09/11/2014
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
An Litir Bheag 495
Corresponding Litir Bheag
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 799
Duration: 05:00
Litir 799: Gaelic Idioms and Expressions
O chionn bhliadhnaichean cheannaich mi leabhar beag grinn a th’ air a bhith air leth feumail dhomh. ’S e Gaelic Idioms and Expressions – with Free Translations tiotal an leabhair. Chaidh a chur ri chèile le fear Donnchadh Dòmhnallach a bha na mhaighstir-sgoile ann am Bun-sgoil Sandwickhill ann an Steòrnabhagh.
           Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Glaschu ann an naoi ceud deug, trithead ’s a dhà (1932) leis a’ Chomunn Ghà idhealach. Ach fhuair mi a-mach gum b’ e sin an dà rna iris dheth. Thà inig a’ chiad eagran a-mach còig bliadhna roimhe sin ann an Steòrnabhagh. Tha e na thobar às an tarraing sinn eisimpleirean de dheagh Ghà idhlig nà darrach.
           ’S e an duilgheadas a bh’ ann nach b’ urrainn dhomh an leabhar a mholadh do dhaoine eile. Cha robh e ri fhaighinn ann an à ite sam bith ach tro luchd-reic sheann leabhraichean. Ach tha sin air atharrachadh o chionn ghoirid. Tha foillsichear ann an Alba Nuaidh air an leabhar a thoirt a-mach à s ù°ù. ’S esan Trueman MacMhathain aig Sìol Cultural Enterprises. Deagh charaid don Ghà idhlig a th’ ann.
           Chan eil an leabhar buileach mar a bha e. Tha rudan a bharrachd ann. Tha faclan, abairtean is gnà thasan-cainnt ann a chaidh a chruinneachadh ann an Alba Nuaidh. Mar eisimpleir, tha e mar a bhiodh ugh air aran ‘he is fidgety, unsettled’ agus ²õ±èì´Ç²Ô²¹²µ²¹²Ô ‘little snowflakes when a fine, light snow is falling.’
           Anns an iris thùsail, bha ‘key words’ ann ach cha robh iad ann an òrdugh na h-aibideil. Cha robh iad furasta a lorg ann an cabhaig. A-nise, tha Trueman air gach facal iuchrach a chur fa leth ann an òrdugh na h-aibideil, a’ tòiseachadh le aghaidh agus a’ crìochnachadh le ù°ù. Tha earrann ann de sheantansan goirid agus abairtean, agus earrann eile de ghnà thasan-cainnt.
           Anns a’ chiad earrainn, fo ceann, tha abairtean ann mar air ceann-turais ‘on business’, air ceann a stocainnean ‘in his stocking feet’, ceann-adhart ‘pillow end of bed’ agus air a cheann fhèin ‘on his own account’. Tuigidh sibh nach eil leabhar seach leabhar – an seann fhear no am fear ùr – a’ leantainn riaghailtean litreachaidh GhOC. Cha robh Gà idheil Chanada an sàs ann an GOC. Tha sinn car buailteach a bhith a’ dìochuimhneachadh gu bheil sluagh thar a’ chuain a’ cleachdadh ar cà nain cuideachd.
           Anns an dà rna earrainn, a-rithist a’ coimhead air ceann, tha gnà thasan-cainnt leithid – carson nach eil thu ann an ceann an eich? ‘why are you not leading the horse?’, thug a’ bhanachag dhuinn gruth agus uachdar na cheann ‘the milkmaid gave us crowdie mixed with cream’ agus chan eil facal Beurla na cheann ‘he cannot speak or understand a word of English’. Ceart gu leòr, tha na h-eisimpleirean sin car seann-fhasanta!
           Ach tha abairtean ann a bhios iomchaidh airson an latha an-diugh, leithid tha e ro fhada na cheann ‘he is too stubborn’, thug e a cheann fodha ‘he disappeared’ agus tha iarrtas gun cheann air clò mòr am-bliadhna ‘there is great demand for Harris Tweed this year’ (rud a tha fìor, tha mi a’ tuigsinn!) Mo bheannachd air Trueman còir airson an leabhar feumail seo a chur an clò.Â
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
leabhar beag grinn a th’ air a bhith air leth feumail dhomh: a nice wee book that has been very useful to me;  chaidh a chur ri chèile le: it was put together by; an dà rna iris dheth: its second edition; thà inig a’ chiad eagran a-mach còig bliadhna roimhe sin: the first version/edition came out five years earlier;  tha e na thobar às an tarraing sinn eisimpleirean: it is a well from which we draw examples; de dheagh Ghà idhlig nà darrach: of good natural Gaelic; tro luchd-reic sheann leabhraichean: through second-hand book sellers; cha robh iad ann an òrdugh na h-aibideil: they weren’t in alphabetical order; furasta a lorg ann an cabhaig: easy to find in a hurry; tuigidh sibh nach eil leabhar seach leabhar a’ leantainn riaghailtean litreachaidh GhOC: you’ll understand that neither book follows the spelling rules of the Gaelic Orthographic Conventions; a’ dìochuimhneachadh gu bheil sluagh thar a’ chuain a’ cleachdadh ar cà nain: forgetting that there is a population across the sea that uses our language; a bhios iomchaidh airson an latha an-diugh: which is suitable for today’s world.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 9 Nov 2014 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Nov 2014 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.