Episode 9
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig air ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnà thasan-cainnt agus abairtean ann an Gà idhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghrà mair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghrà mair Gà idhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghà idhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà ³¾²¹°ù na Gà idhlig, a' mìneachadh dà phuing grà mair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig, gu h-à raid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 9
Duration: 27:21
-
Tar-sgrìobhadh: Gillebrìde an Ierusalem an Ear
Duration: 01:40
-
Tar-sgrìobhadh: Eileanaich: Ìlich
Duration: 01:59
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 09:11
Tar-sgrìobhadh - Eileanaich: Ìlich: TX: 07.07.11
Guthan: Iain Mac'IlleMhìcheil
Fraoch Nic an Deòrsa
Anna NicGill
Seumas MacPhà rlain
Ann an 2011, bha ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal a’ comharrachadh Bliadhna nan Eilean ann an diofar dhòighean. Chaidh sreath de phrògraman le muinntir nan eilean eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an robh iad ag ìnnse dhuinn mu na h-eileanan san deach an togail. Anns a’ phrògram seo mu ÃŒle, tha Iain Mac'IlleMhìcheil a’ stiùireadh a chòmhraidh le triùir ÃŒlich eile, is iad a’ bruidhinn mun dòigh-labhairt a th’ aca.
Iain: Ann an Ìle, chan eil sinn a’ bruidhinn air là . Tha sinn a’ bruidhinn air là (le fuaim ‘d’ an toiseach). Ann am Port na h-Abhainne, ’s e là (le D fiù ’s nas là idire) a th’ aca air a sin. Tha na Ds aca nas cruaidhe na tha na Ds againne, tha eadar-dhealachadh ann tha mi a’ smaoineachadh.
Fraoch: Ach an rud, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mòran daoine nach eil às Ìle, faodainn doirbh tioram air an dòigh a tha sinn a’ bruidhinn. Nuair a tha sinne a’ cur an D sin ann roimh mòran rudan le L, fhios agad, coltach ri luchag, tha sinne ag rà dh luchag (le fuaim ‘d’ an toiseach).
Iain: Aye, ’s e seann rud a tha sin.
Fraoch: Laghach, is tha sinne ag rà dh laghach (le fuaim ‘d’ an toiseach) agus rudan mar sin.
Seumas: Là raichean (le fuaim ‘d’ an toiseach) is là raichean.
Fraoch: Là raichean, ’s e.
Iain: Lag (le fuaim ‘d’ an toiseach) an à ite lag.
Fraoch: Lag, ’s e.
Iain: Agus cho Èireannach ’s a tha sinn, chan abair sinne abhainn. ’S e obhainn, am facal Èireannach.
Seumas: ’S e.
Fraoch: Agus madainn mhath (pronounced medeinn mheth), agus chaidh mise suas do Sabhal Mòr Ostaig tro, bha mi a’ feuchainn ri Gà idhlig a dh’ionnsachadh agus a sgrìobhadh. Choisich mi a-staigh don chiad chlas anns a’ chiad mhadainn (pronounced mhedeinn), is bha an duine a bha a’ dol a bhith a’ teagasg, uill, shaoil ’am gun d’ thuirt e madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Agus thuirt mi madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Is ghà irich e orm is thuirt e madainn mhath, madainn mhath (pronounced medeinn mheth). Nach e sin dè tha na caoraich ag rà dh? Uill, theab mi a’ bhàs a thoirt dha... bha mi craicte leis ..! (a’ gaireachdainn)
Iain: Mun chluais!
Fraoch: Cha robh mi fiadhaich...cha d’ fhuair mi sin fìor comical.(a’ gaireachdainn)
Iain: Ach, an dòigh anns a bheil sinn a’ toirt buidheachas seachad a-nis. Bha thu fhèin a’ bruidhinn air a sin Jim triop no dhà .
Seumas: Tha sin ceart.
