18/01/2015
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. A letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 505
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 808
Duration: 04:59
Litir 809: Luchag nam Fiaclan
Is geur fiacail à fraoch. An cuala sibh an seanfhacal sin riamh? Is geur fiacail à fraoch. Tha e a’ ciallachadh gum bi an t-acras air duine às dèidh dha a bhith latha sa mhonadh – no air an fhraoch. Tha fhiaclan geur, agus cha mhair am biadh fada air an truinnsear. Tha e fìor, nach eil?
Tha m’ inntinn air fiaclan an-drà sta. Agus air na fiaclan a th’ aig daoine nuair a tha iad òg, agus a chailleas iad òg. Dè rinn sibh fhèin nuair a bha sibh òg, agus sibh a’ call fiacail?. Ann an cuid de dhùthchannan, bidh pà rantan ag innse do chloinn gu bheil sìthiche nam fiaclan ann. Agus ma chuireas am pà iste an t-seann fhiacail fo chluasag, no ann an gloinne uisge, thig an sìthiche air an oidhche. Anns a’ mhadainn, cha bhi sgeul air an fhiacail ach bidh bonn airgid ann na h-à ite.
Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu chleachdadh traidiseanta ann an saoghal nan Gà idheal. Bhiodh a’ chlann a’ creidsinn gur e luch a thigeadh, an à ite sìthiche. Bhiodh am pà iste a’ cur na fiacail ann am fròg ann am balla an taighe. An ceann greis, thigeadh an luch agus chuireadh i ‘fiacail òirghil’ no ‘fiacail airgid’ na h-à ite. Bhiodh an leanabh a’ coimhead anns an fhròig grunn tursan tron latha airson faicinn an robh an luch air a bhith ann. Seo rann a chanadh a’ chlann:
Ìý
A luchag, a luchag, a luchag bheag bhà idh,
A luchag, a luchag, a luchag bheag ghrà idh,
Thoir thusa dhòmhsa fiacail bheag òirghil,
Thoir thusa dhòmhsa fiacail bheag airgid.
Ìý
Is bheir mise dhutsa
Na chòmhnadh, na dhà il,
Fiacail bheag bhòidheach, bhà n,
Fiacail bheag ògain chual chnà mh,
Fiacail bheag òighe chual chnà mh,
Fiacail bheag òigridh luath-ghà ir.
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý A bheil clann agaibh fhèin? Carson nach ionnsaich sibh a’ chiad rann dhaibh? Agus, ma nochdas bonn òirghil no airgid an à ite fiacail òirghil no airgid, bhiodh sin math gu leòr, nach bitheadh?
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Leis gu bheil mi a-mach air luchan, seo agaibh seanfhaclan co-cheangailte ris an luch no luchaig. Tha iad a-mach air cho beag, meanbh ’s a tha i. Is là idir luchag fo chruach fheòir. Tha fear eile car coltach ri sin, far a bheil an luch ladarna, seach là idir, ged a dh’fheumas tu a bhith là idir airson a bhith ladarna, chanainn! Is ladarna luch fo a cruaich fhèin.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus tha samhla Gà idhlig a tha car coltach ri samhla ann am Beurla. Bha i cho sà mhach ri luch eaglais. She was as quiet as a church mouse. Bha i cho sà mhach ri luch eaglais. Agus, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh rann laghach air a bheil ‘An Luchag agus an Cat’:
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thuirt an luchag anns an toll,
‘Dè d’ fhonn, a chait chruinn ghlais?’
‘Cà irdeas, comann agus gaol,
Faodaidh tusa tighinn a-mach.’
‘B’ eòlach mi an dubhan crom
B’ à bhaist bhith am bonn do chas,
Mharbh thu mo phiuthar an-dè
’S thà rr mi fhìn air èiginn à s!’
Ìý
Tha an luchag beag ach chan eil i gun toinisg. Mar sin leibh an-drà sta.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: gum bi an t-acras air duine às dèidh dha a bhith latha sa mhonadh: that a man will be hungry after a day on the hill; cha mhair am biadh fada air an truinnsear: the food doesn’t last long on the plate; agus a chailleas iad òg: which they lose [when they are] young; gu bheil sìthiche nam fiaclan ann: that there is the tooth fairy; ma chuireas am pà iste an t-seann fhiacail fo chluasag: if the child puts the old tooth under a pillow; bidh bonn airgid ann na h-à ite: there will be a silver coin in its stead; mu chleachdadh traidiseanta: about a traditional usage; a’ creidsinn gur e luch a thigeadh: believing that it was a mouse that would come; fròg ann am balla an taighe: a chink in the wall of the house; a luchag bheag bhà idh/ghrà idh: kindly/beloved little mouse; bheir mise dhutsa: I’ll give you; na chòmhnadh, na dhà il: in its place, in its stead; fiacail bheag ògain/òighe chual chnà mh: little tooth of a boy/girl bound in bone; òigridh luath-ghà ir: of rejoicing youngsters; leis gu bheil mi a-mach air luchan: because I’m on about mice; cho beag, meanbh ’s a tha i: how small, tiny they are; dè d’ fhonn, a chait chruinn ghlais?: how are you, fat grey cat?; cà irdeas, comann agus gaol: friendship, fellowship and love; faodaidh tusa tighinn a-mach: you may come out; b’ eòlach mi an dubhan crom: I knew the bent hook; b’ à bhaist bhith am bonn do chas: that used to be at the sole of your foot; mharbh thu mo phiuthar an-dè: you killed my sister yesterday; ’s thà rr mi fhìn air èiginn à s: I only just escaped.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Carson nach ionnsaich sibh a’ chiad rann dhaibh?: why don’t you teach them the first verse? You might have been taught that the verb ionnsaich, ionnsachadh means ‘learn, learning’ eg luchd-ionnsachaidh – and that is true. But it can also mean ‘teach, instruct’, often with the preposition do (dha). Dh’ionnsaich e plumaireachd dhaibh ‘he taught them plumbing’.
Seanfhaclan na Litreach
Broadcasts
- Sun 18 Jan 2015 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Jan 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.