23/08/2015
Anns an litir aig Ruairidh, tha sinn a' faighinn fios mun taigh-solas air an Eilean Bhà n a tha sa chaolas eadar an t-Eilean Sgiathanach agus tìr-mòr. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 536
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 840
Duration: 05:00
Litir 840: An t-Eilean BÃ n (2)
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun Eilean Bhà n a tha suidhichte fo Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich, eadar Caol Loch Aillse agus Caol Àcain. Cheannaich an sgrìobhadair ainmeil Gabhainn Maxwell na taighean-còmhnaidh anns an eilean anns na seasgadan. Tha taisbeanadh ann a-nise do a bheatha.
           Bha na taighean anns an eilean oir bha teaghlaichean a’ fuireach ann. Tha taigh-solais ann a tha a’ comharrachadh beul a’ chaolais eadar an t-Eilean Bà n agus an t-Eilean Sgitheanach. Agus ’s ann anns na taighean-còmhnaidh a bha an luchd-obrach agus an teaghlaichean a’ fuireach.
           Air an latha a bha mi anns an Eilean Bhà n, bha an taigh-solais fosgailte don phoball. Shreap mi an staidhre cas suas gu seòmar an t-solais a tha trì fichead troigh ’s a deich os cionn bonn an tùir. Tha sealladh math dhen chaolas às a sin.
           Tha an taigh-solais gu math sean ach fhathast ann an deagh òrdugh. Chaidh a thogail ann an ochd ceud deug, caogad ’s a seachd (1857). Chaidh a dhealbhachadh le Tòmas agus Daibhidh Stevenson. B’ e Tòmas athair an sgrìobhadair ainmeil, Raibeart Louis Stevenson. Abair gun robh an teaghlach sin tà lantach.
           Dè an connadh a bhathar a’ cleachdadh aig an à m sin airson taighean-solais ann an Alba? Dè, ach ola nam mucan-mara. An dèidh ceathrad bliadhna, chaidh an connadh atharrachadh gu gas bho pharaffin. Nuair a chaidh an taigh-solais a dhèanamh fèin-obrachail anns na seasgadan dhen fhicheadamh linn, ’s e acetylene a bhathar a’ cleachdadh. Chithear na h-à iteachan far an robh na siolandairean gas air an cumail aig bonn an tùir. Bho sin a-mach, cha robh feum air luchd-obrach a chumadh sùil air an t-solas fad na h-ùine.
           Chan eil an taigh-solais ag obair tuilleadh. Chaidh a chur às ann an naoi ceud deug, naochad ’s a trì (1993). Tha bollachan-stiùiridh – dearg is uaine – a’ comharrachadh a’ chaolais do mharaichean agus chan eil feum air an taigh-sholais air an oidhche. Ach tha e ann fhathast mar chomharra-seòlaidh oifigeil tron latha. Mar sin, feumar a chumail ann an deagh òrdugh.
           Mholainn gun stad sibh uaireigin anns an Eilean Bhà n. Eadhon mura h-eil an taigh-solais no an taisbeanadh fosgailte, tha bothan-falaich ann far am faodar coimhead air fiadh-bheatha air tìr agus aig muir.
           Agus ma tha ùine agaibh, tha aon à ite eile ann far am bu chòir dhuibh stad a tha co-cheangailte ri Drochaid an Eilein Sgitheanaich. ’S e sin Ploc a’ Chaoil. Tha à ite-pà ircidh ri taobh na seann oifis far am biodh iad a’ cruinneachadh cìsean na drochaid. Às a sin faodar coiseachd thar a’ phluic. Tha e brèagha, le tòrr lusan is chraobhan dùthchasach a’ fàs ann agus le cladach fasgach a tha inntinneach. ’S e sin fear de na h-à iteachan anns an sgìre far am faicear an fheamainn air a bheil ‘gruaig a’ chroiteir’. Tha an sealladh bhon mhullach air leth, agus tha à iteachan ann airson cuirm-chnuic air latha math nuair nach eil a’ mheanbh-chuileag ann.
           Bha mi a’ coimhead air na figearan airson luchd-bruidhne na Gà idhlig anns an sgìre sin. Ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-aon (1891) anns a’ Chaol agus Earbasaig còmhla, bha Gà idhlig aig ochdad ’s a naoi às a’ cheud dhen t-sluagh. Bha cha mhòr an leth dhiubh sin aona-chà nanach. Thà inig atharrachadh mòr air a’ choimhearsnachd bhon uair sin.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: taigh-solais: lighthouse; ³Ùà ±ô²¹²Ô³Ù²¹³¦³ó: talented; ²ú´Ç±ô±ô²¹³¦³ó²¹²Ô-²õ³Ù¾±Ã¹¾±°ù¾±»å³ó: marker buoys; bothan-falaich: (bird) hide; Ploc a’ Chaoil: The Plock of Kyle; fasgach: sheltered; cuirm-chnuic: picnic; luchd-bruidhne: speakers; Earbasaig: ·¡°ù²ú³Ü²õ²¹¾±²µ.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: suidhichte fo Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich, eadar Caol Loch Aillse agus Caol Àcain: situated under the Skye Bridge, between Kyle of Lochalsh and Kyleakin; cheannaich X na taighean-còmhnaidh anns na seasgadan: X bought the dwelling houses in the sixties; beul a’ chaolais: the mouth of the channel; fosgailte don phoball: open to the public; shreap mi an staidhre cas suas gu seòmar an t-solais: I climbed the steep stair to the light room; ann an deagh òrdugh: in good condition; chaidh a dhealbhachadh le: it was designed by; dè an connadh a bhathar a’ cleachdadh aig an à m sin?: what fuel was being used at that time?; ola nam mucan-mara: whale oil; bho sin a-mach: henceforth; cha robh feum air luchd-obrach a chumadh sùil air an t-solas fad na h-ùine: there was no need of staff who would keep an eye on the light all the time; chan eil an taigh-solais ag obair tuilleadh: the lighthouse no longer works; chaidh a chur à s: it was extinguished; a’ comharrachadh a’ chaolais do mharaichean: marking the channel for mariners; mar chomharra-seòlaidh oifigeil: as an official sailing marker; feumar a chumail ann an deagh òrdugh: it must be kept in good condition; mholainn gun stad sibh uaireigin: I’d recommend you stop sometime; far am faodar coimhead air fiadh-bheatha: where wildlife can be observed; far am biodh iad a’ cruinneachadh cìsean na drochaid: where they’d collect the bridge fees; far am faicear an fheamainn air a bheil ‘gruaig a’ chroiteir’: where the seaweed called ‘crofter’s wig’ can be seen; nuair nach eil a’ mheanbh-chuileag ann: when there are no midges; bha cha mhòr an leth dhiubh sin aona-chà nanach: almost half of those were monolingual.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a tha trì fichead troigh ’s a deich os cionn bonn an tùir: which is seventy feet above the base of the tower. This is the traditional mode of counting, using twenties and including the noun after fichead. I might have said seachdad troigh instead but thought it worth reminding readers and listeners of the older way of counting which is still common in the community. Here’s another example. She is eighty seven years old – tha i ceithir fichead bliadhna ’s a seachd.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chithear na h-à iteachan far an robh na siolandairean gas air an cumail: the places where the gas cylinders were kept can be seen.
Broadcasts
- Sun 23 Aug 2015 22:31´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 26 Aug 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.