05/08/2014
Tha prògram an là an-diugh a' coimhead air dìleab Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis do Ghlaschu agus do dh'Alba. Will there be a Commonwealth Games legacy for Glasgow and Scotland?
Tha prògram an là an-diugh a' coimhead air dìleab Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis do Ghlaschu agus do dh'Alba. Dè a' bhuannachd a thig às a thaobh spòrs agus goireasan spòrs? Am faic sinn piseach air eaconomaidh baile Ghlaschu agus Alba ri linn, agus am fàs turasachd a' bhaile agus an sgaoil sin gu sgìrean Alba? Còmhla rinn airson seo uile a dheasbad bidh Iain Moireasdan, Gilleasbuig MacDhòmhnaill, Alan MacCoinnich, Dòmhnall Iain MacAonghais agus DK Mac a' Phì. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm leis am Brigadier Iain MacPhà rlain
Litir gu :
23252 Lance Corporal LANDEL JOHNSTON
1st/5th Bn. Argyll and Sutherland Highlanders
No 2 Australian Base Hospital
BOULOGNE
Ìý
A Mhic ro-ionmhainn!
Bha do mhà thair an impis a dhol às a ciall le iomagain nuair a liubhair Seonaidh, am posta dhuinn ‘telegram’ à Oifis a’ Chogaidh ag innse dhuinn gun robh thu air do gharbh-leòn air a’ bhlà r-chatha. Gu mì-fhortanach, bha mi fhèin air falbh air mo chuairt leis a’ phònaidh ’s a’ ghioga, a’ frithealadh air Bean Shandaidh ’Ic Sheumais aig a’ Chill Ùir a bha gu bhith aig à m na h-aiseid. Rugadh mac slà n, fallain dhi.
’S e mo mhiann a bhith ann, a bhith aig do thaobh a’ toirt a h-uile còmhnadh agus taic dhut a nì dotair agus athair dhut airson do chrà dh a lùghdachadh. Ach, tha mi cinnteach gun dèan dotairean agus banaltraman an airm an dìcheall cofhurtachd a thoirt dhut.
Cha tèid againn ach a bhith a’ smaoineachadh dè cho spaideil nad shaighdear ’s a bha thu nuair a thà inig thu dhachaigh air fòrladh mu dheireadh mun do ghabh thu ort don Fhraing agus dod Bhattalion aig Ypres. Bha sinn cho brònach a’ fà gail soraidh slà n leat aig stèisean Pheairt ach bha sinn cho moiteil gun robh thu, mar bhalach òg air ùr thighinn às an sgoil, a’ dol gu saor-thoileach a shabaid airson do dhùthaich an aghaidh nà mhaid a tha borb, gun thròcair. Cuimhnich sin air leabaidh d’ fhulangais.
Tha do mhà thair agus mi-fhèin a’ dèanamh deiseil an-diugh airson tighinn do Bhoulogne airson a bhith aig do thaobh. Tha mi an dòchas gum bi sinn leat goirid às dèidh na litreach seo.
Le tròcair Dhè, feith oirnn!Ìý O tha sinn a’ guidhe ort, feith oirnn!!
Oir is sinne do Dhadaidh agus do Mham aig a bheil gaol ort.
PS
Tha litir air ùr thighinn bhod Chompany Commander a’ toirt dhuinn am fiosrachadh uabhasach gur e bà s-leòn a bha agad; gun do shiubhal thu an-dè, an 18mh latha den Dà mhair agus gu bheil thu ri bhith nad shìneadh ann an ùir na Frainge aig cladh nan saighdear TERLINCTHUN còmhla ris na gaisgich eile a bha leat.Ìý Sibh a bha uile dìleas gu bà s.
Ge b’ e cà ite a bheil thu a-nis, ann an là thaireachd do Chruthaidheir, cuimhnich gum bi sinn a’ smaoineachadh ort agus gad chaoidh ri ar maireann - mar a bhios iadsan, ar teaghlach a thig anns an à m ri teachd, a bhios aig taobh d’ uaigh ag ùrnaigh.
A Mhic: Do chuid de Phà rras dhut gus am bris an latha ’s gum bi sinn còmhla gu sìorraidh!
Broadcasts
- Tue 5 Aug 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 5 Aug 2014 21:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal