Main content
Sorry, this episode is not currently available

Spors ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport presented by John Morrison.

Iain Moireasdan a' coimhead air adhart ris a' chiad rally den bhliadhna ann an Inbhir Nis agus a Snowman Rally a' tachairt san sgìre. Cuideachd ball-coise na deireadh sheachdain, rugbaidh PRO12, Alba a' cluich criogaid an aghaidh Shasainn ann an Cuach na Cruinne, 's grunn lùth-chleasaichean a' gabhail pàirt ann am farpais nàiseanta Cross Country na h-Alba san Eaglais Bhric.

57 minutes

Last on

Sat 21 Feb 2015 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Thairis air an t-seachdain seo chaidh tha sinn air a’ chuid as fheàrr agus a’ chuid as miosa de bhall-coise na h-Alba fhaicinn. Thòisich i le deasbad às ùr mu co-dhiù a bu chòir cead a thoirt seachad deoch-làidir a reic am broinn pàircean ball-coise. Ghluais sinn às an sin gu oidhche de bhall-coise a thug an anail air falbh bhon h-uile duine a bha an làthair airson a’ ghèam eadar Celtic agus Inter Milan ann an Lìog Europa, agus gu mì-fhortanach chrìochnaich an t-seachdain le òrain gan seinn aig gèam eadar Raith Rovers agus Rangers san Championship a bha nan culaidh-nàire dhan h-uile duine co-cheangailte ri Rangers.


Tha e daonnan duilich d’ òrdag a bhogadh a-staigh dhan chuspair mu dheireadh dhiubh sin. Mar a tha deagh fhios agam ma nì thu cronachadh sam bith air taobh seach taobh dhen dà sgioba mhòr ann an Glaschu, faodaidh tu a bhith cinnteach gum faigh thu do dhubh-chàineadh le daoine a’ muigheadh ort, gad chur air liostaichean bàis no ag iarraidh air an fheadhainn dha bheil thu ag obair a’ bhròg a thoirt dhut.


Thairis air na bliadhnaichean a tha mi air a bhith an sàs san obair seo tha a h-uile gin dhiubh sin air tachairt dhomh agus gu ìre mhòr sin is coireach gu bheil gu leòr sa ghnìomhachas seo a’ cumail an cinn sìos agus am beòil dùinte an uair a thig a’ cheist seo am bàrr. Sin agus gu bheil fios againn uile ged a chuireas sinn a’ phrosbaig air tachartasan dhen t-seòrsa seo nach dèan na h-ùghdarrasan ball-coise dad mu dheidhinn co-dhiù a thuilleadh air a ràdh gu bheil na clubaichean a’ dèanamh an dìcheall smachd is oideachadh a thoirt dhan luchd-taic aca agus nach eil an còrr as urrainn dhaibh a dhèanamh.


’S e fìrinn na cùise gu bheil an SFA agus an SPFL eadar a’ chlach san sgrath ge-tà oir chuir iad giùlan an luchd-taic an làmhan nan clubaichean fhèin. Bha roghainn aca eisimpleir UEFA a leantail far am faodadh na h-ùghdarrasan càintean a chur air clubaichean ann an suidheachaidhean far an robh luchd-taic ri mì-mhodh no a’ briseadh an lagh, ag èirigh gu bhith a’ toirt phuingean bhuapa no a’ cluiche air cùl dorsan dùinte mura sguireadh iad dhen cuid dol a-mach. Chaidh a chur gu bhòt ’s cha robh e na iongnadh sam bith an uair a bhòt dìreach còig sa cheud air a shon agus faodaidh tu a bhith cinnteach gun robh Rangers is Celtic air dithis dhen fheadhainn a bhòt na aghaidh.


Tha an t-àm ann a-nis a’ chumhachd sin a thoirt air ais bho na clubaichean na mo bheachd-sa oir ann an 2015 chan eil e ceart gu bheil sinn fhathast a’ cluinntinn òrain mu bhith suas gu do ghlùinean ann am fuil duine sam bith, no a bhith a’ dèanamh tàire air creideamh no dath craiceann neach a chionn ’s gu bheil e air a bhith dàna gu leòr a cheann a thogail agus bruidhinn mun chuspair. Agus mus tèid a thilgeil orm nach eil mi cothromach, chan eil e ceart a bhith a’ cluinntinn èighean poilitigeach a’ cur taic ri buidhnean ceannairc leithid an IRA nas motha na tha e a bhith a’ tilgeil bhotail 's a gortachadh clann òga air an slighe gu gèam ball-coise.


Tha iad uile mì-chiatach agus a’ toirt mì-chliù orra fhèin, air a’ chòrr dhen luchd-taic aca agus a’ toirt droch ainm do bhall-coise na h-Alba gu lèir fa chomhair an t-saoghail mhòir. Ach gus am faic sinn peanasan nas cruaidhe ga chur air na clubaichean a tha ciontach, tha eagal orm nach eil gnothaichean a’ dol a dh’atharrachadh cus agus gun cùm an SFA agus an SPFL a’ cluiche Pontius Pilate leis a' chuspair seo a' nighe an làmhan dheth an àite uallach sam bith a ghabhail.


Chan eil mi a' faicinn gu bheil an stamag aig na h-ùghdarrasan ball-coise dad a dhèanamh mu dheidhinn nas motha agus chunna sinn dearbhadh eile air an sin air an t-seachdain seo chaidh an uair nach do nochd gin aca, a dh’aindeoin fiathachadh, gu co-labhairt mu dheidhinn gràin-creideamh. An àite sin chuir Comann Ball-coise na h-Alba air bhonn bùithtean-obrach aig Hampden a’ coimhead ri cead a thoirt seachad gus deoch-làidir a reic aig geamachan ball-coise.


Ann am prionnsabal chan eil dad ceàrr air a bhith a’ toirt cothrom dhan mhòr-chuid a tha modhail gu leòr glainne leann no dhà a ghabhail aig gèam, ach carson a tha uiread de chuideam ga leagail air a’ chuspair seo an uair a tha liuthadach rud eile ann a tha nas cudromaiche sa dh’fheumar a chur ceart? Ma tha an SFA agus luchd-poilitigs da-rìreabh airson latha nas fheàrr a thoirt do luchd-taic aig gèam ball-coise, tòisicheadh iad le bhith a’ leagail phrìsean, an dà chuid airson tiocaidean agus airson biadh is deochan a cheannach aon uair ’s gu bheil thu am broinn nam pàircean.


Tha sinn air sgrùdadh às dèidh sgrùdadh fhaicinn a tha a’ sealltainn gu bheil e cho daor ris an t-salann Spàinnteach a bhith a’ coimhead ball-coise san dùthaich seo, ach a dh’aindeoin sin tha buidheann riaghlaidh a’ ghèam an Alba ag iarraidh oirnn coimhead ri dòighean eile san urrainn dha na clubaichean a dhol am muilichinn an luchd-taic agus tuilleadh airgid a thoirt bhuapa. Ma dh’fhaodte gu bheil an t-àm ann cothrom a thoirt do luchd-taic dram a ghabhail aig gèam, ged a tha mi fhathast mì-chofhurtail mu dheidhinn, ach feumaidh e a bhith mar phàirt de sreath de leasachaidhean a nì an gèam nas tarraingiche dhan h-uile duine, sean is òg, fireann is boireann co-dhiù a tha iad ag iarraidh deoch-làidir no nach eil.

Lùth-chleasaichean eileanach a’ dèanamh math sa pholl san Eaglais Bhreac


San dealachadh an t-seachdain seo, meala naidheachd air an sgioba às na h-Eileanan Siar a rinn cho math aig farpais rèis-bhlàir (cross-country) na h-Alba san Eaglais Bhreac Didòmhnaich seo chaidh. Bha latha air leth aig Connor MacIlleathain à Leòdhas a bhuinnig an tiotal fo aois seachd bliadhn’ deug le Eòghainn Caimbeul bho chlub ruith Steòrnabhaigh san treas àite. Choisinn an club cuideachd a’ chiad bhonn sgioba bho chaidh an stèidheachadh ann an 1985, le Mìcheal MacIlleMhaoil agus Ùisdean MacChoinnich còmhla ris an dithis eile a’ togail bonn airgid. Sgoinneil agus nach math a rinn Pòl Moireasdan à Beinn a' Bhaoghla cuideachd a’ crìochnachadh san 19mh àite a-mach à 96 farpaiseach san rèis aigesan. 

Broadcast

  • Sat 21 Feb 2015 09:03

Lean ´óÏó´«Ã½ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho ´óÏó´«Ã½ Gàidhlig