Main content

Anns an litir, cluinnidh sinn mar a dh'ionnaich Sandy, an cù aig Ùisdean a bhith dol leis fhèin dhan bhùth son tombac a cheannach dha mhaighstear. The week's letter for learners.

5 minutes

Last on

Wed 8 Apr 2015 23:30

Clip

Litir 820: Stòiridhean mu Shionnaich

An cuala sibh riamh mu ‘mhionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais’? Tha e a’ ciallachadh mionnan nach gabh creidsinn agus tha e a’ tighinn bhon t-seann stòiridh thraidiseanta ‘A’ Ghobhar Ghlas’. Ma chluinneas tu cuideigin, agus e a’ mionnachadh gu bheil e ag innse na fìrinn, agus làn-fhios agad nach eil, faodaidh tu a ràdh nach eil aige ach mionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhar ghlais.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Latha a bha seo, lorg madadh ruadh dà mheann ann am feur tiugh ann an glaic. Bha am màthair air am fàgail an sin, falaichte, fhad ’s a bha i ag ithe. Mar a bhiodh nàdarrach, dh’ith an sionnach na minn. Bha iad fhathast a’ meigeadaich na bhroinn nuair a thill a’ ghobhar.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chuala i na minn aice agus dh’fhaighnich i dhen mhadadh-ruadh cà’ robh iad. Agus seo na thuirt am madadh:

Ìý

Air an droighinn, air an dris,

Air an uisge ’ruith san eas,

Air an adhar os do chionn,

Air an talamh fo do bhonn,

Air a’ ghrèin a tha san iar,

Air a’ ghealaich seachad siar,

Air na reultan anns a’ chiar,

Chan fhac’ mi riamh do chuid mheann.

Ìý

Can gun robh bailiùn air chall, agus dàrna balach a’ faighneachd de bhalach eile am fac’ e e. Dh’fhaodadh am fear eile seo a ràdh:

Ìý

Air an droighinn, air an dris,

Air an uisge ’ruith san eas,

Air an adhar os do chionn,

Air an talamh fo do bhonn,

Air a’ ghrèin a tha san iar,

Air a’ ghealaich seachad siar,

Air na reultan anns a’ chiar,

Chan fhac’ mi riamh do bhailiùn.

Ìý

Ach a bheil ag innse na fìrinn, no a bheil e coltach ris an t-sionnach?!

Ìý

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha Alasdair MacIlleMhìcheil a’ toirt dhuinn cunntas inntinneach mu shionnach ann an Carmina Gadelica. ’S e ‘Sionnach na Maoile’ ainm an stòiridh oir thachair e faisg air Maol Chinn Tìre.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bhiodh madadh ruadh a bha seo a’ falbh astar mòr airson creach a thogail. Nam biodh tollairean aig tuathanach – ’s e sin coin a bhios a’ sealg shionnach – bhiodh an sionnach a’ dol leis a’ chreig agus bhiodh na coin a’ dol às a dhèidh. Bhiodh na coin marbh aig a’ bhonn, ach bhiodh an sionnach fhathast beò. Cha robh fios aig duine mar a bha e ga dhèanamh oir cha robh leac follaiseach air aghaidh na creige.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Dh’iarr na tuathanaich air brocair an sionnach a mharbhadh. Chaidh a leigeil air ròp sìos aghaidh na creige far an do lorg e craobh-chaorainn òg. Nan cuireadh e cuideam air a’ chraoibh, lùbadh a bàrr cho fada ’s gum biodh e a’ buntainn ri leac bheag chumhang. Bhiodh an leac a’ leantainn gu leacan eile a bheireadh creutair sgiobalta far na creige gu sàbhailte. Gheàrr am brocair stoc na craoibhe ach chuir e a’ chraobh air ais ri chèile mar nach robh càil ceàrr oirre.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An ath thuras a rinn an sionnach sgrios, ruith tollairean às a dhèidh. Chaidh am madadh leis a’ chreig. Ach, an turas seo, bha e air a lorg marbh aig bonn na creige, le pìos dhen chraoibh-chaorainn na bheul.

ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Às an tachartas seo, dh’èirich na samhlaidhean: cho carach ri sionnach ruadh Maol Chinn Tìre agus cho seòlta ri sionnach na Maoile. Agus tha abairt ann: bheir e leis a’ chreig sibh mar a thug an sionnach na tollairean. Thoiribh an aire!

Faclan na Litreach

droighinn: blackthorn; dris: bramble bush; eas: waterfall; tollair: foxhound; brocair: foxhunter; craobh-chaorainn: rowan tree; stoc: trunk [of tree].

Abairtean na Litreach

mionnan a’ mhadaidh ruaidh don ghobhair ghlais: the fox’s oath to the grey goat; a’ mionnachadh gu bheil e ag innse na fìrinn: swearing that he is telling the truth; dà mheann ann am feur tiugh: two kids (goats) among thick grass; bha am màthair air am fàgail an sin: their mother had left them there; dh’ith an sionnach na minn: the fox ate the kids; a’ meigeadaich na bhroinn: bleating inside it; air an talamh fo do bhonn: on the ground beneath your feet; air a’ ghealaich seachad siar: on the moon [which has] gone down in the west; na reultan anns a’ chiar: the stars in the dusk; do chuid mheann: your kids; dàrna balach a’ faighneachd de bhalach eile: one lad asking another lad; astar mòr airson creach a thogail: a long distance to catch prey; cha robh leac follaiseach air aghaidh na creige: there was no obvious ledge on the face of the cliff; lùbadh a bàrr cho fada ’s gum biodh e a’ buntainn ri leac: the top would bend so far that it would touch a ledge; a bheireadh creutair sgiobalta far na creige: that would take a nimble creature off the cliff.

Puing-chànain na Litreach

bhiodh an sionnach a’ dol leis a’ chreig: the fox would fall down the cliff ie ‘go with the cliff’. We can use the prepositions ris and leis in this idiom to indicate ascent (ris) or descent (leis), and notice that we slenderise creag to creig because it is a feminine noun in the dative singular. Chaidh e ris a’ chreig ‘he climbed the crag’; chaidh e leis a’ chreig ‘he fell down the crag’.Ìý

Samhlaidhean is seanfhacal na Litreach

cho carach ri sionnach ruadh Maol Chinn Tìre: as wily as the fox of the Mull of Kintyre; cho seòlta ri sionnach na Maoile: as cunning as the Mull (of Kintyre) fox; Bheir e leis a’ chreig sibh mar a thug an sionnach na tollairean; he’ll take you over the cliff like the fox took the foxhounds.

Broadcasts

  • Sun 5 Apr 2015 22:30
  • Wed 8 Apr 2015 23:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast