Episode 3
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig air ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnà thasan-cainnt agus abairtean ann an Gà idhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghrà mair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghrà mair Gà idhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghà idhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà ³¾²¹°ù na Gà idhlig, a' mìneachadh dà phuing grà mair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig, gu h-à raid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 3
Duration: 27:27
-
Tar-sgrìobhadh:Tilleadh Dhachaigh
Duration: 02:45
-
Tar-sgrìobhadh:Aithris na Maidne
Duration: 01:26
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 10:23
Iain Urchardan
Tar-sgrìobhadh – Aithris na Maidne, Taisbeanadh Snà th à Muillean Uibhist (TX 18/09/14)
Shona: Airson an taisbeanadh Snà th a tha mar phà irt dhen fhèill Hebtember chaidh an snà th a thoirt do fhigheadairean, cuid a’ fighe le bioran, cuid le beairt agus chaidh fhà gail aca fhèin gu dè a dhèanadh iad leis.
Margaret Joan : Bha sinne dìreach a rà dh riutha "Tha an snà th a seo agus dìreach dèanaibh pèin leis mar a tha sibh a’ faicinn" oir bha sinn air leithid de dhaoine inntinneach agus... air tachairt ris. Bha fhios againn gu robh sùil sgoinneil aca airson rud a dhèanamh agus thà inig iad air ais le dìreach rudan sgoinneil agus rudan cianail snog agus cuideachd tha mi smaoineachadh gu robh iad cho toilichte dìreach cuideigin sin a rà dh riutha. Eil fhios agad? Dìreach dèanaibh rud a tha sibh pèin a’ faicinn.
Shona: Fhuair Margaret Joan beachdan air dè cho math ‘s a tha an snà th a th’ air a dhèanamh thuige seo.
Margaret Joan: Bha pìosan ann, bha fhios againn fhìn nach do dh’obraich cho math ach an uairsin tòrr dhen chlòimh, dhen snà th cuideachd, bha iad cianail toilichte, bha iad a rà dh gu robh e cho math neo na
b’fheà rr na snà th a bha iad air a chleachdadh riamh. Bha an dà chuid a bha sin rudan a bha sinn airson a dhèanamh nas fheà rr agus bha sinn cuideachd toilichte gu robh rud a bha sinn a’ smaoineachadh a bha cianail math...cianail math cuideachd!
Tar-sgrìobhadh Murchadh Peutan : Tilleadh Dhachaigh
Leugh mi ann an aon leabhar sgeulachd glè mhath mu dheidhinn a’ chreig a tha siud aig Rudha nan Clach. Tha e coltach bho chionn fhada, fhada, ‘s dòcha às a' chòigeamh linn deug neo an t-siathamh linn deug gu robh iasgair agus bà ta aige air acaire shìos fon chreig a tha sin agus gun deacha bò leis a’ chreig agus gun do thuit i air a’ bhà ta aige agus chaidh a’ bhò a mharbhadh agus chaidh am bà ta a bhristeadh às a chèile agus chaidh i fodha, ‘s marsin bha call air a’ chroitear bhochd a chaill a bhò agus bha call cuideachd air an iasgair a chaill a’ bhà ta. Agus tha e coltach gun do thog an t-iasgair cùis-lagha an aghaidh a’ chroiteir. Bha e ag iarraidh airgid-dìolaidh tha mi cìnnteach airson an call a dh’fhuiling e. Agus às na là ithean a tha sin ‘s e an ceann-feadhna agus ‘s e na Lèodaich a bha a’ riaghladh shuas nas fhaide na Talaisgeir, Leòdaich Dhùn Bheagain, agus...eh, chaidh a chùirt far an robh ceann-feadhna na Lèodaich agus ‘s ann a thog an croitear an uairsin cùirt-lagha an aghaidh an iasgair is bha e ag rà dh mura b’e gu robh am bà ta ann gu robh a bhò air tuiteam dhan mhuir agus gu robh i air snà mh gu tìr agus nach robh i air a bhith air a marbhadh idir.
Agus cha b’urrainn dhan a Leòdach tighinn gu co-dhùnadh sam bith cò a bu choireach.
Agus aig an à m a bha sin ‘s fheudar gu robh sìth eadar na Leòdaich agus Dòmhnallaich Dhuntuilm agus bha britheamh aig an Dòmhnallach an Duntuilm, ’s e fear MacCuinn a bh’ air tha e coltach agus bha e uamhasach, uamhasach math air breithneachadh a thoirt air suidheachaidhean mar sin agus ‘s e a thachair gun do dh’iarr an Leòdach am faigheadh e iasad dhen bhritheamh a bha seo airson èisteachd ris an dà thaobh dhen sgeul agus tighinn gu co-dhùnadh agus mus do thòisich e fhuair e aonta ge bith dè an co-dhùnadh gun tigeadh an duine a bha seo gu feumar gabhail ris.
Agus, ‘s e nuair a dh’èist an duine glic a bha seo ris an sgeulachd ‘s e a thuirt e, uill, cha b’e a’ bhò bhochd a bu choireach ris an tubaist idir agus a mhotha na sin cha b’e bà ta an iasgair a bu choireach ris nas motha, 's e a bu choireach ris an tubaist, a’ chreig! Agus a chionn ’s gur ann le Clann ic Leòid a tha a’ chreig bu chòir dhan a Lèodach airgid-dìolaidh a thoirt an dà chuid dhan chroitear agus dhan iasgair agus tha e coltach gur e sin a thachair.
Abair gliocas!Â
Oisean a' Ghrà mair 3
buadhair – adjective
deimhinne – definite
Puing 1: ‘quieter’, ‘warmer’, ‘older’, etc.
Sà mhach, nas sà mhaiche:     Thèid sinn gu à ite nas sà mhaiche.
Blà th, nas blà ithe.                  Tha Afraga beagan nas blà ithe na Alba.
Sean/Seann*, nas sine.          Tha thusa tòrr nas sine na mise.
Òg, nas òige.                         Tha mo phiuthar beagan nas òige na mise.
Fuar, nas fhuaire.                  Tha an Antartaic beagan nas fhuaire na Alba.
Fada, nas fhaide.                    A bheil an Danube nas fhaide na Abhainn Chluaidh?
(* N.B. Tha iad sean. Ach comhla ri ainmear: seann daoine, seann eaglais, seann òrain, etc.)
Puing 2
Le abairt dheimhinne (‘definite’, i.e. le ‘the’):  nas → as
an t-à ite as sà mhaiche      ‘the quietest place’
an dùthaich as blà ithe        ‘the warmest country’
an togalach as sine           ‘the oldest building’
an gille as òige                  ‘the youngest boy’
an sgìre as fhuaire             ‘the coldest region’
an abhainn as fhaide         ‘the longest river’
Thoir an aire: chan eil Gà idhlig a’ dèanamh diofar sam bith eadar ‘the older’ agus ‘the oldest’, no ‘the younger’ agus ‘the youngest’, etc.
Seo am brà thair as sine.  ‘Here’s the older brother / Here’s the oldest brother.’
Seo am brà thair as òige.  ‘Here’s the younger brother / Here’s the youngest brother.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 2 Nov 2014 21:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Nov 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Nov 2014 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Nov 2014 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Jan 2015 21:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Jan 2015 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Jan 2015 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Feb 2015 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.