson na rinn thusa agus do chompanaich, ged nach robh Rìgh Deòrsa no Cà idhsear Bill airidh air do leithid a thuit air talamh a’ bhlà ir. Tha mi gad bheannachadh agus tha mi an dòchas gun d’ fhuair thu an t-sìth mhaireannach ud as urrainn do Dhia a-mhà in a thoirt seachad – mus do bhuail am peilear, no an t-slige, no an ionnsaigh ghas, a thug air falbh thu bhon t-saoghal seo dhan taobh thall.
Beannachd leat,
Ruaraidh
Broadcasts
- Mon 21 Jul 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 21 Jul 2014 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal