02/11/2014
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 798
Duration: 05:00
Litir 798: Gilleasbuig MacDhòmhnaill, ‘Gille na Ciotaig’
Tha sanas air a’ ghà rradh ann an Cladh Chille Chuimein. Tha e a’ cuimhneachadh bà rd Gà idhlig a bha ainmeil ri a linn. Chaidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill a thiodhlacadh anns a’ chladh sin ann an ochd ceud deug is còig-deug (1815), ach chan eil clach-uaighe aige. Cha robh e a’ fuireach anns an sgìre agus cha robh cà irdean aige ann.
           Bha e ann an Cille Chuimein oir bha e air an rathad a dh’Inbhir Nis. Bhiodh bà taichean-aiseig a’ ruith air Loch Nis aig an à m sin, a’ dol a dh’ionnsaigh Inbhir Nis. Tha dùil gum b’ e fà th a thurais na dà in aige fhoillseachadh. ’S iad muinntir Comunn Gà idhlig Inbhir Nis a chuir an sanas ann, a’ comharrachadh a’ bhà ird.
           Rugadh Gilleasbuig ann an seachd ceud deug is caogad (1750) ann am Paibeil ann an Uibhist a Tuath. Bha a ghà irdean clì na bu ghiorra na ’n à bhaist, le meanbh-chorragan air. Bha a ghà irdean deas ceart gu leòr, agus ’s ann leis an là imh dheis a bha e a’ sgrìobhadh.
           Bha Gilleasbuig ainmeil airson a bhith ri aoir. Chlà ir Alasdair MacIlleMhìcheil naidheachd mu dheidhinn turas a bha Gilleasbuig a’ tadhal air caraid ann am Beà rnasdal san Eilean Sgitheanach. Fhuair an t-each aige mu sgaoil agus chaidh e a-steach don phà irc ionaltraidh aig fear-taca Bheà rnasdail. Bha cliù aigesan mar spìocaire.
           Dh’iarr am fear-taca airgead-dìolaidh air Gilleasbuig airson na dh’ith an t-each de dh’fheur. Chuir Gilleasbuig leth-chrùin air a’ gheata ach thòisich e air òran aoireil a chruthachadh is aithris. Dh’iarr am fear-taca air a chuid airgid a thoirt leis, agus gun a bhith a’ gabhail an òrain tuilleadh. Dh’fhalbh Gilleasbuig air muin eich le a leth-chrùin na sporan. Ach bha e fhathast a’ gabhail an òrain!
           Tha stòiridh ann gun robh ceann-cinnidh nan Dòmhnallach, Sir Seumas Dòmhnallach Shlèite, a’ sealg ann an Uibhist a Tuath. Bha Gilleasbuig na ghille fhathast aig an à m. Thà inig Sir Seumas tarsainn air teaghlach air an à irigh. B’ iad sin pà rantan Ghilleasbuig.
           Bha Gà idhlig aig Sir Seumas agus chuir e ceistean air a’ bhoireannach mu a teaghlach. Dh’inns i dha gun robh dithis ghillean aice a’ faighinn foghlam ann an sgoil na paraiste, agus gun robh fear dhiubh gun chomas ann am fear de na gà irdeanan aige. Feumaidh gun do thuig Sir Seumas gun robh i a’ ciallachadh gun robh a’ chearrag air. Oir thuirt e, ‘Is bochd nach e Colla a th’ air mar ainm. Nam b’ e, bhiodh Colla Ciotach eile againn ann an cinneadh nan Dòmhnallach.’ Tha mi an dùil gur e sin as coireach gur e ‘Gille na Ciotaig’ no ‘Gilleasbuig na Ciotaig’ a chanadh daoine ris mar fhrith-ainm, ged nach robh e leis a’ chearraig.
           Mar a thuirt mi, bha Gilleasbuig air an rathad a dh’Inbhir Nis nuair a chaochail e. Thathar an dùil gun do thadhail e air Alasdair Stiùbhart ann an Cille Chuimein. Bha esan uaireigin na mhaighstir-sgoile ann an Uibhist a Tuath. Agus thathar a’ smaoineachadh gun deach feadhainn de dhà in Ghilleasbuig fhoillseachadh anns a’ chruinneachadh de bhà rdachd air an robh Stewart’s Collection. Ach, gu mì-fhortanach, tha e coltach gun deach mòran dhiubh a chall. Is mòr am beud.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
ged nach robh e leis a’ chearraig: although he wasn’t left-handed. This is one way of expressing left-handedness. Another is with the noun ciotag or the adjective ciotach. The famous MacDonald warrior, Alasdair MacColla Chiotaich, was the son of left-handed Coll, although both Coll and Alasdair actually appear to have been ambidextrous, certainly as regards the use of a claymore. Gille na Ciotaig was, by all accounts, actually right-handed because he had a withered left arm – hence the explanation that his nickname might have arisen as a result of a misunderstanding on the part of Sir James MacDonald, the clan chief.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Tha dùil gum b’ e fà th a thurais na dà in aige fhoillseachadh: it’s thought that the purpose of his journey was to publish his poems.
Broadcasts
- Sun 2 Nov 2014 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Nov 2014 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.