Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport with John Morrison.

Iain Moireasdan agus an sgioba a' coimhead air adhart ris an dàrna gèam aig Alba ann am Farpais Rugbaidh nan Sia Dùthchannan. Ann am ball-coise, geamaichean sa Phremiership ann an Alba agus sùil air adhart gu gèam Celtic agus Inter Milan. Cuideachd farpais lùth-chleasachd aig na Emirates ann an Glaschu.

57 minutes

Last on

Sat 14 Feb 2015 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Bidh taibhsean gu leòr timcheall Pàirce Celtic Diardaoin seo tighinn le Celtic a’ coinneachadh ri Inter Milan sna 32 mu dheireadh de Lìog Europa. Tha 48 bliadhna bho chluich an dà sgioba seo sa chuairt dheireannach de Chupa na h-Eòrpa air oidhche ainmeil an uair a choisinn 'Leòmhainn Lisbon' Jock Stein eachdraidh dhaibh pèin agus airson Alba mar a’ chiad sgioba Bhreatannach a thog an 'Cupa leis na Cluasan Mòra'.


Thairis air na bliadhnaichean tha mi air a bhith fortanach gu leòr eòlas a chur air mòran dheth na laoich sin leithid an sgiobair Billy McNeill, Bertie Auld, Jim Craig is eile agus na sgeulachdan aca bho na làithean buidhe sin a chluinntinn. Chan eil gàire is fealla-dhà fad air falbh uair sam bith a thig na seòid sin còmhla, ach bidh iad cuideachd a' cuimhneachadh air an fheadhainn nach maireann bhon sgioba chliùteach sin - Jimmy Johnstone, Bobby Murdoch, Ronny Simpson is Joe McBride - an uair a chruinnicheas iad a-rithist airson a’ ghèam seo.


Chan ionann sgiobaidhean 1967 ris an fheadhainn a choisicheas a-mach fo na solais air taobh sear Ghlaschu an t-seachdain seo, ach na dhèidh sin tha cuid de rudan nach eil air atharrachadh cus. Tha Inter Milan fhathast fo stiùir coidse cùramach, faiceallach ann an Roberto Mancini dìreach mar a bha iad ann an ’67 le Helenio Herrera, an t-Argentinianach a thug dhuinn am facal 'catenaccio', gu litireil a' ciallachadh glas ghuib a chur air an doras às dèidh a' chiad tadhal fhaighinn. Tha astar mòr aig Ronny Deila ri dhol mus tèid ainmeachadh san aon anail ri Stein, ach tha an Nirribheach a' feuchainn cumail ri feallsanachd an t-seann mhanaidsear iomraiteach le bhith a' cluiche ball-coise luath, tarraingeach.


Às dèidh toiseach tòiseachaidh cugallach tha luchd-taic agus gu dearbh cluicheadairean Celtic air blàthachadh ri Deila a-nis, ach bidh an dà ghèam seo nan deagh shlat-tomhais air an seòrsa adhartas a tha e fhèin agus an sgioba air a dhèanamh thairis air na mìosan mu dheireadh. Chan eil Serie A cho math sa bha e agus chan eil teagamh nach eil Inter air a dhol air ais sna còig bliadhna bho dh’fhàg José Mourinho. Tha seachd manaidsearan air a bhith aca san ùine sin agus bho thìll e airson an dara turas chan eil cùisean air a dhol ro mhath airson Mancini le Inter san deicheamh àite san lìog.


'S dòcha gur e sin as coireach gu bheil mòran luchd-taic Celtic a' faireachdainn gun urrainn dhaibh làmh an uachdair fhaighinn air Inter thairis air an dà ghèam seo, ach tha mi fhathast a' smaointinn gur e dùbhlan gu math duilich a bhitheas an seo airson Celtic. Chanadh tu gur e an fharpais seo an aon chothrom a th’ aig na Feadailtich air faighinn dhan Champions League air an ath sheusan agus tha cluicheadairean cunnartach aca leithid Mauro Icardi, Xherdan Shaqiri agus Fredy Guarin as urrainn Celtic a ghortachadh.


Às dèidh naoi tadhal deug a leigeil a-steach ann an dusan gèam Eòrpach mar-thà air an t-seusan seo chan e deireadh an t-saoghail a bhiodh ann nan crìochnaicheadh an gèam seo às aonais tadhal, ach airson sin tachairt feumaidh Deila a shealltainn gu bheil e air an leasan ionnsachadh; gu dearbh thiginn cho fada 's a ràdh gum feum e a dhol an aghaidh nam prionnsabalan aige agus 'catenaccio' a chleachdadh airson faighinn troimhe chun na sia deug mu dheireadh. Ma nì e sin cò aig a tha fios nach fhaodadh sinn sgòr 2-1 fhaicinn uair eile eadar an dà sgioba seo thairis air a' chola-deug a tha romhainn.


Alba misneachail gun coisinn iad eachdraidh leis a' mhaide aig Cuach na Cruinne


Chan ann tric a bhitheas mi a' toirt iomradh air criogaid an seo, ach le Cuach na Cruinne air tòiseachadh ann an Astràilia agus New Zealand bidh sinn uile a' cumail sùil air sgioba na h-Alba feuch an tèid aca air a' chiad ghèam aca a ghleidheadh san fharpais. Thàinig iad faisg air sin a dhèanamh san fharpais mu dheireadh agus bhon uairsin tha an sgioba gu math nas làidire leis a h-uile cluicheadair san sguad a-nis a' dèanamh beòshlaint phroifeiseanta às a’ ghèam seach na sgiobaidhean aig an dà fharpais mu dheireadh far nach robh againn ach dà chluicheadair proifeiseanta.


Nam measg tha Calum MacLeòid, Gàidheal tàlantach à Glaschu agus faodaidh tu a bhith cinnteach ma ghleidheas Alba a' chiad ghèam aca san fharpais gum bi Calum aig cridhe chùisean. Tha e air cliù a chosnadh dha fhèin thairis air a' bhliadhna no dha mu dheireadh a' cluiche airson sgioba Durham agus ’s e cothrom eile a bhitheas an seo dhàsan a shealltainn gun urrainn dha ceann a' mhaide a chumail ris na criogaidearan as fheàrr air an t-saoghal.


Gun teagamh tha Alba ann am buidheann duilich còmhla ri New Zealand, Sasainn, Afghanistan, Bangladesh, Sri Lanka agus Astràilia, ach chan eil aca ach coimhead ri sgioba na h-Èireann airson misneachd às dèidh dhaibhsan a chùis a dhèanamh air na h-Innseachan an Iar sa chiad ghèam acasan. Mar a thurchair rinn Alba an gnothach air Èirinn agus chaidh iad faisg air na h-Innseachan a bheatadh cuideachd ann an geamachan deasachaidh nas tràithe am bliadhna; mar sin tha adhbharan misneachaidh gu leòr againn gur e seo an t-àm agus an uair airson sgioba na h-Alba aig Cuach na Cruinne.

Broadcast

  • Sat 14 Feb 2015 09:03

Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gàidhlig