26/04/2015
Anns an litir aig Ruaraidh MacIlleathain, tha sinn a' faighinn a-mach mun turas aige gu Caisteal Eilean Donan. The week's letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 519
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 823
Duration: 04:59
Litir do Luchd-ionnsachaidh 823
Bha mi air a bhith seachad air iomadach turas. Bha mi air dealbhan dheth fhaicinn thall ’s a-bhos fad mo bheatha. Chaidh mi a chèilidh air caraid ann an Astrà ilia o chionn trì mìosan agus bha dealbh dheth air a’ bhalla anns an t-seòmar-shuidh’ aige. Agus ’s iomadh bogsa de dh’aran-geà rr air a bheil dealbh dheth, uaireannan le beagan tartain timcheall air.
           Tha fhios gu bheil sibh a-nise a’ tuigsinn cò air a tha mi a-mach – fear de chaistealan ainmeil na h-Alba. Agus ma chanas mi gur ann air eilean beag ann an loch-mara air taobh an iar na Gà idhealtachd a tha e, bidh fios agaibh cò fear a tha mi a’ ciallachadh – Eilean Donnain. Mura h-eil sibh eòlach air, tha e ann an Loch Dubhthaich, faisg air an Dòrnaidh ann an Loch Aillse.
           Chunnaic mi dealbh dhen chaisteal air botal uisge-bheatha turas nuair a bha mi ann an Neapal. ’S e ‘Spey Livet’ a bh’ air an uisge-bheatha mar ainm, ach le dealbh de chaisteal air taobh an iar na Gà idhealtachd. Dh’fhàs mi amharasach mu dheidhinn agus thog mi am botal. Air a chùlaibh bha sgrìobhte ‘air a dhèanamh ann an Neapal agus chan fhaodar a reic taobh a-muigh na dùthcha’. Bha Caisteal Eilean Donnain air a’ bhotal oir tha e cho ainmeil.
           Ged a bha mi air a bhith seachad air a’ chaisteal iomadach turas, cha robh mi riamh air a dhol a-steach ann. Ach chuir mi sin ceart o chionn ghoirid. Bha mi a’ dol seachad air, air latha robach geamhraideil. Shaoil mi rium fhìn, ‘Carson nach tèid mi ann an-diugh nuair nach eil e trang?’ Ge-tà , bha an aimsir cho dona ’s gun robh mi air mo bhog-fhliuchadh dìreach le bhith a’ coiseachd – no a’ ruith – eadar an raon-pà rcaidh agus an caisteal!
           Tha Eilean Donnain cho ainmeil a chionn ’s gu bheil e tarraingeach don t-sùil, agus ann an suidheachadh brèagha. Bha fear-iùil againn, fear a bhuineas don sgìre. Bha e gu math fiosrachail air armachd. Bha e ag innse dhuinn mu na filmichean a chaidh a dhèanamh ann. Tha an t-uabhas dhiubh ann, eadar ‘Highlander’ is feadhainn Bollywood, agus iomadach film eile. Agus ’s iomadh cupall a thug am bòidean pòsaidh seachad sa chaisteal, oir tha mòran ga thomhas mar à ite romansach. ’S dòcha nach robh e buileach cho romansach anns an t-seann aimsir nuair nach robh teas no solas an dealain againn, ach coma leinn sin!
           Dè tha an t-ainm a’ ciallachadh – Eilean Donnain? Uill, a rèir choltais, tha an t-eilean – a bha bho thùs gun drochaid – ainmichte airson naomh. B’ esan Donnan, an aon duine a chaidh a mharbhadh ann an Eilean Eige anns an t-seachdamh linn. Tha co-dhiù naoi à iteachan air a bheil Cill Donnain mar ainm air feadh Alba, a’ comharrachadh naomh a bha uaireigin ainmeil.
           Tha dùil gun robh cealla Chrìosdail air an eilean ’s dòcha anns an t-siathamh no seachdamh linn. Chan eil fianais ann de thogalach dhen t-seòrsa sin an-diugh, ged a chaidh clachan glainnichte a lorg ann. Thathar a’ smaoineachadh gun robh iad sin à togalach a bhuineadh do Linn an Iarainn. Chòrd mo thuras a dh’Eilean Donnain rium, agus innsidh mi dhuibh tuilleadh mun chaisteal an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
²¹°ù²¹²Ô-²µ±ðà °ù°ù: shortbread; Eilean Donnain: Eilean Donan; amharasach: suspicious; Ìý°ù²¹´Ç²Ô-±èà °ù³¦²¹¾±»å³ó: carpark; ´Ú±ð²¹°ù-¾±Ã¹¾±±ô: guide; Eilean Eige: The Isle of Eigg; cealla Chrìosdail: a Christian cell; Linn an Iarainn: The Iron Age.
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
cha robh mi riamh air a dhol a-steach ann: I had never gone there. This is a revision of the point I made about the construction of the pluperfect tense of verbs in Litir 804 on 14.12.14. We use the past tense of the verb ‘to be’ and the preposition air (originally iar meaning ‘after, behind’) followed by the lenited form of the verbal noun. An robh thu air biadh gu leòr a dhèanamh? ‘had you made enough food?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
cho dona ’s gun robh mi air mo bhog-fhliuchadh: so bad that I was completely soaked.
Broadcasts
- Sun 26 Apr 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Apr 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.