26/09/2014
Tha an litir do luchd-ionnsachaidh a' coimhead air bà rdachd dhrabasta Alasdair Mhic Mhaighsteir Alasdair. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 793
Duration: 05:00
Litir 793: Mì-mhodh ann an Gà idhlig
 Cò am bà rd a bu chliùitiche a bh’ againn riamh ann an saoghal na Gà idhlig? Bidh cuid a’ cur Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair gu mullach a’ chlà ir oir ’s e sà r-bhà rd a bh’ ann. Bha e gu math geur. Ach cha robh e cho geur ’s nach fhulaingeadh e cleas bho à m gu à m.
           Tha stòiridh ann mu thuras a bha Alasdair agus ministear eaglaise a’ còmhradh ri chèile. ‘Tha glè bheag de naidheachd phoblach agam,’ thuirt am ministear, ‘ach dè naidheachd phrìobhaideach a th’ agad fhèin?’
           ‘Glè bheag, gu dearbh,’ fhreagair Alasdair.
           ‘Nach cuala tu dad anns a’ pharaiste as fhiach innse dhomh?’ thuirt am ministear?
           ‘Cha chuala.’
           ‘Uill,’ ars am ministear, ‘tha naidheachd agam dhut fhèin.’
           ‘Dè th’ ann?’ thuirt Alasdair.
           ‘Tha fear de na h-èildearan agam air an nurs aige a dhèanamh trom,’ thuirt am ministear. Chuir e iongnadh air Alasdair nach robh e air dad a chluinntinn mu dheidhinn sgainneal mar sin. Bha e a’ smaoineachadh gun robh fios aige air a h-uile rud a bha a’ dol. Nuair a chaidh e dhachaigh, dh’inns e an naidheachd do a bhean. Rinn i gà ire. ’S e nurs a bh’ innte-se agus bha i trom le leanabh. B’ e Alasdair fhèin an t-èildear!
           Chan e gun robh Alasdair faoin no ain-deònach dèiligeadh ri ceistean de a leithid. Gu dearbh, ’s ann air a’ chaochladh a bha e. Sgrìobh e gu leòr de bhà rdachd a bhiodh mòran a’ tomhas mar ‘drabasta’, ged as e glè bheag dhith a fhuair ann an clò. Mar a sgrìobh Iain MacCoinnich anns a’ chruinneachadh ainmeil aige ‘Sà r-obair nam Bà rd Gà idhealach’, ‘while as a poet [Mac Mhaighstir Alasdair] merits the highest praise, he is not to be excused for his immoral pieces, which of course are excluded from [this publication].’
           Cha robh na Bhictòrianaich ro dhèidheil air sgrìobhadh a bha ‘mì-mhoralta’ ann an dòigh sam bith, co-dhiù nuair a thigeadh e gu feise. ’S dòcha gun robh sabaid is marbhadh is droch-dhìol ceart gu leòr, ach cha bhiodh e idir fallain a bhith a’ foillseachadh gu robh fir is boireannaich ana-miannach, co-dhiù bha sin anns an t-seòmar-chadail no air an taobh a-muigh dheth. Ann an saoghal na Gà idhlig, bha an casg sin a cheart cho là idir ’s a bha e ann an saoghal na Beurla. Chun an latha an-diugh, cha mhòr nach eil e do-dhèante bà rdachd dhrabasta Mhic Mhaighstir Alasdair a lorg.
           Anns an fhicheadamh linn, dh’atharraich cùisean ann an saoghal na Beurla gu mòr, ged a thug e ùine. Chaidh Lady Chatterley’s Lover le D H Lawrence fhoillseachadh san Eadailt ann an naoi ceud deug, fichead ’s a h-ochd (1928) ach ’s ann an naoi ceud deug is seasgad (1960) a chaidh an dreach slà n a chur an clò anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus, ann an Gà idhlig, uill … tha sinn a’ feitheamh fhathast airson a leithid de nobhail!
           Ach – cleas gach sluagh eile san t-saoghal – bhitheadh na Gà idheil a’ beachdachadh air cuspairean mar sin – gaol, nòisean, miann, sannt. Agus bithidh fhathast! Ach, bhon litreachas againn, cha mhòr gum biodh fios agad.
           Uill, chan eil sin fìor tuilleadh. O chionn ghoirid thà inig leabhar beag a-mach air a bheil The Naughty Little Book of Gaelic. Bheir sinn sùil air an-ath-sheachdain. Uill, air na pìosan a tha ceadaichte…!Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Chun an latha an-diugh, cha mhòr nach eil e do-dhèante bà rdachd dhrabasta Mhic Mhaighstir Alasdair a lorg: to this day, it’s almost impossible to find Mac Mhaighstir Alasdair’s erotic (some would say ‘obscene’) poetry. Cha mhòr nach eil e ‘it’s almost’. Cha mhòr nach eil mi deiseil ‘I’m almost ready’. A bheil an dìnnear deiseil? Cha mhòr nach eil. ‘Is dinner ready? Almost.’
Gnà thas-cainnt na Litreach
’s ann air a’ chaochladh a bha e:  on the contrary, it was quite the opposite.
Broadcasts
- Fri 26 Sep 2014 11:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Sep 2014 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.