Main content
Sorry, this episode is not currently available

Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. John Morrison and the team with all the latest sports news.

Iain Moireasdan le sùil air adhart gu geamannan ball-coise na seachdain; farpais Iomain Cholmchille a' tachairt ann an Glaschu eadar Alba agus Fir Ulaidh; Geamannan eadar-nàiseanta an Fhoghair a' tòiseachadh ann a rugbaidh le Alba a' coinneachadh ri Astràilia sa chiad ghèam agus Formula 1, ball-basgaid agus gu leòr spòrs eile.

57 minutes

Last on

Sat 8 Nov 2014 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Tha ìomhaigh aig a’ mhòr-chuid de chluicheadairean ball-coise airson a bhith mòr asta fhèin, fad às agus duilich a bhith a’ dèiligeadh riutha. Airson gu leòr dhiubh tha sin fìor, ach aig a’ cheart àm tha mòran sa ghèam cuideachd leithid Darren Fletcher aig Manchester United is Alba a tha cho dòigheil ri bròg.


Tha mi air a bhith fortanach gu leòr eòlas a chur air Darren thairis air na bliadhnaichean eadar geamachan Champions League aig Manchester United no an uair a tha e air a bhith mar phàirt dhen sgioba nàiseanta agus bha e math ùine a chur seachad còmhla ris a-rithist nas tràithe an t-seachdain seo ’s sinn a’ clàradh bhidio trèanaidh airson UEFA. B’e 'passadh' cuspair an latha agus às aonais cluicheadair eile, b’fheudar dhomh fhèin na mo dheise ’s brògan dreaste a bhith mar ‘chluicheadair’ san eacarsaich. Chì sibh pèin toradh ar cuid saothair air làrach-lìn UEFA an ceann beagan sheachdainean, ach tha mi toilichte a ràdh nach do rinn mi culaidh mhagaidh dhìom fhèin agus gun robh Darren gu math "impressed" leis na sgilean passaidh agam!


Chan eil dad as fheàrr leamsa na bhith a’ faighinn ùine cheart mar seo a chur seachad còmhla ri luchd-spòrs, gu sònraichte feadhainn aig a bheil beagan de phearsa agus rudeigin is fhiach ri ràdh. Mar a tha fios aig a h-uile duine a tha a’ leantail ball-coise tha bliadhnaichean gu math duilich air a bhith aig Darren leis an tinneas 'ulcerative colitis' agus an uair nach robh sinn a’ clàradh bha e math barrachd a chluinntinn bhuaithe mu dheidhinn sin agus cho faisg sa thàinig e air stad a chluiche. Bha e math cuideachd stòiridhean a chluinntinn bhuaithe mu dheidhinn Roy Keane ’s mar a bhiodh e a’ feuchainn ri toirt air cluiche do Phoblachd na h-Èireann seach Alba (’s ann à Èirinn a tha màthair Darren) agus mar a bhitheas a charaid aig United Wayne Rooney a’ ceannach lèintean Shasainn dhan chlann aige.


San t-seagh sin tha Darren coltach ri mòran eile air gach taobh air thoiseach air a’ ghèam mhòr an aghaidh Poblachd na h-Èireann Dihaoine seo tighinn. Nan togradh e dh’fhaodadh e a bhith air cluiche do dh’Èirinn agus às dèidh a dhreuchd gu lèir a chur seachad aig Manchester United le teaghlach a chaidh a thogail ann an Sasainn tha mi cinnteach gum bi còmhraidhean gu math inntinneach timcheall a’ bhùird thairis air an deireadh sheachdain a tha romhainn. Ach a thaobh Darren fhèin, cha robh teagamh aige riamh nach b’ann airson Alba a chluicheadh e agus a dh’aindeoin piobrachadh Rooney ’s ann airson Alba a chluicheas an dithis ghillean aige cuideachd ma bhitheas iad math gu leòr.


Mar a tha fios againn chan eil a h-uile duine a’ faireachdain mar sin ge-tà agus sna làithean ron a’ ghèam an aghaidh Èirinn tha sinn air mòran a chluinntinn a-rithist mu dheidhinn an co-dhùnadh a ghabh Aiden McGeady agus James McCarthy cluiche do dh’Èirinn a dh’aindeoin ’s gun do rugadh sa thogadh iad an seo an Alba. Tha cuid leithid Gordon McQueen, seann chluicheadair na h-Alba air a dhol cho fada ri ràdh gum bu chòir do luchd-taic na h-Alba an dithis a dhubh-chàineadh ma chluicheas iad aig Pàirce Celtic oidhche Haoine. ’S toil leam Gordon - bha mi san taigh aige beagan sheachdainean air ais a’ clàradh agallamh leis - ach saoilidh mi gun deach e tuilleadh is fada leis na thubhairt e.


Tha e math gu leòr do luchd-taic beagan fealla-dhà a dhèanamh dhen t-suidheachadh aig McGeady is McCarthy mar phàirt dheth bhith a’ cur an làn thaic ri Alba, ach an uair a thig e gu gràin-cinnidh mar a tha mi air a chluinntinn aig pàircean ball-coise air feadh Alba an aghaidh an dithis seo thairis air na bliadhnaichean, tha mi duilich ach tha sin ceàrr agus cha bu chòir a bhith ga bhrosnachadh. Cuimhnich ’s e FIFA a chur an ceòl air feadh na fìdhle an uair a thug iad an riaghailt mu dheidhinn seanairean a-steach dhan ghèam agus chan eil agad ach coimhead ri sgioba Alba an latha an-diugh airson faicinn mar a tha sinn fhèin air brath a ghabhail air an riaghailt sin le leithid James Morrison a chluich do sgiobaidhean òigridh Shasainn ach a thuig nach fhaigheadh e gèam dhan sgioba mhòr sa ghluais an uairsin gu Alba.


Tha rud no dhà eile air am feumar cuimhne a chumail an seo cuideachd, gu sònraiche gun robh pàirt aig Comann Ball-coise na h-Alba sna co-dhùnaidhean a ghabh McGeady agus McCarthy. Bha Celtic cho mi-thoilichte leis an trèanadh a bha McGeady a’ faighinn còmhla ri sgioba sgoiltean na h-Alba agus gun do tharraing iad na cluicheadairean aca a-mach agus rinn an SFA mearachd mhòr le McCarthy an uair a bha e na bhalach aig Hamilton a’ smaointinn gun robh e ro bheag agus nach ruigeadh e ìre phroifeiseanta. Mar sin, gearain ann no às mu dheidhinn an t-slighe a ghabh McGeady agus McCarthy, tha an SFA fhèin rin coireachadh an seo cuideachd agus bidh iad an dòchas nach dìol sin orra oidhche Haoine.


Togail airson Ball-coise Ã’igridh Uibhist is Bharraigh

Mu dheireadh, bha mi toilichte fhaicinn gun d’fhuair sgioba òigridh ball-coise Uibhist is Bharraigh £5000 aig duaisean coimhearsnachd ann an Lunnainn an t-seachdain seo chaidh. B’iad an aon fheadhainn a-mach à 250 tagradh bho Alba a fhuair troimhe chun a’ chuairt dheireannaich agus bheir an t-airgead seo cothrom dhaibh coidseachan proifeiseanta a thoirt suas dha na h-Eileanan a Deas gus coidseadh a thoirt dhan òigridh. Nam bheachd bu chòir dha na rudan sin a bhith a’ tachairt co-dhiù ach tha daoine leithid Iain 'Donyards' Dòmhnallach agus luchd-obrach saor-thoileach eile air feadh nan eilean rim moladh airson an obair ionmholta a tha iad a’ dèanamh aig ìre coimhearsnachd airson cothroman a thoirt dhan fheadhainn òga.

Broadcast

  • Sat 8 Nov 2014 09:03

Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gàidhlig