Iain: Tha beachd agads’ agus chan eil mi ag rà dh nach eil thu ceart.
Seumas: Uill, bhiodh sinne, bha sinn a’ toirt buidheachas tha sins…..comharra math dhut (pronounced meth). Comharra math agaibh (pronounced meth).
Iain: Aye, ’s e comharra math (meth).
Seumas: ’S e, ’s e comharra math (meth) a theireadh... a theireadh sinne daonnan agus cha chluinn sibh sin an à ite sam bith tha mi a’ smaoinntinn.
Iain: Ann an Èirinn, ’s e gura math agad a bhios iad ag rà dh ach bidh iad a’ smaoinntinn gur .. an Ìle gu bheil sinne ag rà dh gura meth agad, ach chan eil sinn ag rà dh…..
Fraoch: Chan e, ’s e comharra math (meth)
Iain: Tha sinn ag rà dh comharra math (meth)
Seumas: ’S e comharra a th’ ann.
Iain: Agus, ’s e good omen.
Seumas agus Fraoch: ’S e.
Tar-sgrìobhadh: Gillebride an Ierusalem an Ear: TX: 21.02.13
Guth: Gillebrìde MacIlleMhaoil
San t-samhradh 2012, chaidh Gillebrìde MacIlleMhaoil agus buidheann de dh’Albannaich air cuairt chultarail dhan Ear Mheadhanach. Chuir iad seachad ùine ann an Ierusalem, Bethlehem agus sa Bhruach an Iar. Sa chriomag a tha seo, tha Gillebrìde a’ bruidhinn mun chuairt san fharsaingeachd agus na draghan a bh’ air an toiseach nuair a dh’aontaich e a dhol air a’ chuairt chultarail.
Gillebrìde: Nuair a chaidh faighneachd dhomh an toiseach an robh mi airson, an robh mi deònach tighinn an seo anns a’ mhionaid thuirt mi gun robh. Bha mi a’ smaoineachadh gur e cothrom uabhasach math a bh’ ann a bhith a’ faicinn baile eile, a bhith a’ bruidhinn ri daoine eile, agus a’ faighinn a-mach dè seòrsa beatha a bh’ aca ann an à ite a bha mi air fhaicinn air na naidheachdan, agus dh’fhaodte à ite air an robh mi, air nach robh mi eòlach agus bha mi airson fhaighinn a-mach an robh a h-uile sìon a bha mi a’ faicinn agus a’ cluinntinn anns na naidheachdan, an robh sin fìor?
Co-dhiù, an ceann treis, smaoinich mi mu dheidhinn agus thuirt mi nach robh mi a’ dol a dhol ann, gun robh mi a’ faireachdainn le teaghlach òg agam, nach robh e iomchaidh. Ach an uair sin, a-rithist an dèidh dhomh bruidhinn ri mo bhean is ri mo theaghlach, dh’aontaich mi tighinn ann. Fhuair mi a-mach gun robh an t-à ite far a bheil mi a’ dol, sin am Bruach an Iar, an ìre mhath sà bhailte.
Nuair a fhuair mi a-mach nach bitheamaid a’ dol dhan a’ Ghaza Strip, bha mi na bu dheònaiche tighinn. Bha mi air coimhead air an là rach-lìn Oifis nan Dùthchannan Cèin, agus bha iad ag rà dh gun robh a’ Bhruach an Iar gu math sà bhailte san latha a th’ ann an-diugh, gu bheil aimhreit fhathast a’ dol, gu bheil na Palestinianaich a’ gearain an-aghaidh rudan a tha na h-Israelich a’ dèanamh, gu h-araid saighdearan Israelach a’ dèanamh. Ach nach robh aimhreit mhòr sam bith ann, nach robh bombaichean agus nach robh mòran cunnart ann do dhaoine a bhiodh a’ tadhal ann. Agus cuideachd, rud a bha cudromach dhomh fhèin gun robh tòrr luchd-turais a’ dol ann bho air feadh an t-saoghail.
