Main content

Cluinnidh sinn mu chraobhan 'beannaichte' agus craobhan 'malaichte' anns an litir aig Ruairidh.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 12 Aug 2015 23:00

Clip

Litir 838: A’ Chraobh-fheàrna

A bheil cuimhne agaibh air na briathran aig Seumas Mac an t-Saoir an t-seachdain sa chaidh? Bha iad mu dheidhinn Shomhairle MhicIain, agus cha b’ e moladh a bha am bàrd Gàidhlig a’ dèanamh air:

Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann, Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna, Tha do cheann gu lèir de leamhan,  Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.

            Bha Mac an t-Saoir a’ ceangal MhicIain ris na craobhan mallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan. Ach carson a bha an fheàrna am measg nan craobh sin?

            Chan eil mi buileach cinnteach. Ma tha a’ chraobh-fheàrna air a h-ainmeachadh anns a’ Bhìoball, chan aithne dhomh e. Agus ma tha e co-cheangailte ris mar a bhios an fheàrna a’ fàs ann an àiteachan fliucha, uill, èistibh ri Leabhar nan Salm, caibideil 1: ‘Is beannaichte an duine sin … bidh e mar chraobh suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a-mach a toradh na h-aimsir …

            ’S dòcha nach eilear a’ bruidhinn mun chraoibh-fheàrna an sin, ceart gu leòr, oir thathar ag ràdh nach caill i a duilleach. Saoilidh mi gu bheil droch chliù na craoibh-fheàrna a’ dol air ais don linn ro-Chrìosdail. ’S dòcha gun robh e ceangailte ri snodhach na feàrna oir tha e coltach ri fuil nuair a tha e ag aoidion a-mach.

            Agus tha dà rud mun fheàrna a tha ga comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho chraobhan eile anns na dùthchannan Ceilteach. Anns a’ chiad dol a-mach, nuair a thathar a’ sgoltadh loga de dh’fheàrna, bithear ga chur bun-os-cionn. Eucoltach ri craobhan eile, tha e nas fhasa a sgoltadh mar sin. Canaidh sinn – gach fiodh bhon bhàrr ach an fheàrn bhon bhun.

            Bidh logaichean dhen chraoibh seo a’ maireachdainn nas fhaide ann an uisge na tha iad nuair a tha iad tioram. A-mach às an uisge, bidh iad a’ grodadh gu luath. Ach, anns an uisge, bidh iad a’ maireachdainn ùine mhòr. Air sàillibh sin, ’s e a’ chraobh-fheàrna a chaidh a chleachdadh gu tric airson nam mòr-stoban ann an crannagan. ’S e sin na logaichean a bh’ air an cleachdadh airson crannag – dachaigh ann an loch – a shuidheachadh anns an t-seann aimsir.

            Tha rudan matha eile mun fheàrna cuideachd. Gabhaidh feadagan a dhèanamh de na geugan aice. Agus bhiodh na Gàidheil a’ cur duilleagan dhith nam brògan nam biodh na casan aca goirt.

            Seo agaibh seann aibidil chraobhach nan Gàidheal – ailm, beith, coll, dair, eadha, feàrn, gort, iogh, luis, muin, nuin, onn, beith bhog, ruis, sùil, teine, ùr. De na craobhan as bitheanta a dh’fhàsas air a’ Ghàidhealtachd, ’s e dìreach a’ bheith agus an fheàrn nach do dh’atharraich an ainmean bhon uair sin.

            Agus tha trì faclan eile agam dhuibh co-cheangailte ri craobhan-feàrna. An toiseach – ´Úà°ù»å²¹»å³ó. ’S e sin rùsg na craoibhe a thathar a’ cleachdadh airson clò a dhathadh dubh. ¹óà°ù»å²¹»å³ó. Faob no faoban – ’s e sin cnap, beag no mòr, a dh’fhàsas air stocan is geugan, agus air a’ chraoibh-fheàrna am measg eile. Faob. Agus carraig. Tha Dwelly ag innse dhuinn gu bheil e a’ ciallachadh cnap fiodha agus cuideachd ball fiodha leis am biodh daoine a’ cluich spòrs. Agus seo na sgrìobh an sagart Mgr Ailein mu carraig: ‘a lumpy wooden excrescence on an alder tree used by children for a ball for shinty.’ Abair fuaim nuair a thugadh sgleog le caman air carraig!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Seumas Mac an t-Saoir: James MacIntyre; Somhairle MacIain: Samuel Johnson; leamhan: elm; mallaichte: cursed; snodhach: sap; a’ maireachdainn: lasting; a’ bheith: the birch; ´Úà°ù»å²¹»å³ó: the bark of the alder; faob, faoban: roundish excrescence on branch or trunk of tree; carraig: a lumpy wooden excrescence on an alder tree used by children for a ball for shinty. 

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: tha ’chuid as motha dhìot de chritheann: most of you is of aspen; ìnean sgithich ’s làmhan feàrna: hawthorn nails and alder hands; gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein: especially your tongue and gums; chan eil mi buileach cinnteach: I’m not entirely sure; air a h-ainmeachadh anns a’ Bhìoball: named in the Bible; is beannaichte an duine sin: blessed is that man; bidh e mar chraobh suidhichte làimh ri sruthan uisge: he is like a tree situated next to streams of water; nach caill i a duilleach: that it doesn’t lose its foliage; coltach ri fuil nuair a tha e ag aoidion a-mach: like blood when it leaks out; nuair a thathar a’ sgoltadh loga: when a log is being split; bithear ga chur bun-os-cionn: it is put upside down; air sàillibh sin: because of that; airson nam mòr-stoban ann an crannagan: for the primary piles in crannogs; gabhaidh feadagan a dhèanamh de na geugan aice: whistles can be made from the branches; rùsg na craoibhe a thathar a’ cleachdadh airson clò a dhathadh dubh: the bark of the tree which is used in dyeing cloth black; a’ cur duilleagan dhith nam brògan: putting leaves of it in their shoes; seann aibidil chraobhach nan Gàidheal: the old tree-alphabet of the Gaels; ball fiodha leis am biodh daoine a’ cluich spòrs: a wooden ball with which people would play sport; abair fuaim nuair a thugadh sgleog le caman air carraig: what a noise when a wooden ball was hit with a shinty stick.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: a bheir a-mach a toradh na h-aimsir: which yields its fruit in her time (in the right season). Also airson crannag a shuidheachadh anns an t-seann aimsir ‘to create the foundations of a crannag in olden times. Although we often use aimsir to refer to ‘weather’, its primary meaning is ‘time, era’ and it is in that sense it appears in this week’s Litir.

Seanfhacal na Litreach

Seanfhacal na Litreach: gach fiodh bhon bhàrr ach an fheàrn bhon bhun: every wood from the top but the alder from the bottom. Alder logs split better turned upside down.

Broadcasts

  • Sun 9 Aug 2015 22:30
  • Wed 12 Aug 2015 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast