Episode 10
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig air ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnà thasan-cainnt agus abairtean ann an Gà idhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghrà mair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghrà mair Gà idhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghà idhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà ³¾²¹°ù na Gà idhlig, a' mìneachadh dà phuing grà mair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gà idhlig, gu h-à raid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 10
Duration: 26:30
-
Tar-sgrìobhadh: Deasbad BT Alba
Duration: 01:47
-
Tar-sgrìobhadh: Naidheachdan bho Cheap Breatainn
Duration: 02:10
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 06:55
Tar-sgrìobhadh: Naidheachdan bho Cheap Breatainn: TX: 07.07.14
Guthan: Goiridh Dòmhnallach
Gilleasbuig Fearghasdan
Anns a’ phrògram seo chaidh Gilleasbuig Fearghasdan thar a’ chuain gu Eilean Cheap Bhreatainn far an d’ fhuair e cothrom bruidhinn ri muinntir an eilein aig a bheil Gà idhlig. Mar fhear a tha pòsta aig tè à Ceap Breatainn co-dhiù, tha Gilleasbuig gu math eòlach air an à ite, ach fhuair e tuigse na b’ fheà rr air an turas a bha seo.
Bhruidhinn e ri Goiridh Dòmhnallach fhad ’s a bha e ann. ’S e neach-ionnsachaidh a th’ ann an Goiridh, agus bhruidhinn e mun shuidheachadh aig Gà idhlig san sgìre anns a bheil e fhèin a’ fuireach. Sa chriomag seo, dh’inns’ e do Ghilleasbuig carson a bha cuid de dhaoine den bheachd gun robh e car amaideach a bhith ag ionnsachadh na Gà idhlig.
Gilleasbuig: Mar a dh’inns’ thu dhomh a Ghoiridh, chan eil an t-uabhas anns an sgìre seo an-diugh aig a bheil a’ Ghà idhlig. An robh na seann fheadhainn, an robh iad a’ tuigsinn carson a bha thu fhèin a’ gabhail uiread de dh’ùidh anns a’ chà nan neo an robh e a’ cur iongnadh orra?
Goiridh: Bhiodh siud a-rèir cò an duine a bhiodh ann. Yeah, cuid dhiubh, bha iad uile gam mholadh, ach tha mi a’ dèanamh a-mach gun robh iad a’ smaoineachadh gun robh mi car faoin a bhith a’ cur a-staigh de dh’airgead agus de dh’ùine a bhith a’ togail seo bhon a bha iad fhèin car air am brainwasheadh bho chionn fhada nach robh uiread de dh’fheum anns a’ Ghà idhlig.
Agus, tha naidheachd bheag agam. Bha mi còmhla ri piuthar mo mhà thair bho chionn bliadhnaichean agus bha sinn a’ bruidhinn air mo sheanair, agus dh’inns’ mi dhith...thuirt i, "Oh, bha e uabhasach moiteil asad gun do thog thu a’ Ghà idhlig cho math sin".
Agus thuirt mise, "Uill, chan eil fhios ’am mu dheidhinn sin".
Bha e còmhla ri mo bhrà thair aon turas, agus dh’fhaighnich e, "A bheil Gà idhlig agad fhèin?" is thuirt mo bhrà thair, "Oh, chan eil", agus chan eil Gà idhlig aige ach corra fhacal.
Agus thuirt e, "Seadh, uill am biodh tu airson Gà idhlig ionnsachadh?" Is thuirt mo bhrà thair, "Oh bhithinn nam biodh cothrom agam".
"Uill nam bithinns’ nad à ite, ’s e Fraingis a dh’ionnsaichinn", thuirt e, "agus gheibheadh tu obair leis a sin", thuirt e.
Is dh’inns’ mi sin dhi, is thuirt i, "Dh’fhaodte gun d’ thuirt e sin agus 's e sin an seann sgeul a bh’ aig an t-seann fheadhainn mar sin".
Ach thuirt i, ann an ceithir fichead ’s a naoi, bha mi fhìn agus Bernie Camshron a’ gabhail òran air cuirm-chiùil shuas ann an Antaiginis agus bha sin air a chraobh-sgaoileadh a-mach air CJFX, an rèidio.
Agus dh’inns’ i dhòmhsa, agus bha esan marbh fad bliadhnaichean roimhe seo, agus dh’inns’ i dhòmhsa gun robh esan ag èisteachd ris a sin, agus thug i sùil air agus bha na deòir dìreach a’ sileadh air aodann mar sin.
So, sin agad mar, tha rud car...ann an dòigh schizophrenic mu dheidhinn nan daoine gun deach innse dhaibh nach robh mòran feum anns a’ Ghà idhlig riamh, ach nan cridheachan tha fhios aca gur i rud prìseil a th’ innte mar sin.
Tar-sgrìobhadh: Deasbad BT ALBA 2013: TX: 27.11.13
Guth:Iseabail Bain
Seo criomag bho chuairt dheireannach Deasbad BT ALBA a chaidh a chumail beò aig Pà rlamaid na h-Alba ann an 2013. Tha Iseabail Bain bho Àrd-sgoil Mhic Neacail a’ bruidhinn air a’ chuspair, "Tha cà nan ag atharrachadh. Tha litreachadh ag atharrachadh. Gabh ris nach e mearachd a th’ ann tuilleadh".
