Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 4

Episode 4 of 10

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gàidheal.

Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà³¾²¹°ù na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.

30 minutes

Last on

Sun 8 Feb 2015 10:30

Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich: Am Morair Ruairidh Iain MacLeòid a’ còmhradh ri Coinneach MacÌomhair

Ruairidh Iain: Tha riaghailtean ùra againn agus tha iadsan na riaghailtean a tha sin a’ ceadachadh do dhaoine, can an-dràsta thu fhèin a’ cur a-steach tagradh chun a’ chùirt, dh’fhaodadh tu ìnnse dhuinn nuair a tha thu a’ cur a-steach an tagraidh gu bheil thu airson sin a dhèanamh ann an Gàidhlig agus gu bheil cothrom agad sin a dhèanamh. Dheidheadh eadar-theangachadh a chur air dòigh is a leithid sin. Agus mar sin, tha na riaghailtean gu math fosgailte a thaobh Gàidhlig a chleachdadh anns a’ chùirt, agus tha na riaghailtean a’ toirt seasamh do Ghàidhlig nach eil aig cànanan eile. Fhios agad, ma tha fianais ann an cùirt sam bith nach urrainn, anns an dùthaich seo, nach urrainn Beurla a bhruidhinn gu ìre far a bheil iad cofhurtail leis, thèid eadar-theangair a chur an sàs. Tha sinn ga fhaicinn a h-uile latha, bha sinn ga fhaicinn a h-uile latha. Tha mise ga fhaicinn a h-uile latha ann an Cùirt an t-Siorraim agus mar sin, tha an aon rud fìor mu dheidhinn Cùirt an Fhearainn. Ach, ’s e an rud a tha diofraichte, eadar-dhealaichte mu dheidhinn suidheachadh na Gàidhlig ann an Cùirt an Fhearainn gu bheil an cothrom agad a’ Ghàidhlig a chleachdadh ma tha thu a’ gabhail pàirt as a’ chùis fhèin ma ’s tu a tha a’ cur a-steach an tagraidh neo ma ’s tu a tha a’ freagairt an tagraidh. Nise, bu chòir dhomh a dhèanamh soilleir, tha an cothrom sin ann cuideachd ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh, Port Rìgh is Loch nam Madadh mura deachaidh atharrachadh a thoirt air a sin, is chan aithne dhomh gun deachaidh. Ach, a-rèir coltais, chan eil daoine a’ dèanamh feum dheth, ach co-dhiù, tha e iomchaidh tha mi a’ smaoineachadh a thaobh Cùirt an Fhearainn, agus eachdraidh Cùirt an Fhearainn gu bheil an seasamh àraidh a tha sin aig Gàidhlig anns a’ Chùirt fhathast.

Tar-sgrìobhadh: Sàr Chlàr: Joan NicDhòmhnaill a’ còmhradh ri Patsi NicCoinnich mun taghadh-ciùil aice

Patsi: Uill, tha na roghainnean-ciùil aig duine sam bith tha iad an-còmhnaidh pearsanta, ach tha do thaghadh-sa pearsanta buileach, nach eil?

Joan: Uill, tha. Tha mi air taghadh Iseabail NicAsgaill agus an clàr mu dheireadh a rinn i, sin Essentially Iseabail. Bha mi gu math eòlach air Iseabail airson grunn bhliadhnaichean. Choinnich sinn cha chreid mi ann an 1995. Bha sinn, an dithis againn, ag obair air an aon phròiseact ann an Dùn Èideann gus ionad Gàidhlig a stèidheachadh an sin, agus bhiodh i a’ tighinn chun na taighe. Bha sinn a’ fuireach ann am flat ann am Marchmont aig an àm, mi fhìn is an duine agam, agus bhiodh i a’ fuireach còmhla rinn nuair a bha i ann an Dùn Èideann, agus cuideachd, thòisich i an uair sin a’ tighinn nuair a bha i aig Fèis Dhùn Èideann. An uair sin, chaidh sinn a-mach a dh’fhuireach air iomall a’ bhaile. Agus bha taigh againn an sin, is thàinig i sin is thàinig a’ chlann againn, agus bha i gu math faisg air, gu h-àraid mo nighean Màiri.Ìý Bha i cho snog, agus bha i an-còmhnaidh làn spòrs, bha i cho blàth na nàdar, agus bha a’ chlann cho measail oirre cuideachd agus, bha mi ag iarraidh an clàr seo a thaghadh mar chuimhneachan oirre.

Iseabail: ÌýAn tèid thu leam a Mhàiri
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýAn tèid thu leam a Mhàiri
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An tèid thu leam a Mhàiri
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ÌýGu tìr nam beanntan àrda?

Oisean a’ Ghràmair 4

buadhair coimeasach – comparative adjective
ainmear deimhinne – definite noun


Puing 1:ÌýCoimeas (2)


mathÌýÌý →ÌýÌý (n)as fheàrr
A bheil beachd nas fheàrr aig duine?
Sin *am beachd as fheàrr a chuala sinn an-diugh.


donaÌýÌý →ÌýÌý (n)as miosa
Bha an deuchainn nas miosa na bha mi ’n dùil!
*An rud as miosa mu dheidhinn.


morÌýÌý →ÌýÌý (n)as motha
Tha duilgheadas nas motha againn a-nise.
Dè *am baile as motha san t-saoghal?


beagÌýÌý →ÌýÌý (n)as lugha
B’ fheàrr leam fòn-làimhe nas lugha.
Seo *am fòn-làimhe as lugha a tha againn.


furastaÌýÌý →ÌýÌý (n)as fhasa
’S aithne dhomh slighe nas fhasa.
DèÌý *an dòigh as fhasa?


goiridÌýÌý →ÌýÌý (n)as giorra
’S aithne dhomh rathad nas giorra.
Gabhaidh sinn *an rathad as giorra.


tethÌýÌý →ÌýÌý (n)as teotha
Chan fhaigh thu coiridh nas teotha na am bhindalù seo.
Seo *an latha as teotha den bhliadhna.


* Mar a chunnacas mar-thà ann am Prògram 3, le ainmear deimhinne (‘definite noun’) cleachdar as an àite nas.

Ìý

Thoir an aire dhan abairt:

Mar as motha, ’s ann as fheàrr.ÌýÌý‘The bigger the better’ / ‘The more the merrier’.


Puing 2


‘Tha X air aon de …’


Tha ‘The Godfather’ air aon de na filmichean as fheàrr a chunnaic mi riamh.
Tha an eaglais seo air aon de na togalaichean as sine san dùthaich.
Tha an Geata Ã’ir air aon de na drochaidean as fhaide san t-saoghal.


Tha dòigh eile air seo a ràdh, le ’S e:


’S e ‘The Godfather’ aon de na filmichean as fheàrr a chunnaic mi riamh.
’S e an eaglais seo aon de na togalaichean as sine san dùthaich.
’S e an Geata Òir aon de na drochaidean as fhaide san t-saoghal.


Ach ma chleachdar Tha, feumar air.

Ìý

Abairt na Seachdain

Am fear a bhios na thàmh, cuiridh e na cait dhan teine

Broadcasts

  • Sun 9 Nov 2014 21:30
  • Sun 1 Feb 2015 21:30
  • Wed 4 Feb 2015 12:03
  • Wed 4 Feb 2015 22:00
  • Sun 8 Feb 2015 10:30

Podcast