28/06/2015
Cluinnidh sinn mun turas aig Ruaraidh MacIlleathain dhan a' Chumrigh 's e ag ionnsachadh mu sheann sgeulachdan na dùthcha. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 527
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 832
Duration: 05:00
Litir 832: Mabinogion
As t-Earrach am-bliadhna, ghabh mi cuairt don Chuimrigh. Bha mi anns a’ cheann a tuath, ann an Eryri, no ‘Snowdonia’ mar a chanar ann am Beurla.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha fear as aithne dhomh a’ ruith cùrsa deireadh-sheachdaineach, a’ toirt sùil air tè de sgeulachdan nam Mabinogion. ’S iad seann sgeulachdan na Cuimrigh, car coltach ri Mòr-sgeulachdan Innis Tìle. Buinidh iad do na Meadhan-Aoisean.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý B’ e fà th mo thurais a bhith a’ faicinn nan à iteachan far an do thachair na diofar phà irtean dhen sgeulachd. Tha iad air an comharrachadh is air an ainmeachadh air aghaidh na tìre. Agus, ann an aon à ite, air grunnd na mara!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha mi airson faicinn mar a tha sà r-sgeulaiche a’ dèiligeadh ri a leithid sa Chuimrigh. Oir bu mhath leam gun dèanamaid an aon seòrsa rud an seo le ar sgeulachdan Gà idhealach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý B’ e an sgeulachd a chaidh aithris dhuinn ‘Math, Mac Mhathonwy’. Uaireannan, tha eileamaidean anns na stòiridhean Cuimreach a bhios aithnichte do Ghà idheil. Agus, anns an sgeulachd seo, tha caractar air a bheil Lleu. A rèir choltais tha an aon tùs aige ri Lugh, an seann ghaisgeach is dia pà ganach Gà idhealach a tha ainmichte againn fhathast anns a’ mhìos – An Lùnastal. Tha Lleu ainmichte ann an grunn à iteachan ann an ceann a tuath na Cuimrigh, leithid Nantlle ‘allt Lleu’.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha an stòiridh ro fhada airson innse dhuibh air fad, eadhon geà rr-chunntas dheth. Ach bu mhath leam earrann dheth aithris dhuibh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha Math, mòr-mhaor Gwynedd a’ lorg òigh. Chuir e fios gu Arianrhod, nighean piuthar dha.Â
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘A bheil thu nad òigh?’ dh’fhaighnich e.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Chan aithne dhomh nach eil,’ fhreagair Arianrhod.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thug Math a shlat dhraoidheil a-mach agus dh’iarr e air a’ bhoireannach òg ceum a ghabhail thairis oirre. Rinn i sin ach, aig an dearbh à m, rugadh leanabh-gille dhi. ’S e leanabh mòr a bh’ ann, le falt buidhe. Leig e èigh a-mach. Rinn Arianrhod air an doras. Fhad ’s a bha i a’ dèanamh sin, rugadh leanabh-gille eile dhi. Bha am fear sin gu math beag. Chuir brà thair Arianrhod, Gwydion, còmhdach sìoda thairis air, agus chuir e am falach e ann an ciste aig bonn a leapa.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tuigidh sibh a-nise nach e òigh a bh’ ann an Arianrhod agus gun robh dithis leanabh aice. A’ chiad fhear, ’s e Dylan a chuireadh air mar ainm. Tha sin a’ ciallachadh ‘Cuan’. Cho luath ’s a bha e air a bhaisteadh, rinn e air a’ mhuir. Bha e a’ snà mh cho math ri iasg. Cha do bhris tonn riamh fodha.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ach an leanabh eile – am fear beag – thill Gwydion thuige. Thug e don bhaile faisg air là imh e. Agus dh’aontaich boireannach an sin an gille a thogail – airson sùim airgid. Cha robh ainm air a’ ghille aig an à m sin.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An-ath-sheachdain, innsidh mi dhuibh mu à iteachan air cladach na Cuimrigh, agus gu math faisg air a chèile, far a bheil Arianrhod, Dylan agus an gille beag air an ainmeachadh, far a bheil na stòiridhean fhathast beò air bilean an t-sluaigh agus air aghaidh na tìre.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
A bheil thu nad òigh?: are you a virgin? A bheil thu nad X (ie na do X) means literally ‘are you in your X?’ This use of the dative for expressing identity is quite common and avoids the use of the assertive verb ‘i²õ’. Other examples are a bheil thu nad thidsear ‘are you a teacher?’; a bheil sibh nur ministear? ‘are you a minister?’
Gnà thas-cainnt na Litreach
B’ e fà th mo thurais a bhith a’ faicinn nan à iteachan far an do thachair na diofar phà irtean dhen sgeulachd: the purpose of my journey was to be seeing the places where the different parts of the story happened.
Broadcasts
- Sun 28 Jun 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Jul 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.