Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 21 Sep 2014 14:55

Clip

Litir 792: Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean

Bha mi ag innse dhuibh mar a thàinig na sìthichean gu bith. Cha robh cead aca falbh a-mach às na tuill aca bho Dhiardaoin gu Didòmhnaich oir bha na làithean sin naomh do Chrìosdaidhean. Chuir e nam chuimhne seann sgeulachd a chuala mi o chionn bhliadhnaichean. ’S e an t-ainm a th’ oirre Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha dithis bhodach a’ fuireach anns an aon ghleann. Bha iad le chèile crotach. Bhiodh iad a’ gabhail turas mu seach gach Didòmhnaich a dhol a chèilidh air a chèile. Ach, air an rathad eatarra, bha coille mhòr dhorcha.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Didòmhnaich a bha seo, bha fear de na bodaich air chuairt mar a b’ àbhaist. Nuair a bha e faisg air cnoc gorm ann am meadhan na coille, chuala e guthan. Bha na sìthichean am broinn an t-sìthein a’ gabhail òran. Seo mar a chaidh e: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt. Sheinn iad an aon rud a-rithist agus a-rithist. Chaidh am bodach na b’ fhaisge. Chuir e a cheann a-steach. Chunnaic na sìthichean e agus sguir iad a’ seinn.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Dè tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh gu crosta.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Tha mi a’ cluinntinn,’ ars am bodach, ‘nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain sin. Tha iad agam, ge-tà. Ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean còmhla. Agus thòisich am bodach air seinn: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha na sìthichean air leth toilichte agus thug iad taing mhòr don bhodach. Fhad ’s a bha e a’ coiseachd air falbh bhon t-sìthean, thòisich a dhruim air fàs aotrom. Dh’fhalbh a’ chroit agus bha am bodach a-nise cho dìreach ri saighead. Choisich e a-mach às a’ choille a-null gu taigh a charaid. Cha b’ urrainn don bhodach eile an gnothach a chreidsinn. Bha e fhèin airson faighinn cuidhteas na croite aige fhèin anns an aon dòigh.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An ath Dhidòmhnaich chaidh an dàrna bodach air chuairt tron choille, agus e fhathast a’ giùlain croit mhòr air a dhruim. Nuair a ràinig e an sìthean, bha na sìthichean a’ gabhail òran: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain. Cha robh faclan eile ann ach sin. A-rithist ’s a-rithist. Chuir am bodach a cheann a-steach air an doras aca.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘De tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Tha mi a’ cluinntinn,’ ars esan, ‘nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain sin. Tha iad agam, ge-tà. Agus ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus sheinn am bodach: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin ’s Dihaoine.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ach cha do chòrd sin ris na sìthichean idir. ‘Mhill thu an t-òran againn,’ dh’èigh iad. ‘A-mach à seo leat!’ Agus nuair a theich am bodach fhuair e a-mach nach robh a’ chroit aige air fàs na bu lugha idir. Gu dearbh, bha croit a’ bhodaich eile air a dhol air a dhruim-san cuideachd. Bha e a-nise dà-chrotach agus cha robh e ann an sunnd idir.

Faclan na Litreach

crotach: humpbacked; ³¾Ã¬´Ç°ù²ú³ó²¹¾±±ô: marvel; »åà-³¦³ó°ù´Ç³Ù²¹³¦³ó: two-humped.

Abairtean na Litreach

mar a thàinig na sìthichean gu bith: how the fairies came into being; bho Dhiardaoin gu Didòmhnaich: from Thursday to Sunday; chuir e nam chuimhne seann sgeulachd: it reminded me of an old story; air an rathad eatarra, bha coille mhòr dhorcha: on the road between them, there was a large dark forest; nuair a bha e faisg air cnoc gorm ann am meadhan na coille: when he was near a green hill in the middle of the forest; chuala e guthan: he heard voices; bha na sìthichean am broinn an t-sìthein a’ gabhail òran: the fairies inside the fairy hillock were singing a song; chunnaic na sìthichean e agus sguir iad a’ seinn: the fairies saw him and they stopped singing; nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir: that you don’t know all the words; ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma: if you take the hump off my back; siuthad, ma-thà!: go on, then!; thug iad taing mhòr don bhodach: they warmly thanked the old man; thòisich a dhruim air fàs aotrom: his back began to get light; cho dìreach ri saighead: as straight as an arrow; bha e fhèin airson faighinn cuidhteas na croite aige fhèin: he was wanting to get rid of his own hump; cha do chòrd sin ris na sìthichean idir: the fairies didn’t like that at all; mhill thu an t-òran againn: you wrecked our song; a-mach à seo leat!: get out of here!; nach robh a’ chroit aige air fàs na bu lugha idir: that his hump hadn’t got smaller at all; cha robh e ann an sunnd idir: he was not at all happy.

Puing-chànain na Litreach

bha croit a’ bhodaich eile air a dhol air a dhruim-san cuideachd: the other bodach’s hump had gone on his back as well. Don’t forget the use of the emphatic suffixes after a noun. People are tending towards saying (eg) air an druim aigesan rather than air a dhruim-san, creating emphasis through the use of the prepositional pronoun. But this is not necessary!

Gnàthas-cainnt na Litreach

: a’ gabhail turas mu seach gach Didòmhnaich:  taking turn about every Sunday.

Broadcasts

  • Fri 19 Sep 2014 11:55
  • Sun 21 Sep 2014 14:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast