Main content

Tha Ruaraidh a'cur crìoch air an sgeulachd mun 'Droch Fhear' agus an teine mòr. Another story from Ruairidh.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 17 Jun 2015 23:00

Clip

Litir 830 - An Teine Mòr - Pàirt 6

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh – ‘An Gobha agus an Droch Fhear’ – a tha a’ mìneachadh mar a thàinig an Teine Mòr, no Teine Sionnachain, gu bith.

               ‘Tha iad ag ràdh,’ thuirt an gobha ris an Droch Fhear, ‘gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.’

               ‘Tha sin fìor,’ ars an Droch Fhear.

               ‘Cha chreid mi e gus am faic mi e,’ thuirt an gobha. ‘Mas urrainn dhut, cuir thu fhèin ann an riochd bonn airgid.’

               Sa mhionaid, chuir an Droch Fhear e fhèin ann an riochd bonn airgid. Thog an gobha am bonn. Sparr e gu teann cruaidh na sporan e. B’ e an treas iarrtas aige air an t-seann duine liath nach fhaigheadh bonn a-mach às an sporan aige ach a-mhàin nan togadh a làmh fhèin e. Bha an Droch Fhear a-nise an sàs aige. Bha e a’ sgreadail ’s a’ sgreuchail mar gur e muc a bh’ ann. Ach cha d’ fhuair e a-mach às an sporan.

               Ach dè bha an gobha a’ dol a dhèanamh leis an Droch Fhear? Chuir e roimhe an sporan a phronnadh leis na h-ùird air an innean. Dh’iarr e air dithis ghillean làidir a b’ aithne dha am pronnadh a dhèanamh. Thilg iad an sporan pronn don teine, agus dh’fhalbh an Droch Fhear na shradagan a-mach air an luidhear.

               Ach, le bàs an Droch Fhir, thòisich cùisean air a dhol an aghaidh a’ ghobha. Bha an sprèidh aige a’ faighinn bàs. Ged a rinn e curachd as t-earrach, cha robh toradh a b’ fhiach anns a’ bhàrr aige as t-fhoghar. Bha e air òr is airgead a chur ma seach ann an cisteachan is sluic. Ach, nuair a dh’fhosgail e na cisteachan ’s na sluic, cha robh annta ach buachar eich!

               Chaidh cùisean an aghaidh a theaghlaich cuideachd. Bha a’ chlann gu lèir leisg agus làn droch bheusan. Nuair a dh’eug a bhean, bhiodh an gobha a’ falbh o dhoras gu doras na chripleach truagh, ag iarraidh na dèirce.

               Mar bu shine ’s mar bu truaighe a bha e a’ fàs, ’s ann a bu mhiosa a bha a nàdar a’ dol. Cha robh beannachd Dhè no dhaoine air a cheann. On a bha e gun charaid, is gann a bha duine ann a bheireadh fasgadh na h-oidhche dha. Mu dheireadh, fhuaradh a chorp marbh ann an seann tobhta. Cha chuireadh na daoine ann an cladh e. Thilg iad a chorp ann an sloc faisg air bruaich na h-aibhne.

               Nuair a dh’fhàg e an saoghal, chaidh e gu dìreach a dh’ionnsaigh an droch àite. Nuair a ràinig e an doras, cò choinnich e ach a sheann charaid.

               ‘Thàinig thu mu dheireadh,’ ars an Droch Fhear, ‘ach cha ghabh mise a-steach thu. Tha mi a’ fadadh teine nach mùchar a-chaoidh nad bhroilleach. Tha mi ag òrdachadh dhut a bhith ag imeachd sìos is suas air an talamh gu latha a’ bhreitheanais. Cha bhi fois oidhche no tàmh latha agad. Bidh thu nad chulaidh-ghràin dhut fhèin agus nad chulaidh-eagail do gach creutair beò a chì thu.

            ’S ann mar sin a thàinig an Teine Mòr gu bith. Ma chì sibh e, cuimhnichibh air eachdraidh a’ ghobha agus mar a dh’fhuiling e a chionn ’s gun do rinn e bargan leis an Droch Fhear.

Faclan na Litreach

Teine Mòr, Teine Sionnachain: will-o-the-wisp; ²õ±è°ùè¾±»å³ó: livestock; »å³ó’e³Ü²µ: died; beannachd: blessing; cladh: cemetery.Ìý

Abairtean na Litreach

gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu: that you can disguise yourself as anything you want; cha chreid mi e gus am faic mi e: I won’t believe it until I see it; ann an riochd bonn airgid: in the form of a coin; sparr e gu teann cruaidh na sporan e: he thrust it with vigour into his purse; ach a-mhàin nan togadh a làmh fhèin e: unless his own hand picked it up; a’ sgreadail ’s a’ sgreuchail: screaming and screeching; chuir e roimhe an sporan a phronnadh leis na h-ùird: he decided to pulverise the purse with the hammers; dh’iarr e air dithis ghillean làidir a b’ aithne dha am pronnadh a dhèanamh: he asked two strong lads he knew to do the pulverising; na shradagan a-mach air an luidhear: as sparks up the flue; curachd as t-earrach: planting in the spring; cha robh toradh a b’ fhiach anns a’ bhàrr aige as t-fhoghar: his crops in autumn weren’t worth a bean; na cisteachan ’s na sluic: the kists and pits; cha robh annta ach buachar eich: there was nothing in them but horse dung; làn droch bheusan: full of bad character; na chripleach truagh: as a poor cripple; ag iarraidh na dèirce: seeking alms; fhuaradh a chorp ann an seann tobhta: his body was found in an old ruined building; a dh’ionnsaigh an droch àite: to the bad place; cha ghabh mise a-steach thu: I won’t let you in; ag imeachd sìos is suas air an talamh gu latha a’ bhreitheanais: going back and forth on the land till judgement day; cha bhi fois oidhche no tàmh latha agad: you will have no peace night or day; mar a dh’fhuiling e a chionn ’s gun do rinn e bargan leis an Droch Fhear: how he suffered because he made a pact with the Devil.

Puing-chànain na Litreach

Tha mi a’ fadadh teine nach mùchar a-chaoidh nad bhroilleach: I’m kindling a fire that will never be extinguished in your chest. ²Ñù³¦³ó²¹°ù is the future passive form of mùch, mùchadh ‘e³æ³Ù¾±²Ô²µ³Ü¾±²õ³ó’. Cha mhùchar an gaol a th’ agam ort ‘the love I have for you will never be stifled’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Bidh thu nad chulaidh-ghràin dhut fhèin agus nad chulaidh-eagail do gach creutair beò a chì thu: you’ll be an object of hatred for yourself and an object of fear for every living creature that sees you

Broadcasts

  • Sun 14 Jun 2015 22:30
  • Wed 17 Jun 2015 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast