Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Shona NicEanraig

Shona NicEanraig le sùil air adhart gu ball-coise an deireadh sheachdain bhon Phrìomh Roinn gu Iar-Chuairt Dheireannach Cupa Cailleannach a Tuath. A thuilleadh air a sin bidh rugbaidh, iomain, surfadh agus Formula 1 ann an Texas am measg an spòrs eile sa phrògram.

57 minutes

Last on

Sat 1 Nov 2014 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Tha e air ais! Faisg air trì bliadhna bho choinnich iad mu dheireadh tha dearbaidh mòr Ghlaschu air a’ chlàr a-rithist às dèidh do Celtic is Rangers a bhith air an taghadh còmhla san iar-chuairt dheireannach de Chupa Lìog na h-Alba.


’S gann gun robh na buill a-mach às a’ bhobhla an uair a thòisich an fhanaid le luchd-taic Celtic ag ràdh gur e seo a’ chiad ghèam aca an aghaidh club ùr a chaidh a stèidheachadh ann an 2012. Ma tha sin fìor, cha bhith iad a’ faireachdain dad nas làidire mu dheidhinn a’ ghèam seo seach nan robh iad air an taghadh an aghaidh Dundee United no Obar Dheathain? Tha eachdraidh cudromach ann am ball-coise, ach eachdraidh bhriste ann no às, tha gu leòr ann air gach taobh agus aig an ìre as àirde air taobh a-staigh Celtic air a bheil fiughar is fadachd an gèam seo fhaicinn air ais.


Dhomh fhèin dheth, feumaidh mi aideachadh gu bheil mi coingeis mu dheidhinn. Tha mi air liuthadach gèam fhaicinn eadar an dà sgioba thairis air na bliadhnaichean agus chan eil teagamh nach eil e am measg nan dearbaidhean as motha air an t-saoghal. Chan ann airson a’ bhall-coise a tha mi ag ràdh sin ged a tha deagh chluiche ri fhaicinn an-dràsta sa rithist annta, ach airson an fhaireachdain a tha am broinn Pàirce Celtic no Ibrox aig na geamachan sin.


Chan eil dòigh eile air a mhìneachadh ach gu bheil gràin bàis aig a’ mhòr chuid air gach taobh air càch a chèile fad uair gu leth agus sin mar a tha e a’ faireachdain dha na cluicheadairean cuideachd. Thurchair gun robh mi ag obair còmhla ri fear dhiubh, John Hartson an t-seachdain seo chaidh agus thubhairt esan an dearbh rud. Bha an Cuimreach air cluiche ann an geamachan mòra aig Arsenal, West Ham is clubaichean eile ann an Sasainn mus tàinig e a dh’Alba a chluiche airson Celtic, ach cha do dh’fhairich e riamh dad coltach ris a’ ghèam an aghaidh Rangers.


Tha e mar gum biodh cuideigin gad cheangal ris a’ ghriod nàiseanta. Tha uiread de dh’fhuaim anns na geamachan sin agus nach cluinn thu do cho-chluicheadairean air a’ phàirce, ach cluinnidh tu a’ ghràin a th’ aig an luchd-taic air càch a chèile agus sin an rud a tha a’ dèanamh a’ ghèam cho sònraichte am beachd cluicheadairean leithid Hartson a chuir aon deug tadhal ann an 27 gèam an aghaidh Rangers.  


Ach tha taobh eile air a’ ghràin sin cuideachd. Na h-ionnsaighean a thèid a dhèanamh air luchd-taic a tha air an glacadh leis nan dathan ceàrr san àite cheàrr; na boireannaich a dh’fhuilingeas droch dhìol san dachaigh mura tèid an gèam mar a mhiannaicheadh fear an taighe; nursaichean, dotairean agus poilis a dh’fheumas cur suas ri droch bheul agus nas miosa bho luchd-taic a tha làn deoch ’s air an leòn. Mar chuideigin a tha gu math taingeil airson an obair a tha Seirbheis na Slàinte a’ dèanamh tha fiosam gu bheil gu leòr dhen luchd-obrach sna h-ospadail a bhiodh toilichte ged nach tilleadh an gèam seo air ais tuilleadh. Tha an saoghal aca air a bhith gu math nas socraiche thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh agus b’fheàrr leotha gum fuiricheadh e mar sin.


Bhiodh e math a bhith a’ smaointinn às dèidh greis air falbh bho chèile gum biodh an luchd-taic airson am puinnsean a tha ceangailte ris a’ ghèam seo a chur air an cùl. Tha mi cinnteach airson a’ mhòr-chuid gur ann mar sin a bhitheas e, ach gu mì-fhortanach tha feadhainn eile ann agus cha chanainn gur e beag-chuid a th’ ann idir a tha a’ sireadh buaireadh. Tha mi an dòchas gum bi mi air mo dhearbhadh ceàrr ach às dèidh a bhith a’ feitheamh 30 mìos, tha eagal orm gum mill na h-amadain sna leth-chiallaich an gèam airson a’ mhòr-chuid. Gu mì-fhortanach chan urrainn dhaibh a chumail ri farpais spòrsail agus sin is coireach gu bheil mi an dà chuid air mo bheò-ghlacadh ’s air mo shàrachadh leis a' ghèam seo.


Deagh Dheireadh Sheachdain dha na Gàidheil sna Cupannan


’S e Bill Shankly nach maireann a thubhairt - "Some people believe football is a matter of life and death. I can assure you it is much, much more important than that." Bha an t-uamhas gliocas agus eirmseachd anns na bh’ aig Shanks còir ri ràdh, ach bha e ceàrr leis an sin agus chunna sinn dearbhadh eile air an deireadh sheachdain seo chaidh an uair a b’fheudar do mhanaidsear sgioba Shealtainn, Niall Bristow, tarraing a-mach à iar-chuairt dheireannach Cupa Chailleanach a Tuath an aghaidh sgioba Leòdhais sna Hearadh air sàilleabh obair mar pharameidig.


Ghlèidh sgioba Billy Flower agus Dòmhnall ‘Dano’ Dòmnallach 2-1 agus mo mhòr bheannachd orra. Bidh iad a-nis a’ cluiche Golspie Sutherland sa chuairt dheireannach. Briseadh-dùil airson balaich Shealtainn ach dearbhadh ma bha dearbhadh a dhìth gu bheil rudan sa bheatha seo agus gu sònraichte sna coimhearsnachdan eileanach againn a tha nas cudromaiche na ball-coise. ’S mòr am beud nach eil feadhainn eile cho ciallach an uair a thig e chun a’ phàirt a th’ aig a’ ghèam nàiseanta nam beatha.


A’ bruidhinn air eileanaich rinn na Gàidheil òga againn math ann an Cupa na h-Alba air an deireadh sheachdain seo chaidh. Chluich Stiùbhart Urchardan an gèam gu lèir aig Dùn Phàrlain a ghlèidh 4-1 an aghaidh Sruighlea an Ear agus chuir Gavin Moireasdan a bhuineas do Chalanais an Leòdhas fear dheth na trì tadhail a chuir Brora Rangers seachad air sgioba Edinburgh City le Màrtainn MacIllEathain bhon a’ Bhac a’ cluiche cuideachd agus Scott Greumach às an Eilean Sgitheanach a’ tighinn far na beingidh san dara leth. Meal-a-naidheachd orra uile agus bidh iad an dòchas cluiche an aghaidh sgiobaidhean nas motha san ath chuairt dhen Chupa.


McCall air Tobar na Màthar a thoirt cho fada ’s as urrainn dha


Tha gliocas an luib manaidsearan ball-coise a chanas gur e an t-àm as fheàrr gluasad gu club ùr an uair a tha cùisean a’ dol leat. Cha b’urrainn dhomh gun smaointinn air an sin an uair a chuala mi gun robh Stuart McCall air a dhreuchd a leigeil dheth aig Tobar na Màthar. Tha McCall air miarailtean beaga obrachadh aig Fir Park bho ghabh e thairis aig deireadh 2010, a’ crìochnachadh san dara àite sa Phrìomh Lìog dà sheusan às dèidh a chèile. Tha e doirbh a ràdh dè a th’air a dhol ceàrr san iomairt seo far a bheil Tobar na Màthar air na còig geamachan mu dheireadh a chall, ach chan eil teagamh agam nach robh cothroman aig McCall gluasad gu dreuchdan ùra nas tràithe air an t-seusan sa. ’S dòcha gu bheil an t-aithreachas air a-nis gun robh e dìleas do chlub a bha e air a thoirt cho fada ’s a b’urrainn dha, ach tha mi an amharas cuideachd nach bi fada gus am faic sinn e air ais ann an dreuchd eile sa ghèam.

Broadcast

  • Sat 1 Nov 2014 09:03

Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gàidhlig