03/10/2014
Tha an litir do luchd-ionnsachaidh a' coimhead air bà rdachd dhrabasta Alasdair Mhic Mhaighsteir Alasdair. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 794
Duration: 05:00
Litir 794: Mì-mhodh ann an Gà idhlig - Pà irt 2
Goirid às dèidh dhomh ‘Litir do Luchd-ionnsachaidh’ a thòiseachadh – còrr is còig bliadhn’ deug air ais – sgrìobh boireannach thugam aig a’ BhBC. Bha an litir ann am Beurla agus na cois bha duilleag bhà n. Bha i ag iarraidh orm an duilleag a lìonadh le droch chainnt – mionnachadh ’s a leithid – ann an Gà idhlig. Sgrìobh mi air ais thuice – ‘A bhana-charaid chòir, ’s dòcha gun dèan mi a leithid dhuibh nuair a tha sibh fileanta gu leòr gus litir a sgrìobhadh ann an Gà idhlig. Ach, leis an fhìrinn innse, ’s e glè bheag de dh’eòlas a th’ agam air cainnt mar sin co-dhiù.’ Cha chuala mi a-rithist bhuaipe.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Saoilidh mi gu bheil a’ Bheurla Shasannach – no a’ Bheurla Anglo-Shagsannach – mòran nas fheà rr na Gà idhlig nuair a thig e gu droch chainnt. Chan eil facal coltach ris an f-word againn. Chan eil no aig na Cuimrich. Chuala mi fìor dhroch chainnt ann an Cuimris aon oidhche. Bha i là n dhen f-word a bhuineas don t-seann Bheurla.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach eil droch fhaclan againn ann an Gà idhlig. Tha iad ann, agus tha leabhar-iùil beag air tighinn a-mach anns a bheil a leithid air a taisbeanadh. A bharrachd air mionnachadh, tha caibideilean ann mu mhallachadh, cleachdadh tombaca, òl is feise. Chan e leabhar ‘à bhaisteach’ a th’ ann, tuigidh sibh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ’S e an t-ainm a th’ air The Naughty Little Book of Gaelic: All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around. ’S e an t-ùghdar, no am fear-cruinneachaidh, Mìcheal Newton agus chaidh an leabhar fhoillseachadh le Foillsichearan Oilthigh Cheap Bhreatainn ann an Alba Nuaidh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ’S e acadamaigeach a th’ ann am Mìcheal Newton, agus chan eil e a’ brosnachadh droch chainnt no droch ghiùlan ann an saoghal na Gà idhlig – no saoghal an luchd-ionnsachaidh! Ach tha e dhen bheachd, mura h-eil daoine eòlach air cainnt mar sin, gum bi iad a’ tionndadh gu Beurla, cà nan a tha là n de a leithid. Ge brith dè ar beachd moralta, bidh daoine ag iarraidh droch fhaclan is droch abairtean a bhith aca anns a’ chà nan a chleachdas iad gu là itheil. Sin mar a tha e. Ach tuigidh sibh gum bi mi car faiceallach mu na h-eisimpleirean a bheir mi dhuibh air an rèidio!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Anns a’ chaibideil mu bhith a’ cur mallachd, tha Mìcheal Newton a’ dèanamh na puing gu bheil a leithid co-cheangailte ri bà s, fulangas agus dìteadh sìorraidh ann an Gà idhlig, agus chan ann ri feise. Seo eisimpleirean: bà s gun sagart ort!; bà s an fhithich ort! (bhathar a’ creidsinn gun robh fithich òga a’ marbhadh na seann fheadhainn); b’ fheà rr leam gun robh thu ann an Hiort!; gun toir am Fear Mòr leis thu! Seo eisimpleirean bhon chaibideil mu mhionnachadh: A mhic an Riabhaich!; A mhic Ifrinn!; ’s e plà igh a th’ annad!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha caibideil cuideachd mu thombaca anns a bheil an t-ùghdar ag innse dhuinn gun robh muinntir Bharraigh cho dèidheil air smocadh ’s gun do dh’fheuch iad ri tombaca fhà s anns an eilean! Agus tha sinn a’ faighinn dà n à Ontario a chaidh a sgrìobhadh anns an naoidheamh linn deug:
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chan eil cailleach, chan eil bodach,
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ged bha fiamh is fraoch gu trod orr’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nach tionndadh gu sìth bhon chogadh
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair gheibheadh iad toit dhen phìob.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha do rà inig sinn òl no feise fhathast. Ach ruigidh – an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
You’ll note that I haven’t included pòg mo thòn ‘kiss my posterior’ in the list of curses – it’s too well known already, even among those who don’t speak Gaelic (for some strange reason!) It’s really interesting when you look through the list of Gaelic curses that there are virtually none which relate to sexual adequacy or the identity of one’s father. In that respect, it’s completely different to English. Perhaps a sociolinguist will have an explanation (and it’s far too simplistic to blame Highland Presbyterianism – the examples were collected in various religious communities, in Nova Scotia in addition to Scotland).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 3 Oct 2014 11:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Oct 2014 14:55´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.