Iseabail: Tha sinne ann an Sgoil MhicNeacail gu là idir den bheachd gu bheil cà nan ag atharrachadh, gu bheil litreachadh ag atharrachadh agus nach e mearachd a th’ ann tuilleadh. Chuala sibh an seanfhacal:
"Chan eil duine gun dà latha ach duine gun latha idir."
Uill, b’ urrainn dhuinn an aon rud a rà dh mu chà nanan. Chan eil cà nan sam bith nach bi ag atharrachadh ach cà nan a tha marbh.
Ciamar a b’ urrainn do chà nan a bhuineadh do shaoghal an t-siathamh linn deug neo an ceathramh linn deug a bhith freagarrach airson an latha an-diugh?
Cia mheud duine a thuigeas Shakespeare an-diugh? Gu luaidh air Chaucer? Ach, cha leig sinn a leas a dhol air ais cho fada sin na dhol dhan a’ Bheurla. Èistibh ris an seo:
"Sa bhiolair luidneach, shliòm-chluasach.
Glas, chruinn-cheannach, chaoin ghorm-nealach;
Is i fàs glan, uchd-ard, gilmeineach,
Fuidh barr geal iomlan, sònraichte."
Seo earrann den phìos bà rdachd, "Òran an t-Samhraidh", a sgrìobh Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir anns an ochdamh linn deug. Abair beartas cainnt, ach a bheil sibh ga thuigse? 'S e deamhnaidh beag dheth a tha mi fhìn is Peigi Ann a’ tuigse.
Nach eil seo a’ dearbhadh dhuinn gu bheil cà nanan ag atharrachadh is facail a’ dol à bith. A chà irdean, mar a tha tìm a’ gluasad tro na linntean, tha an saoghal ag atharrachadh, tha na daoine ag atharrachadh, tha dòigh-beatha ag atharrachadh. Nach eil e nà darrach gum bi cà nanan ag atharrachadh cuideachd?
Gabh ris nach e mearachd a th’ ann tuilleadh.
Tapadh leibh.
Oisean a’ Ghrà mair 10
Puing 1: mo, do, a... + gnìomh-ainmear (verbal noun)
‘(to) hear me’ÌýÌý mo chluinntinn  ‘my hearing’
‘(to) see you’ÌýÌý d’ fhaicinnÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘your seeing’
‘(to) do it’ ÌýÌýÌýÌýÌýÌý a dhèanamhÌýÌýÌýÌýÌýÌý‘its doing’
m.e.
Feumaidh tu mo chuideachadh. ÌýÌýÂ
‘You must help me.’ (‘my helping’)
Feumaidh mi d’ fhaicinn. ÌýÌýÂ
‘I have to see you.’ (‘your seeing’)
B’ urrainn dhomh d’ fhaicinn a-mà ireach. Â
‘I could see you ³Ù´Ç³¾´Ç°ù°ù´Ç·É.’
Bu chòir dhut mo chreidsinn.ÌýÌý Â
‘You should believe me.’ (‘my believing’)
Tha mi ag iarraidh a faicinn. ÌýÌýÂ
‘I want to see her.’ (‘her seeing’)
Bu toil leam a chluinntinn. ÌýÌýÂ
‘I’d like to hear it.’ (‘its hearing’)
Cha robh e furasta d’ fhaicinn. ÌýÌý
‘It wasn’t easy to see you.’
Bidh agad ri a thoirt leat. ÌýÌýÂ
‘You’ll have to bring it.' (‘its bringing’)
Cha bhi e comasach dhi ar togail. ÌýÌý
‘It won’t be possible for her to pick us up.’(‘our picking up’)
Cha b’ fhiach an ceannach. ÌýÌýÂ
‘It wasn’t worth buying them.’ (‘their buying’)
B’ fheà rr leam ur toirt ann. ÌýÌýÂ
‘I’d rather take you there’. (‘your taking’)
Puing 2: GABH
Gabh mo leisgeul!
Excuse me! (‘take my excuse’)
Dè ghabhas tu? Â
What will you have (to eat or drink)?
Ghabh iad eagal. Â
They took fright.
‘G´Ç’:
Gabh seachad air a’ gharaids, agus an uair sin gabh gu do là imh chlì.
‘Go past the garage and then go left’.
Ghabh iad sìos an rathad. Â
‘They went down the road.’
GABH + le gniomh-ainmear : ‘can be / could be’
Dè ghabhas dèanamh? ÌýÌýÂ
‘What can be done?’
Cha ghabh seo cà radh. ÌýÌýÂ
‘This can’t be fixed’.
An gabh na balgain-buachair seo ithe? Â
‘Are these mushrooms edible?’
Cha ghabhadh an uinneag fosgladh. Â
‘The window couldn’t be opened.’
Cha robh fhios agam nach gabhadh na balgain-buachair ithe.Â
‘I didn’t know the mushrooms weren’t edible.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 21 Dec 2014 21:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2014 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2014 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Dec 2014 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Mar 2015 21:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 18 Mar 2015 12:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 18 Mar 2015 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Mar 2015 10:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.