06/08/2014
Dè is 's fhèarr dhuinn a bhi a' draibheadh, cà raichean dìosail no peatral? What's best to drive - diesel or petrol cars?
Tha faisg air trì fichead às gach ceud a' coimhead air post dealain na h-obrach fhads a tha iad air laithean-saora. Am bheil uallach na h-obrach ga 'ur leanntain nuair a tha sinn dheth?
A-rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid, tha e coltach gu bheil barrachd againn a nise dol a-mach a dh' ithe biadh ann an taighean-bidh nar aonar. Dè as coireach gu bheil cuid comfurtail gu leòr leis 's chan eil cuid eile?
Dè is 's fhèarr dhuinn a bhi a' draibheadh, cà raichean dìosail no peatral?
Tha Mark Wringe ag innse mun leabhar is motha a thug buaidh air - Brideshead Revisited air a sgrìobhadh le Evelyn Waugh.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Alasdair MacEachainn
Duration: 02:58
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Alasdair MacEachainn
Aonghais Iain a ghrà idh,
Bha mi cho toilicht’ an litir agad fhaighinn air an t-seachdain sa chaidh agus tha mi an dòchas gu bheil thu a’ dèanamh adhartas anns an ospadal. Gheibh thu beagan fois airson greis an dèidh na tha thu air a dhol troimhe bhon a thòisich an cogadh uabhasach seo agus tha fios gu leig iad dhachaigh thu airson beagan ùine an turas seo an uair a gheibh thu a-mach às an sin. Mas e agus gu faigh thu cead siubhal a Bheinn a’ Bhadhla feuch nach dìochuimhnich thu tadhal orm ann an Glaschu air do rathad dhachaigh.
Tha cùisean air an aon dòigh an seo. Chaidh Aonghas dhachaigh bho chionn trì seachdainean ach cha d’ fhuair e idir a-staigh dhan Infirmary. Dh’obraich e gu cruaidh fhad ’s a bha e ann an Glaschu agus bidh na choisinn e na chuideachadh mòr dha. Chùm mi a phà igheadh air fad dha gus an latha a bha e a’ dol dhachaigh. Bha trì nota deug aige agus bha e roimhe sin air seachd notaichean a chur dhachaigh agus tha còir gun cuidich sin iad gu mòr.
Tha Mà iri dìreach mar a chunnaic thu i ach chaidh Dòmhnall a dhroch ghortachadh. Bhris e grunn asnaichean agus bha e ùine mhòr air an leabaidh ach tha e ceart gu leòr a-nis.
Fhuair mi litir bhon taigh aig toiseach na seachdain agus a rèir choltais tha iad uile gu math. Bha iad ag innse dhomh gun do chaochail Ceit Mhunc às a’ Ghearradh Bheag ged nach robh i air a bhith meadhanach ro fhada.
Chan eil cho fada bhon a chunnaic mi Ailig agus bha e air dhà no trì litrichean fhaighinn bho Dhòmhnall, an gille aig Magaidh a phiuthar. Tha truas agam ri Ailig bhon a bha Dòmhnall na chuideachadh mòr dha agus a’ chlann aige fhèin fhathast cho òg. Chan eil Dòmhnall fhèin ach bliadhna air fhichead ach aig aois far an tionndaidheadh e a là mh ri rud sam bith air a’ chroit. ’S ann a’ faighneachd mu obair na croite a bha e agus bidh cuimhne agad cho tric agus a bhitheadh e a-muigh a’ sealg nan gèadh. Bidh iad pailt gu leòr am Beinn a’ Bhadhla air a’ gheamhradh seo agus na sealgairean òga air fad air falbh dhan chogadh. Bha e cuideachd ag innse dhomh gun cuala e bho Ailig òg ann an Canada. Tha e an-drà sta ag obair ann an Calgary agus tha e air dèanamh math dha fhèin anns an dà bhliadhna bhon a chaidh e null ach tha e ag radh gu bheil gnothaichean a-nis a’ dol sìos ri linn a’ chogaidh. Tha mi a’ smaointinn gu bheil Ailig òg a’ faireachdainn cho fad air falbh bho theaghlach agus a’ gabhail uallach mhòr mu chuid caraidean òg a tha air falbh dhan chogadh agus esan sà bhailt dha chosnadh ann an Canada.
Mar a tha sinn uile, tha e an dòchas nach bi fada gus an tig crìoch air an sgrios uabhasach seo. Bha Ailig òg an-còmhnaidh cho coibhneil agus a rèir choltais cha tà inig atharrachadh sam bith ann: chuir e airgead dhachaigh thuca air fad an cois na litreach. Bidh e a’ cluinntinn bho pheathraichean ann an Ameireaga agus tha iadsan cuideachd a’ dèanamh gu math.
Fà gaidh mi aig an sin e an-drà sta agus bidh mi a’ coimhead air adhart ri litir bhuat agus an dòchas nach bi fada gus am faic sinn a chèile.
Do phiuthar,
Ceit.
Broadcasts
- Wed 6 Aug 2014 09:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Aug 2014 21:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal