22/03/2015
Anns an litir, cluinnidh sinn mar a dh'ionnaich Sandy, an cù aig Ùisdean a bhith dol leis fhèin dhan bhùth son tombac a cheannach dha mhaighstear. The week's letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 514
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 818
Duration: 04:59
Litir 818: Ùisdean ’s an Tombaca (3)
Ghoid Padaidh Cam an t-airgead bho Shandaidh, an cù a bha a’ toirt tombaca dhachaigh do dh’Ùisdean. Nuair a rà inig Sandaidh a dhachaigh, dh’fhuasgail Ùisdean an nèapraigear. Bha tombaca ann ach bha cuideachd pìos pà ipeir ann. Bha brath ann am peansail bho fhear na bùtha: ‘Ùisdein chòir,’ bha sgrìobhte air, ‘cha robh airgead aig a’ chù ged a bha an nèapraigear ceangailte. Seo dhut do thombaca ach tha crùn agam ort ²¹-²Ô¾±²õ±ð.’
           ‘O, a laochain,’ thuirt Ùisdean ri Sandaidh, ‘dè thachair? An do ghoid cuideigin an t-airgead?’ Bha an cù a’ coimhead air le sùilean tuigseach. Ach cha robh comas labhairt aige!
           Co-dhiù, an ath Dhihaoine, chuir Ùisdean crùn anns an nèapraigear timcheall amhaich a’ choin agus dh’iarr e air falbh don bhùth. Bha Padaidh Cam a’ feitheamh ris air an rathad. Thug e briosgaid don chù, thug e an t-airgead a-mach às an nèapraigear agus cheangail e an nèapraigear a-rithist.
           Rà inig Sandaidh bùth an tombaca ann an Inbhir Pheofharain. Dh’fhuasgail fear na bùtha an nèapraigear agus, a-rithist, cha robh airgead ann. An turas seo, cha do chuir e tombaca ann. Chuir e litir ann am peann. ‘Ùisdein chòir,’ sgrìobh e, ‘tha mi duilich ach chan fhaigh thu tombaca bhuam gus am faigh mi an t-airgead a th’ agam ort.’ Agus chuir e an cù bochd dhachaigh.
           Bha Ùisdean fiadhaich. Bha an tombaca gann agus cha mhaireadh e fada. Dh’fhà sadh Ùisdean gu math greannach. Chuir e roimhe coiseachd a-steach a dh’Inbhir Pheofharain an ath Dhihaoine, agus Sandaidh na chois.
           Trì mìle a-mach às a’ bhaile, bha Padaidh Cam a’ feitheamh. Ach chunnaic e Ùisdean cuide ris a’ chù. Chaidh e air ais don taigh aige. Chan fhaca Ùisdean e.
           Rà inig Ùisdean bùth an tombaca. ‘Innsidh mi dhut dè nì sinn,’ thuirt fear na bùtha. ‘Tha mi an dùil gur e cuideigin a chunnaic an cù sa bhùth agam a tha a’ goid an airgid. An ath thuras, cuir sgrìob bheag air a’ bhonn leth-chrùin far a bheil sròn an rìgh. Ma dh’fheuchas am mèirleach ris am bonn sin a chosg an seo, bidh fios agam gur e a th’ ann.’
           ‘Ach dè ma tha e a’ dèanamh stòras dhiubh?’ thuirt Ùisdean. ‘’S dòcha nach bi e ga chosg airson ùine.’
           ‘A bheil smuain nas fheà rr agad?’ dh’fhaighnich fear na bùtha.
           Cha robh smuain na b’ fheà rr aig Ùisdean. An ath Dhihaoine, chuir Ùisdean sgrìob air sròn an rìgh air bonn leth-chrùin. Ma bha a leithid an aghaidh an lagh, bha e coma. Bha e coma ach tombaca fhaighinn! Chuir e am bonn anns an nèapraigear timcheall amhaich Shandaidh, agus chuir e an cù a dh’ionnsaigh na bùtha.
           Bha Padaidh Cam a’ feitheamh ris. Cha robh sgeul air Ùisdean agus chaidh Padaidh ann an rathad a’ choin le briosgaid. Thug e an t-airgead a-mach às an nèapraigear agus cheangail e a-rithist e. Dh’fhalbh an cù don bhùth. Agus innsidh mi dhuibh mar a thà inig an gnothach gu crìch an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
a laochain: lad ‘hero’; briosgaid: biscuit; cheangail: tied; fiadhaich: wild, angry.
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
ann an rathad a’ choin le briosgaid: in the way of the dog with a biscuit.
Puing-chà nain na Litreach: Seo dhut do thombaca ach tha crùn agam ort a-nise: here is your tobacco but you owe me a crown now. Tha £X aig Y air Z is an easy way to express money being owed – meaning ‘Z owes Y £Z’. The debt is on person Z ‘air Z’ and the money will come to ‘bidh e aig’ person Y. Tha $8 aig Iain orm ‘I owe John $8’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Bha e coma ach tombaca fhaighinn: he couldn’t care less about anything except getting tobacco.
Broadcasts
- Sun 22 Mar 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 Mar 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.