Oisean a’ Ghrà mair 9
Puing 1: ga mo, ga do, ga...
²µ²Ôì´Ç³¾³ó-²¹¾±²Ô³¾±ð²¹°ù: ‘verbal noun’, mar eisimpleir:Â
dèanamh, cluinntinn, cuideachadh, faicinn, feuchainn, fosgladh, gabhail, iarraidh, smaoineachadh, togail, toirt, tuigsinn, etc.
'doing it': a’ dèanamh e? CEÀRR!!! GA DHÈANAMH
'hearing me': a’ cluinntinn mi? CEÀRR !!! GAM CHLUINNTINN
ga mo chluinntinn: 'hearing me' Â
gar cluinntinn: 'hearing us'
ga do chluinntinn: 'hearing you' Â
gur cluinntinn: 'hearing you' (plural)
ga chluinntinn: 'hearing him' ÌýÌý
ga cluinntinn: 'hearing her'Â Â
gan cluinntinn: 'hearing them'Â
ÌýÌý
Mar eisimpleir:
A bheil thu ga mo chluinntinn? Cha robh iad gar cluinntinn.
Chan eil mi ga do chluinntinn. Chan eil mi gur cluinntinn.
An robh thu ga chluinntinn? / A bheil thu ga cluinntinn? Cha robh mi gan cluinntinn.
Le f + fuaimreag [vowel] (mar eisimpleir fà gail, faicinn, fosgladh):
gam fhà gail: 'leaving me' ÌýÌý
gar fà gail: 'leaving us'
gad fhà gail: 'leaving you' ÌýÌý
gur fà gail: 'leaving you' (plural)
ga fhà gail: 'leaving him' / ga fà gail: 'leaving her'Â
gam fà gail: 'leaving them'
Mar eisimpleir:
Bidh an tacsaidh gam fhà gail anns a’ bhaile. The taxi will drop me off in town.
Bidh mi gad fhaicinn ma-thà – tìoraidh! I’ll be seeing you, bye!
Carson nach eil thu ga fhosgladh? (an doras) Why don’t you open it? (masc.)
Carson nach eil thu ga fosgladh? (an uinneag) Why don’t you open it? (fem.)
Puing a bharrachd:
cluinntinnÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÂ faicinnÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÂ tuigsinn
Tha mi a’ cluinntinn. 'I am hearing' = 'I hear' / 'I can hear'
Tha mi a’ faicinn. 'I am seeing' = 'I see' / 'I can see'
Tha mi a’ tuigsinn. 'I am understanding' = 'I understand' / 'I can understand'
ÌýÌý
Mar eisimpleir:
A bheil thu ga mo chluinntinn? 'Can you hear me?'
A bheil thu gam faicinn? 'Can you see me?'
Cha robh iad ga mo thuigsinn. 'They couldn’t understand me.'
Puing 2Â dol + ga mo
Tha sinn a’ dol ga fhaicinn. We’re going to see him.
A bheil thu a’ dol gam fhà gail an seo? Are you going to leave me here?
Na ceistean bho Phrògram 6:
A bheil thu a’ dol a ghlanadh do sheòmair?
Tha, tha mi a’ dol ga ghlanadh feasgar.
Yes, I’m going to clean it this afternoon.
A bheil thu a’ dol a thogail nan truinnsearan?
Tha, tha mi a’ dol gan togail sa bhad. Â
Yes, I’m going to pick them up at once.
A bheil thu a’ dol a dh’ithe sin?
Chan eil, chan eil mi a’ dol ga ithe idir. Â
No, I’m not going to eat it.
Tha mi a’ dol ga thoirt dhan chù. ÌýÌý
I’m going to give it to the dog.
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 14 Dec 2014 21:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Dec 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Dec 2014 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Dec 2014 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Mar 2015 21:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 11 Mar 2015 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 11 Mar 2015 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Mar 2015 10:31´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.