21/06/2015
Tha Ruairidh a' tadhal air Beinn Eighe air taobh siar Rois 's e a' coimhead air seann mhapaichean na sgìre cuideachd. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 527
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 831
Duration: 05:00
Litir 831: Beinn Eighe
’S i mo rùn Beinn Eighe, dh’fhalbhadh i leam is dh’fhalbhainn leatha.
Nuair a chaidh mi seachad air Beinn Eighe – tè de bheanntan ainmeil Rois an Iar – sa Ghiblean, ’s ann mar sin a bha e. Abair gun robh i brèagha, le sneachd mòr oirre. Bha a’ choille aig bonn na beinne a’ coimhead brèagha cuideachd, agus na breacain-bheithe air sgeith mu mo thimcheall.
           Bha caraid à Sasainn cuide rium. Dh’fhaighnich e dhìom gu dè bu chiall don ainm ‘Beinn Eighe’. Thuirt mi ‘file mountain’ ris. ’S e sin a thathar ag rà dh anns an taisbeanadh ùr aig Dualchas Nà dair na h-Alba faisg air Ceann Loch Iù. Agus tha a’ bheinn coltach ri eighe – an seòrsa le trì taobhan oirre, nuair a tha thu a’ coimhead oirre bho Cheann Loch Iù.
           ‘Feumaidh nach eil an t-ainm sean, ³¾²¹-³Ù³óà ,’ thuirt mo charaid. ‘Chan eil a leithid de bhall-acfhainn air a bhith ann am bith uabhasach fada.’ Uill, cha robh fios agam dè chanainn. An uair sin smaoinich mi air mapa Bhlaeu a chaidh a dhèanamh ann an sia ceud deug, seasgad ’s a còig (1665). Am biodh an t-ainm air a’ mhapa sin?
           ’S iomadh rud luachmhor a th’ air mapa Bhlaeu. Mar eisimpleir, ’s e Loch Ew a th’ aige airson Loch Ma-ruibhe, a’ sealltainn nach robh ainm an locha air atharrachadh fhathast. ’S e sin as coireach gu bheil Ceann Loch Iù agus Leitir Iù co-cheangailte ri Loch Ma-ruibhe. Tha Blaeu ag ainmeachadh Leitir Iù agus cuideachd Glas-leitir, far a bheil taigh-taisbeanaidh SNH.
           Ach, gu mì-fhortanach, chan eil Beinn Eighe air a h-ainmeachadh! Faisg oirre tha dà ainm beinne – Bin Rowastack – ’s e sin an Ruadh-stac a tha mar phà irt de Bheinn Eighe. Agus tha Bin Inachan ann. An e sin Beinn Eunachan ‘mountain of little birds’? Tha dìreach aon bheinn faisg air là imh le ainm car coltach ri sin an-diugh – Beinn an Eòin. Bha mi an dùil gun robh sin a’ ciallachadh ‘Beinn na h-Iolaire’ ach ’s dòcha nach eil sin ceart.
           Rinn Uilleam Roy mapaichean dhen Ghà idhealtachd ceud bliadhna an dèidh Blaeu. Tha esan ag ainmeachadh Beinn Eighe (Ben Eay) agus Beinn an Eòin (Ben Neaun). Tha e cuideachd a’ cur an ainm ùir air Loch Ma-ruibhe.
           Thionndaidh mi chun na ceiste, ³¾²¹-³Ù³óà – an robhar a’ dèanamh eighean, gu h-à raidh feadhainn trì-thaobhach, ro mheadhan an ochdamh linn deug? Uill, a rèir choltais, bha – ach ma tha fiosrachadh mionaideach agaibh fhèin air a’ chùis, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
           Bha, agus tha, eighean dhen t-seòrsa sin feumail airson na fiaclan air sà bhan a gheurachadh. Tha mi a’ smaoineachadh gu sònraichte air an t-sà bh mhòr a bhathar a’ cleachdadh airson craobhan a ghearradh. Bhiodh muinntir Cheann Loch Iù gu math eòlach air a leithid oir bha gnìomhachas mòr aca co-cheangailte ris a’ choille a bha a’ fàs mu thimcheall orra. Gu dearbh, bha gnìomhachas iarainn anns an sgìre sin uaireigin, agus an gual-fiodha air a dhèanamh às na craobhan a bha a’ fàs ri taobh Loch Ma-ruibhe.
           Ach, ma tha ceist sam bith ann mu ainmean-à ite air Teà rmann Nà dair Nà iseanta Beinn Eighe, chan eil againn ach a dhol don obair sgoilearaich a rinn Roy Wentworth nach maireann. Chaidh fhoillseachadh o chionn seachd bliadhn’ deug. Bha Roy còir dhen bheachd dha-rìreabh gur e ciall an ainm ‘file mountain’. Chan urrainnear à icheadh.
Faclan na Litreach
breacain-bheithe: chaffinches; taisbeanadh: exhibition; Ceann Loch Iù: Kinlochewe; eighe: file (tool); luachmhor: valuable; Loch Ma-ruibhe: Loch Maree; Leitir Iù: Letterewe; iarainn: iron; gual-fiodha: charcoal; Teà rmann Nà dair Nà iseanta Beinn Eighe: Beinn Eighe National Nature Reserve.Â
Abairtean na Litreach
dh’fhalbhadh i leam is dh’fhalbhainn leatha: she would go with me and I would go with her (having romantic connotations); tè de bheanntan ainmeil Rois an Iar: one of the famous mountains of Wester Ross; abair gun robh i brèagha, le sneachd mòr oirre: boy was she beautiful, with a lot of snow on her; a’ choille aig bonn na beinne: the forest at the bottom of the mountain; dh’fhaighnich e dhìom gu dè bu chiall don ainm: he asked me what the name meant; chan eil a leithid de bhall-acfhainn air a bhith ann am bith uabhasach fada: that type of tool hasn’t been in existence terribly long; faisg air là imh: close by; thionndaidh mi chun na ceiste: I turned to the question; an robhar a’ dèanamh eighean?: were files being made?; gu h-à raidh feadhainn trì-thaobhach: especially three-sided ones; ro mheadhan an ochdamh linn deug: before the middle of the eighteenth century; airson na fiaclan air sà bhan a gheurachadh: for sharpening the teeth on saws; bha gnìomhachas mòr aca: they had a significant industry; co-cheangailte ris a’ choille a bha a’ fàs mu thimcheall orra: connected to the forest that was growing around them; chan eil againn ach a dhol don obair sgoilearaich a rinn Roy Wentworth nach maireann: we only need to go to the scholarly work of the late Roy Wentworth; chaidh fhoillseachadh o chionn seachd bliadhn’ deug: it was published 17 years ago; dhen bheachd dha-rìreabh: indeed of the opinion; gur e ciall an ainm: that the meaning of the name is.
Puing-chà nain na Litreach
Feumaidh nach eil an t-ainm sean, ³¾²¹-³Ù³óà : the name can’t be old, then. Note the spelling of the phrase (as approved by GOC 2009), with the hyphen and accented ‘a’. ²Ñ²¹-³Ù³óà means ‘then, therefore, in that case’. In places like Skye you will even hear non Gaelic-speakers using it when speaking English. An alternative form, which is also common, is ³¾²¹-³Ùà .
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 21 Jun 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 24 Jun 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.