Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 24 Aug 2014 14:55

Clip

Clach a’ Choire, Tiriodh

Bha mi ann an Tiriodh o chionn greis. Anns an fharsaingeachd, tha mi car measail air àiteachan far a bheil beinn is monadh, agus chan e sin an seòrsa eilein a th’ ann an Tiriodh. Ach, a dh’aindeoin sin, tha rudeigin tarraingeach dhomh mu dheidhinn Tiriodh Ìosal an Eòrna.

Chan eil fhios a’m buileach dè th’ ann. Tha na tràighean brèagha, agus tha am machair làn fhlùraichean. Tha na seallaidhean fada agus tha na h-eòin pailt. Tha na Tiristich laghach, agus tha dualchas Gàidhlig air leth aca. Ma tha a h-uile càil mar sin agaibh, ’s dòcha nach eil sibh feumach air beanntan!

Bha mi a’ fuireach ann am Baile Phèadrais air taobh a tuath an eilein. Ann an àite far a bheil ainm Lochlannach air grunn bhailtean – leithid Sgairinis, Circeabol, Got is Grianal – tha am facal Gàidhlig ‘baile’ a’ nochdadh gu math tric. ’S aithne dhomh sia dhiubh ann an Tiriodh – Baile Phuill, Baile Mhuilinn, Am Baile Nodha, Baile Mhàrtainn, Am Baile Meadhanach agus Baile Phèadrais. Ann am Beurla, ach a-mhàin am Baile Meadhanach, air a bheil Middleton, tha na bailtean a’ giùlain na h-eileamaid Ghàidhlig. ’S iad sin Balephuil, Balevullin, Balinoe, Balemartine agus Balephetrish.

Bha Baile Phèadrais air ainmeachadh, a rèir choltais, airson fear Aodh MacPhèadrais a bha na chlèireach anns a’ chòigeamh linn deug. Bha mi toilichte a bhith a’ fuireach ann oir ’s e am baile as fhaisge air rud ainmeil a bha mi riamh ag iarraidh fhaicinn dhomh fhìn. ’S e sin Clach a’ Choire. Tha daoine nas eòlaiche oirre an-diugh mar The Ringing Stone, oir bidh i a’ dèanamh fuaim mar chlag nuair a bhualas tu oirre le clach eile.

Tha i faisg air a’ chladach. ’S dòcha gu bheil i ann an nàdar de choire eu-domhainn agus gur e sin as coireach ri a h-ainm ann an Gàidhlig. Chan eil mi buileach cinnteach. Ach ’s e clach iongantach a th’ innte.

Tha còrr is trì meatairean de dh’fhad innte, dà mheatair gu leth de leud, agus tha i faisg air m’ àirde fhèin os cionn na talmhainn. Agus tha aon rud cinnteach mu a deidhinn – cha bhuin i do Thiriodh. ’S e clach iomrallach a th’ innte. ’S e sin a’ Ghàidhlig air erratic – clach a chaidh a thoirt à àite eile ann an dèigh o chionn còrr is deich mìle bliadhna. Clach iomrallach.

Tha i air a dèanamh de chlach-ghràin, seòrsa a tha mòran nas òige na ’n gneiss a tha timcheall oirre. Thòisich i a turas ann an Rùm agus sguir i ann an Tiriodh. Nam biodh i ceud slat gu tuath air far a bheil i, cha bhiodh sgeul oirre, oir bhiodh i fo na tuinn. Agus ’s e sin a thachras do Thiriodh, a rèir beul-aithris, ma thèid a’ chlach a sgàineadh. Thèid an t-eilean fo na tuinn. Tha beul-aithris cuideachd ag innse dhuinn gun deach a tilgeil ann le famhair.

Tha daoine air a bhith gu math eòlach oirre o chian nan cian. Tha i còmhdaichte le caogad ’s a tri làraichean mu mheud cupa a tha cruinn no ann an cumadh uighe. Thathar a’ smaoineachadh gun robh a’ chlach naomh ann an dòigh air choreigin don t-sluagh ro-eachdraidheil a bha a’ fuireach ann. Bha, agus tha, i sònraichte do na Gàidheil cuideachd. Innsidh mi dhuibh stòiridh mu a deidhinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

³¦±ôè¾±°ù±ð²¹³¦³ó: cleric; clach iomrallach: erratic [stone]; ³¦±ô²¹³¦³ó-²µ³ó°ùྱ²Ô: granite; ro-eachdraidheil: prehistoric.

Abairtean na Litreach

tha rudeigin tarraingeach dhomh mu dheidhinn Tiriodh Ìosal an Eòrna: there is something attractive about low-lying Tiree of the barley [a poetic name for the island]; chan eil fhios a’m buileach dè th’ ann: I don’t know exactly what it is; tha am machair làn fhlùraichean: the machair is full of flowers; ’s aithne dhomh sia dhiubh: I know six of them; tha na bailtean a’ giùlain na h-eileamaid Ghàidhlig: the villages carry the Gaelic element; ’s e am baile as fhaisge air rud ainmeil a bha mi riamh ag iarraidh fhaicinn dhomh fhìn: it’s the village closest to a famous thing I had always wanted to see for myself; bidh i a’ dèanamh fuaim mar chlag nuair a bhualas tu oirre le clach eile: it makes a noise like a bell when you hit it with another stone; tha còrr is trì meatairean de dh’fhad innte: it is more than three metres long; a chaidh a thoirt à àite eile ann an dèigh: that was brought from another place in ice; thòisich i a turas ann an Rùm: it started its journey on Rum; nam biodh i ceud slat gu tuath air far a bheil i: if it were a hundred yards north of where it is; cha bhiodh sgeul oirre: there would be no sign of it; ma thèid a’ chlach a sgàineadh: if the stone is split; thèid an t-eilean fo na tuinn: the island goes under the waves; gun deach a tilgeil ann le famhair: that it was thrown there by a giant; còmhdaichte le caogad ’s a tri làraichean mu mheud cupa: covered with 53 markings about the size of a cup; ann an cumadh uighe: egg-shaped.

Puing-chànain na Litreach

Tiriodh: Tiree. I have gone with the local pronunciation of the island name (only approximately, as there is a particular local way of producing the slender ‘r’ that I can’t replicate). But in other parts of the Gàidhealtachd the island is called Tiridhe. The understanding is that it means ‘land of corn’ (³Ùì°ù+¾±´Ç»å³ó), the fertile island being a granary for much of this part of the country during the Lordship of the Isles and even back in the days of Columban Iona, and that iodh has the genitive singular form idhe in some dialects. Whether this is the true origin of the island’s name, I shall leave to the scholars!

Gnàthas-cainnt na Litreach

gu math eòlach oirre o chian nan cian: very familiar with it since time immemorial.

Broadcasts

  • Fri 22 Aug 2014 11:55
  • Sun 24 Aug 2014 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast