Main content
This programme is not currently available

Catriona Mhurchaidh The脿rlaich

Na laoidhean agus a' bh脿rdachd spioradail aig Catriona NicDh貌mhnaill 脿s a' Ghlais-Pheighinn. A selection of spiritual poetry and hymns composed by Catriona MacDonald, Glasphein.

Rugadh Catr矛ona NicDh貌mhnaill san D矛g, an Stafainn san Eilean Sgitheanach, air 3 D霉bhlachd 1925. B' i bu shine san teaghlach aig Murchadh MacLe貌id, Murchadh The脿rlaich, agus a bhean M貌r NicFhionghain, iad le ch猫ile 脿s an D矛g. Bha aon phiuthar aice, Anna, agus tri霉ir bhr脿ithrean, D貌mhnall, Te脿rlach Iain agus Murchadh, a chaochail na leanabh.

Chaidh i don sgoil as an D矛g agus, nuair a dh'fh脿g i aig aois 14, b' e a' chiad obair a bh' aice coimhead 脿s d猫idh cailleach ann an Cinnseaborg. Thug i greis cuideachd ag obair anns an Taigh Sheinnse, mar a bha air an taigh as an robh Oifig a' Phuist an Stafainn, nuair a bha am boireannach a b' 脿bhaist a bhith ann tinn airson 霉ine.

An uair sin chaidh i a dh'Inbhir Nis far an do ch貌rd e gu m貌r rithe a bhith ag obair, a' coimhead 脿s d猫idh seann daoine, anns a' Mayfield Home of Rest. An d猫idh sin chaidh Catr矛ona a dh'obair ann an Oifig Puist a bha aig piuthar a m脿thar ann an Eilean Arainn. Nuair a chaochail a h-athair thug i mu bhliadhna aig an taigh c貌mhla ri a m脿thair.

Dh'fhalbh i an uair sin a Ghlaschu, gu bhith na banaltram ann an Ospadal Stobhill, obair a thug m貌ran tlachd dhith. B' ann an Glaschu, ann an 1948, a ph貌s i D貌mhnall D貌mhnallach, D貌mhnall nan Crannag 脿s a' Ghlais-Pheighinn ann a' Stafainn. Thill iad air ais don Eilean Sgiathanach agus thog iad ceathrar theaghlach anns a' Ghlais-Pheighinn: Chris Ann, D貌mhnall, M貌rag agus Murdella.

"'S ann an tr矛 fichead 's a h-aon deug a sgr矛obh mi a' chiad laoidh, 脿m na Nollaig. Bha mi nam shuidhe ri taobh an teine oidhche, 's mi ag 猫isteachd seinneadair ainmeil a' seinn laoidh a chaidh eadar-theangachadh dhan chloinn. 'S nuair a bha e ullamh thuirt mi, "O well, dh猫anadh tu fh猫in na b' fhe脿rr na siud!" Agus d矛reach th脿inig rud gam ionnsaigh ag r脿dh "An d猫an thu fh猫in e?" agus dh'猫irich mi is sgr矛obh mi a' chiad t猫, do chloinn."

Gl貌ir do Dhia sna h-脿rdaibh
Is air an talamh s矛th;
Gl貌ir do Dhia sna h-脿rdaibh
Deagh ghean do dhaoin';
Gl貌ir do Dhia sna h-脿rdaibh
Siud thuirt ainglean Dh猫;
Gl貌ir do Dhia, rugadh 脤os'
Ann a' st脿ball Bhetl猫hem.

Tha Catr矛ona soilleir gur e gibht a tha anns an t脿lant a th' aice:

"Chan e sgoilearachd, 's chan e c脿il s貌nraichte a bh' annams' idir, idir. 'S e gibht a bh' ann agus mar bu trice thigeadh rudeigin gam ionnsaigh.

Bha greis mhath ann mus robh fios aig duine gu robh Catr矛ona a' sgr矛obhadh:

"A' chiad t猫 a chaidh a chl脿radh, 's ann ann a' Record na h-Eaglais' a bha i, 's chan eil fhios agamsa fhathast c貌 a chuir ann i. 'S chan eil fhios agam abair bith c貌 a chuir ann i, ciamar a fhuair iad i."

Tha Catr矛ona air mu cheud laoidh a dh猫anamh, a' mh貌r-chuid ann an G脿idhlig, air cuspairean eadar-dhealaichte, ged tha pr矛omh chuspairean aice mar a mh矛nich i fh猫in:

"Ionndrainn, tha sin a' togail t貌rr smuaintean agus gu h-脿raid d猫 a tha air thoiseach oirnn. 'S toigh leam a bhith a' sgr矛obhadh mu dheidhinn sin, mas urrainn dhomh, agus trioblaidean an t-saoghail, 's mar tha feadhainn a' faighinn barrachd trioblaid na feadhainn eile, 's mar a dh'fhaodadh sin ar sti霉ireadh gu nithean nas 脿irde.

Tha fuinn leithid Abba agus Harmony, a chruthaich Catr矛ona airson sailm, gan cleachdadh san eaglais. Rinn i Harmony greis an d猫idh dha a br脿thair caochladh agus dh'fhaighnich i dhan teaghlach aige d猫 bheireadh i air an fhonn 霉r. Bha b脿ta aige air an robh Harmony agus sin an t-ainm a roghnaich iad.

Chaidh d脿 leabhar de na laoidhean aig Catriona a chur an cl貌 anns na ceithir ficheadan, Sgeul na R猫ite agus Bannan Gr脿idh, agus bho chionn ghoirid nochd leabhar 霉r, A' Chreathall, an Crann 's an Cr霉n, pr貌iseact a chuir an teaghlach aice air d貌igh far a bheil cruinneachadh gu math nas motha de na laoidhean aig Catriona. Th脿inig an t-ainm bho ph矛os b脿rdachd a sgr矛obh i 脿s d猫idh 猫isteachd ri searmon bhon Urr Iain Fearghasdan, nach maireann, far an do chleachd e fh猫in na dearbh bhriathran.

Tha i cuideachd ri cluinntinn bho 脿m gu 脿m air 大象传媒 Radio nan G脿idheal le Smuain na Maidne.

30 minutes

Last on

Sun 17 Aug 2014 13:00

Broadcasts

  • Mon 11 Aug 2014 13:30
  • Mon 11 Aug 2014 22:00
  • Sun 17 Aug 2014 13:00