15/08/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 787
Duration: 05:00
Litir 787: An Dùthaich Iongantach
Ann am badeigin air a’ Ghà idhealtachd tha dùthaich dhìomhair. An Dùthaich Iongantach a chanar rithe. Buinidh a h-uile duine a tha a’ fuireach innte don aon chinneadh – A’ Chlann Iongantach. Agus ’s e fear dhiubh – Gòrach Mòr MacIongantach – a dh’fhà g an eachdraidh seo againn.
Tha sinn an dùil gur e Goiridh a bh’ air mar ainm agus gur e Gòrach am frìth-ainm a bh’ air. Bha dithis bhrà ithrean air an robh an t-aon ainm-baistidh – rud nach robh annasach am measg nan Gà idheal. Bha Gòrach Mòr trì bliadhna na bu shine na Gòrach Beag. Thathar ag rà dh gur iad na gillean seo as coireach ris an t-seanfhacal ’S iongantach na nì na Gòraich, ach is gòrach na h-Iongantaich co-dhiù.
’S e an rud a b’ annasaiche a bh’ ann mun Dùthaich Iongantaich gun robh na daoine dhen mheud à bhaisteach, ach gun robh a h-uile cà il eile na bu mhotha na ’n à bhaist. Iongantach mòr.
Cha robh craobh sam bith san dùthaich. Is math nach robh oir bha na lusan is luibhean fhèin cho mòr ri craobhan. Nuair a bha am beà rnan-brìde fo bhlà th bha e mar gun robh thu a’ coiseachd tro choille bhuidhe. Nuair a bha uisge mòr ann, bhiodh na daoine a’ faighinn fasgadh fo dhuilleagan an rùbraib. Agus, airson bà ta a dhèanamh, cha robh aca ach duilleag de Chuach Phà draig a bhuain. Ach dh’fheumadh iad sà bh airson an gas a bhriseadh.
Bha na daoine measail air buinneagan Bruisealach. Ach bha na buinneagan fhèin cho à rd os cionn na talmhainn ’s gun robh e doirbh am buain nuair a bha iad deiseil airson ithe. Gu fortanach, bha Gòrach Beag air a bhith anns na h-Innseachan far an do dh’ionnsaich e craobh pailm a shreap airson cnòthan-còco fhaighinn. Agus bhiodh e a’ buain nam buinneagan Bruisealach anns an aon dòigh, a’ giùlain sgian mhòr na bheul.
Ach, latha a bha seo, thuit buinneag air co-ogha dha. Bha an gille gun mhothachadh airson dà latha mus do chaochail e. Chun an latha an-diugh, ma tha gin de Chlann Iongantach ann an cunnart, bithear ag èigheachd ‘buinneag shuas!’ Agus ’s e sin as coireach gur e buinneag a th’ aig a’ chinneadh mar shuaicheantas agus gur e ‘clann nam buinneag’ a chanas cinnidhean eile ris na h-Iongantaich.
Bha e furasta biadh gu leòr fhaighinn san dùthaich. Bha na buntà ta cho mòr ri tairbh. Bha na bric cho mòr ri cearbain. Agus na fèidh – uill, am faca sibh riamh dealbh de bhrontosaurus?
Bha sin a’ fà gail gun robh na h-ainmhidhean – eadhon an sprèidh fhèin – cunnartach. Agus bha samhla aig na daoine – ‘cho cunnartach ri tòn mairt’. Tuigidh sibh mar a dh’èirich an abairt sin. Thathar ag rà dh, latha a bha seo, gun tà inig buachair air cailleach bheag gun fhiosta dhi. Chaidh trì latha seachad mus deach a corp a lorg. Bha an crodh-bainne cho mòr ’s gun robh na daoine air sguir am bleoghainn o chionn fhada. Ach bhiodh iad a’ bleoghainn nan coineanach ’s nan luchan – nuair a gheibheadh iad grèim orra.
Aidh, ’s e Dùthaich Iongantach a bh’ innte, gun teagamh. Agus aon rud eile a bha annasach. Bha e an aghaidh an lagh breug innse. Tha fios againn mar sin gur e an fhìrinn ghlan a thug Gòrach Mòr dhuinn. Cho glan ris an eabar.
Faclan na Litreach
´Ú°ùì³Ù³ó-²¹¾±²Ô³¾: nickname; buinneagan Bruisealach: Brussels sprouts; shuaicheantas: [clan] crest; an fhìrinn ghlan: the complete truth; eabar: mud.
Abairtean na Litreach
Ann am badeigin air a’ Ghà idhealtachd tha dùthaich dhìomhair: somewhere in the Highlands there is a secret land; buinidh a h-uile duine don aon chinneadh: everybody belongs to the same clan; a dh’fhà g an eachdraidh seo againn: who left us this story; bha dithis bhrà ithrean air an robh an t-aon ainm-baistidh: there were two brothers with the same given [baptism] name; gur iad na gillean seo as coireach ris an t-seanfhacal: that these lads are responsible for the proverb; gun robh na daoine dhen mheud à bhaisteach: that the people were of [the] normal size; gun robh a h-uile cà il eile na bu mhotha na ’n à bhaist: that everything else was bigger than normal; nuair a bha am beà rnan-brìde fo bhlà th: when the dandelion was in flower; fasgadh fo dhuilleagan an rùbraib: shelter under the leaves of the rhubarb; cha robh aca ach duilleag de Chuach Phà draig a bhuain: they only had to pick a leaf of the Greater Plantain; dh’fheumadh iad sà bh airson an gas a bhriseadh: they would need a saw to break the stalk; far an do dh’ionnsaich e craobh pailm a shreap airson cnòthan-còco fhaighinn: where he learned to climb a palm tree to get coconuts; a’ giùlain sgian mhòr na bheul: carrying a large knife in his mouth; bha na bric cho mòr ri cearbain: the trout were as big as basking sharks; cho cunnartach ri tòn mairt: as dangerous as a cow’s backside; gun tà inig buachair air cailleach bheag gun fhiosta dhi: that dung came upon a little old woman without warning; bhiodh iad a’ bleoghainn nan coineanach ’s nan luchan: they would milk the rabbits and the mice; bha e an aghaidh an lagh breug innse: it was against the law to tell a lie.
Puing-chà nain na Litreach
Bha Gòrach Mòr trì bliadhna na bu shine na Gòrach Beag: Big Gòrach was three years older than Wee Gòrach. The practice of giving two brothers (and occasionally sisters) the same name was once common, and is still to be found in the Gà idhealtachd. It is sometimes responsible for the descriptor ‘Mò°ù’ for the first-born of the brothers, and ‘µþ±ð²¹²µâ€™ for the second eg Dòmhnall Mòr and Dòmhnall Beag, referring to relative size in childhood but not as adults.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 15 Aug 2014 11:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Aug 2014 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.