Main content

Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. A letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Wed 14 Jan 2015 22:30

Clip

Litir 808: An t-Iasg Ã’ir

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-seann stòiridh An t-Iasg Òir.

            Dh’fhalbh an t-iasgair dhachaigh agus bha taigh mòr mòr ann, le carbad òir air a bheulaibh. Ach, nuair a dh’fheuch e ri coiseachd a-steach air an doras mhòr, chuir searbhant stad air. ‘Tha a’ bhean-uasal ag ràdh gu feum do leithid thighinn a-steach air an doras chùil,’ thuirt e.

            ‘Gabh mo leisgeul,’ ars an t-iasgair, ‘ach ’s ann leamsa a tha an taigh seo. Leamsa.’

            ‘Fuirich an seo,’ thuirt an searbhant, agus dh’fhalbh e a bhruidhinn ris a’ bhean-uasal. ‘Tha fear aig an doras mhòr – iasgair le piullagan de dh’aodach air – agus tha e ag ràdh gur ann leis-san a tha an taigh seo.’

            ‘O, esan,’ thuirt a’ bhean. ‘Tha e às a rian. Thoir obair air choreigin dha. Agus faodaidh e fuireach anns a’ bhothan a-muigh siud.’ Bha bean an iasgair a dhol cho leòmach ’s nach robh i airson aideachadh gun robh i pòst’ aig iasgair bochd.

            Thill an searbhant don doras mhòr agus thug e an naidheachd don t-seann iasgair. Bha am bodach fiadhaich. Ach b’ fheudar dha gabhail ris a’ chùmhnant. Chaidh e gu cùl an taighe agus rinn e an obair a bha a dhìth. Rinn e leabaidh dha fhèin anns a’ bhothan.

            Air an fheasgar sin, chaidh a bhean a-mach don bhothan. Bha an duine aice fhathast feargach ach chùm e sin am falach. ‘A bheil thu sona?’ thuirt e rithe, ‘agus mi a’ fuireach a-muigh an seo ann am bothan?’

            ‘Chan eil mi sona,’ fhreagair i, ‘Is mi nach eil.’

            ‘Uill, dè fon ghrèin a nì sona thu?’ thuirt an duine aice. ‘Nach eil a h-uile càil agad a bhiodh a dhìth ort?’

            ‘Chan eil,’ fhreagair i. ‘Chan eil seo math gu leòr dhomh. Tha mi ag iarraidh a bhith nam bhanrigh.’

            ‘Nad bhanrigh?’ thuirt e. ‘Agus bidh thu riaraichte le sin?’

            ‘Bithidh,’ ars ise, ‘bidh mi riaraichte le sin. Thalla air ais don chladach agus iarr air an iasg òir mo dhèanamh nam bhanrigh.’

            Dh’fhalbh am bodach don chladach. Sheas e air carraig. ‘Èisg bhig òir, nach till thu thugam,’ dh’èigh e gu h-àrd. Agus nochd ceann an èisg sa mhuir.

            ‘Seadh, a charaid, dè tha bhuat?’ thuirt an t-iasg.

            ‘Leis an fhìrinn innse,’ thuirt an t-iasgair, ‘tha mi air mo lèireadh leis a’ bhoireannach ud. B’ fheàrr leam gun cuireadh tu a h-uile rud air ais mar a bha e aig an toiseach.’

            ‘Tha thu ag iarraidh gum bi cùisean mar a bha iad …’ thuirt an t-iasg.

            ‘Tha, gu deimhinne,’ fhreagair an t-iasgair. ‘Agus chan eil mi airson d’ fhaicinn tuilleadh.’

            ‘O, uill, ma-thà, ’s e sin a nì sinn,’ thuirt an t-iasg. ‘Gur math a thèid leat agus beannachd leat.’ Agus dh’fhalbh e à fianais.

            Nuair a thill an t-iasgair dhachaigh, bha a bhean a’ feitheamh ris aig doras mòr an taigh-tughaidh, agus piullagan oirre. Ach bha gàire air a h-aodann.

            ‘O,’ ars ise, ‘bha aisling uabhasach agam – gun robh mi air a dhol uasal agus leòmach ach gun robh mi mì-thoilichte. Taing do Shealbh nach robh ann ach aisling.’          Agus, bho sin a-mach, bha i fhèin agus an duine aice cho sona ’s a bha an latha fada ged nach robh iad beartach no spaideil.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: bothan: bothy; ±ô±ðò³¾²¹³¦³ó: conceited; riaraichte: satisfied; à fianais: from sight.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: bha taigh mòr mòr ann, le carbad òir air a bheulaibh: there was a mansion there, with a golden carriage in front of it; nuair a dh’fheuch e ri coiseachd a-steach air an doras mhòr: when he tried to walk in through the front door; chuir searbhant stad air: a servant stopped him; tha a’ bhean-uasal ag ràdh gu feum do leithid thighinn a-steach air an doras chùil: the lady says that your like must come in through the back door; gabh mo leisgeul: excuse me; ’s ann leamsa a tha an taigh seo: this house belongs to me; iasgair le piullagan de dh’aodach air: a fisherman wearing ragged clothes; gur ann leis-san a tha an taigh seo: that he owns this house; nach robh i airson aideachadh: that she didn’t want to admit; b’ fheudar dha gabhail ris a’ chùmhnant: he had to accept the condition; rinn e an obair a bha a dhìth: he did the required work; rinn e leabaidh dha fhèin: he made himself a bed; chùm e sin am falach: he kept that hidden; dè fon ghrèin a nì sona thu?: what on earth will make you happy?; iarr air an iasg òir mo dhèanamh nam bhanrigh: ask the fish to make me into a queen; sheas e air carraig: he stood on a rock; èisg bhig òir, nach till thu thugam: wee golden fish, won’t you return to me; dè tha bhuat?: what do you want?; b’ fheàrr leam gun cuireadh tu a h-uile rud air ais mar a bha e: I’d prefer you to put everything back as it was; gur math a thèid leat: all the best to you; Taing do Shealbh nach robh ann ach aisling: thank goodness it was only a dream.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: gun robh i pòst’ aig iasgair bochd: that she was married to a poor fisherman. Note the use of the preposition aig with the word ±èò²õ³Ù²¹ (the past participle of the verb pòs, pòsadh) – it would translate literally as ‘married at’ rather than ‘married to’. Bha e ±èò²õ³Ù²¹ aig an tè ud fad fichead bliadhna ‘he was married to that woman for twenty years’. 

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha mi air mo lèireadh leis a’ bhoireannach ud: I am tormented by that woman.

Broadcasts

  • Sun 11 Jan 2015 22:00
  • Wed 14 Jan 2015 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast