15/03/2015
Anns an litir, cluinnidh sinn mar a dh'ionnaich Sandy, an cù aig Ùisdean a bhith dol leis fhèin dhan bhùth son tombac a cheannach dha mhaighstear. The week's letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 513
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 817
Duration: 04:59
Ùisdean ’s an Tombaca - Pà irt 2
Chaidh Sandaidh an cù a dh’Inbhir Pheofharain latha a bha seo. Bha a mhaighstir, Ùisdean, gann de thombaca. Chuir Ùisdean leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich a’ choin agus dh’iarr e air a dhol gu bùth an tombaca.
           Rà inig Sandaidh a’ bhùth. Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear, thug e an t-airgead a-mach agus chuir e tombaca luach leth-chrùin ann na à ite, le pìos pà ipeir timcheall air. Cheangail e an nèapraigear a-rithist ri amhaich a’ choin. Thug e briosgaid don chù mar dhuais agus dh’iarr e air a dhol dhachaigh.
           Nuair a rà inig Sandaidh an taigh, bha Ùisdean aig an doras mhòr. Dh’fhuasgail e an nèapraigear agus fhuair e a thombaca. ’S e a bha toilichte le Sandaidh! Bha an tombaca taobh a-staigh pìos pà ipeir agus chunnaic Ùisdean gun robh rudeigin sgrìobhte air ann am peansail. Bho fhear na bùtha a bha e. ‘Ma dh’obraicheas seo,’ bha sgrìobhte air, ‘cuir an cù thugam a h-uile Dihaoine. Bidh an tombaca as fheà rr leat an-còmhnaidh agam Dihaoine.’
           Agus ’s e sin a thachair. A h-uile Dihaoine, bhiodh Sandaidh a’ falbh a dh’Inbhir Pheofharain, agus a’ togail an tombaca.
           Latha a bha seo, ge-tà , bha fear eile anns a’ bhùth, nuair a rà inig Sandaidh i. ’S e fear à rd, maol, leth-shùileach a bh’ ann. Bha ‘Padaidh Cam’ air mar fhrìth-ainm. Bha taigh aige trì mìle a-mach à Inbhir Pheofharain air an aon rathad a bha a’ dol a dh’ionnsaigh croit Ùisdein.
Chunnaic Padaidh an gnothach leis a’ chù, agus leis an airgead, agus thòisich e air meòrachadh air. ‘Annasach,’ thuirt e ri fear na bùtha. ‘An cù sin a’ dèanamh toil a mhaighstir mar sin.’
‘Aidh, tha e dìleas agus comasach,’ thuirt fear na bùtha. ‘Bidh e a’ tighinn a h-uile Dihaoine, agus ruigidh e a’ bhùth aig cairteal gu meadhan-latha, a h-uile turas.’
Dh’fhalbh Sandaidh leis an tombaca anns an nèapraigear timcheall amhaich. Dh’fhalbh Padaidh mun aon à m agus lean e air a’ chù cho math ’s a b’ urrainn dha. Chunnaic e gun robh e a’ gabhail an aon rathaid ris fhèin.
An ath Dhihaoine, bha Padaidh a’ feitheamh air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain faisg air an taigh aige. Cha robh e ann fada nuair a chunnaic e Sandaidh a’ tighinn. Bha nèapraigear timcheall amhaich.
‘Trobhad seo,’ thuirt Padaidh ris a’ chù. Bha briosgaid aige na là imh. ‘Seo dhut. Gabh seo.’ Ghabh an cù a’ bhriosgaid agus leig e le Padaidh an nèapraigear fhuasgladh. Thug Padaidh an t-airgead a-mach agus chuir e na phòcaid e. Cheangail e an nèapraigear a-rithist, agus dh’iarr e air a’ chù falbh don bhùth.
‘Sin thu, a Shandaidh, tha thu ann,’ thuirt fear na bùtha. ‘Còig mionaidean air dheireadh an-diugh.’ Bha a shùilean air a’ chloc. Deich mionaidean gu meadhan-latha.
Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear agus ghabh e iongnadh nach robh an t-airgead ann. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Mu dheireadh, chuir e luach leth-chrùin de thombaca san nèapraigear, le bileag pà ipeir, a’ mìneachadh nach robh airgead ann agus ag iarraidh air Ùisdean crùn a chur thuige an ath sheachdain. Agus chì sinn dè thachair nuair a rà inig an cù a dhachaigh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Bho fhear na bùtha a bha e: it was from the shopkeeper. There is an implied ’s ann at the start of the sentence, ie it should really read ’S ann bho fhear na bùtha a bha e. But sometimes, particularly in informal speech, we do not include the ’s ann – it is understood, but not said. Keep your ears open for other examples in the community or on radio or television.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Sin thu, a Shandaidh, tha thu ann: there you are, Sandy, you’re there. An informal greeting.
Broadcasts
- Sun 15 Mar 2015 22:01´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 18 Mar 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.