Main content

Anns an litir aig Ruairidh MacIllEathain, tha sinn a' faighinn a-mach mun bhàrd, Seumas Mac an t-Saoir agus mar a bhiodh e a' cleachdadh chraobhan anns na rannan aige.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 5 Aug 2015 22:30

Clip

Litir 837: ÃŒomhaigheachd nan Craobh

Halò a-rithist. Nise, seo ceist dhuibh. Cò am bàrd Gàidhlig, air an robh Mac an t-Saoir mar ainm, a chleachd ìomhaighean de nàdar gu làidir anns a’ bhàrdachd aige? Tha fhios gu bheil sibh ag ràdh, ‘Donnchadh Bàn’. Agus cha bhiodh sibh ceàrr. Ach ’s ann air fear eile a tha m’ aire an-dràsta. Tha mi a’ meòrachadh air an duine seo air sgàth ’s gun robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn Shomhairle MhicIain an t-seachdain sa chaidh.

            Thig mi gu Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha an ceartuair. An toiseach, ge-tà, bu mhath leam rudeigin a ràdh mu ìomhaigheachd nan craobh ann am bàrdachd Ghàidhlig. Bha na seann Ghàidheil a’ tomhas nan craobh mar gum biodh ann an dà bhuidhinn – feadhainn bheannaichte agus feadhainn mhallaichte. Agus bhiodh iad a’ dèanamh tuairisgeul de dhaoine a rèir na h-ìomhaigheachd sin.

            Mar eisimpleir, ann an ‘Alasdair à Gleanna Garadh’ tha a’ bhana-bhàrd Sìleas na Ceapaich a’ moladh a’ chuspair gu mòr, an dèidh a bhàis. Èistibh ris a’ cheathramh seo:

Bu tu ’m bradan anns an fhìor-uisg,

Fìr-eun air an eunlaith as àirde,

Bu tu ’n leòmhann thar gach beathach,

Bu tu damh leathann na cràice.

            Agus seo agaibh Sìleas a’ cur ìomhaigheachd nan craobh an sàs:

Bu tu ’n t-iubhar anns a’ choillidh

Bu tu ’n darach daingeann làidir,

Bu tu ’n cuileann, bu tu ’n droighinn,

Bu tu ’n t-abhall molach blàthmhor;

Cha robh do dhàimh ris a’ chritheann

No do dhligheadh ris an fheàrna;

Cha robh bheag annad dhen leamhan;

Bu tu leannan nam ban àlainn.

            B’ iad na craobhan beannaichte an t-iubhar, an darach, an cuileann, an droigheann agus an t-abhall no craobh-ubhail. B’ iad na craobhan mallaichte an critheann, an fheàrna agus an leamhan.

            Uill, bidh cuimhne agaibh gun tàinig Somhairle MacIain chun na Gàidhealtachd agus gun do dh’fhoillsich e droch bheachd air a’ Ghàidhlig. Bha sin a dh’aindeoin ’s gun d’ fhuair e fàilte is coibhneas gu leòr.

            Bha Seumas Mac an t-Saoir à Gleann Nodha, taobh Loch Èite ann an Earra-Ghàidheal, air a mhaslachadh leis na sgrìobh an Sasannach. Agus sgrìobh e fhèin dàn nimheil, a’ càineadh MhicIain. An-diugh, cha bhiodh foillsichear Gàidhlig a’ dol faisg air oir bhiodh an luchd-lagha gu math trang!

            Seo pìos de ‘Òran don Ollamh MacIain’:

Gur tu an losgann sleamhainn tàrrbhuidh,

’S tu màigein tàirrngeach nan dìgean,

Gur tu dearc-luachrach a’ chàthair

 Ri snàg ’s ri màgaran mìltich;

’S tu bratag sgreataidh an fhàsaich,

’S tu ’n t-seilcheag ghrànda, bhog, litheach,

            Is mar sin air adhart…! Tuigidh sibh dè bha mi a’ ciallachadh! Agus seo agaibh Seumas a’ cleachdadh ìomhaigheachd nan craobh:

Cha bu tu ’n droigheann no ’n cuileann

  No an t-iubhar fulannach làidir,

Chan eil mìr annad dhen darach

  No de sheileach dearg nam blàran;

Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann,

  Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna –

Tha do cheann gu lèir de leamhan,

  Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.

            B’ iad na craobhan beannaichte aige fhèin – an droigheann, an cuileann, an t-iubhar agus an darach – ceithir de na còig a bh’ aig Sìleas. Agus an fheadhainn mhallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan – na trì a bh’ aig Sìleas. Agus an sgitheach is seileach dearg a bharrachd. Ìomhaigheachd àraidh de chraobhan na Gàidhealtachd.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: ìomhaighean: images; Somhairle MacIain: Samuel Johnson; Seumas Mac an t-Saoir: James MacIntyre; Gleann Nodha: Glen Noe; tuairisgeul: description; Gleanna Garadh: Glengarry; darach: oak; cuileann: holly; droighinn: ²ú±ô²¹³¦°ì³Ù³ó´Ç°ù²Ô.Ìý

Abairtean na Litreach

ìomhaigheachd nan craobh: arboreal imagery; feadhainn bheannaichte agus feadhainn mhallaichte: blessed ones and cursed ones; èistibh ris a’ cheathramh seo: listen to this quatrain; fìr-eun air an eunlaith as àirde: eagle in the highest flock; ’n leòmhann thar gach beathach: the lion above all beasts; damh leathann na cràice: the stout, antlered stag; ’n t-iubhar anns a’ choillidh: the yew in the forest; ’n t-abhall molach blàthmhor: you were the apple-tree, rough-barked, covered with blooms; cha robh do dhàimh ris a’ chritheann: you had no kinship with the aspen; no do dhligheadh ris an fheàrna: or bonds with the aspen; cha robh bheag annad dhen leamhan: you had nothing of the lime-tree in you, leannan nam ban àlainn: the darling of the beautiful women; a dh’aindeoin ’s gun d’ fhuair e fàilte is coibhneas gu leòr: despite [the fact] that he received plenty of warmth and kindness; air a mhaslachadh: disgusted; cha bhiodh foillsichear a’ dol faisg air: no publisher would go near it; an losgann sleamhainn tàrrbhuidh: the slimy yellow-bellied toad; màigein tàirrngeach nan dìgean: the sluggish crawler [toad?] of ditches; dearc-luachrach a’ chathair: the lizard of the swamp; ri snàg ’s ri màgaran mìltich: which creeps and slithers through sweet-grass; ’s tu bratag sgreataidh an fhàsaich: the ugly wasteland caterpillar; ’n t-seilcheag ghrànda, bhog, litheach: the foul, soft, slimy snail; chan eil mìr annad dhen darach: there is not a bit of the oak in you; seileach dearg nam blàran: the red willow of the plains; tha ’chuid as motha dhìot de chritheann: most of you is of aspen; ìnean sgithich: hawthorn nails; gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein: especially your tongue and gums.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: air sgàth ’s gun robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn X: because I was speaking about X. Air sgàth agus [the last word shortened to ’s] presumes a clause following it, is there is a verb. Without a verb, the expression is air sgàth eg air sgàth a bheachd, air sgàth na droch shìde. This is a common error that has crept into the language in recent years – one commonly hears expressions like air sgàth ’s an droch shìde. The ’s is only used when followed by a clause and air sgàth commands the genitive case not the nominative.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bu tu ’m bradan anns an fhìor-uisg: you were the salmon in the freshwater.

Broadcasts

  • Sun 2 Aug 2015 22:30
  • Wed 5 Aug 2015 22:30

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast