Main content

Tha litir na seachdain 'sa ag innse mu bhana-bhuidseach, Baomh agus an sgrios a rinn i air Dal nan Càrn. Another story from Ruairidh.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 23 Sep 2015 23:00

Clip

Litir 844: Srath Àrdail

Tha sinn a’ fuireach ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt airson aon seachdain eile. Tha an srath làn dualchas na Gàidhlig. Gu tuath air Cill Mhìcheil, tha baile beag ris an canar Dalnagairn ann am Beurla. ’S e sin Dail nan Càrn ann an Gàidhlig. Tha, no bha, cùirn ann agus b’ e fear dhiubh Càrn na Baoibh. Bha e a’ comharrachadh uaigh aig baobh, no droch bhana-bhuidseach, a chaidh a chur gu bàs an sin.

            Bha bàs mòr aig crodh na sgìre, agus bha na daoine a’ coireachadh na baoibh. Ach cha bhiodh muinntir an àite ga faicinn fad na h-ùine. Uaireannan bha i do-fhaicsinneach. ’S ann mar sin a bhiodh i a’ dol gu cruinneachaidhean poblach. Bhiodh i a’ toirt sgleog do dhaoine. Leis nach robh iad ga faicinn, bha na daoine dhen bheachd gur e am fear no tè rin taobh a bu choireach. ’S ann tric a bhiodh an gnothach a’ tighinn gu dùirn. Bha muinntir Shrath Àrdail seachd searbh sgìth dhen bhaoibh.

            Didòmhnaich a bha seo, bha an sagart fadalach a dhol don eaglais. Bha tàillear a’ cluich le siosar. Airson spòrs thug e sùil tro thuill nan corrag, mar gur e prosbaig a bh’ ann. Agus dè chunnaic e ach a’ bhaobh. Bha i ri a droch chleasan, a’ bualadh air duine an seo agus a’ cur prìne ann an tòn boireannaich an sin.

            Cha tuirt e guth ach, an dèidh na seirbheis, chaidh e don t-sagart. Mhìnich e an gnothach dha. Dh’iarr an sagart air gun guth a ràdh ri duine, ach a bhith a’ tilleadh don eaglais an ath Dhidòmhnaich, agus an siosar aige na phòcaid.

            Ach cha b’ urrainn don tàillear an gnothach a chumail dìomhair. Chunnaic a bhean gun robh rudeigin air tachairt dha agus fhuair i a naidheachd bhuaithe. Cha b’ fhada gus an robh a’ chùis am beul a’ bhaile. Mar dhìoghaltas, rinn a’ bhaobh sgrios a bharrachd air crodh a’ bhaile an t-seachdain sin.

            Gu h-annasach, bha a’ bhaobh anns a’ choitheanal Didòmhnaich. Thug an tàillear an siosar aige don t-sagart. Chuir an sagart an siosar ann an aon phòcaid agus botal de dh’uisge coisrigte anns a’ phòcaid eile. Nuair a bha e a’ deisealachadh airson searmonachadh, thug e sùil tron t-siosar agus chunnaic e a’ bhaobh na suidhe anns a’ choitheanal.

            Goirid às dèidh dha an searmon a thòiseachadh, sguir e gu h-obann. Chomharraich e a’ bhaobh. Thionndaidh i air a sàilean agus theich i. Dh’iarr an sagart air na daoine a leantainn. An dèidh greis a-muigh, shuidh a’ bhaobh air clach. Bha i do-fhaicsinneach do na daoine. Ach thog an sagart an siosar do a shùil agus chunnaic e i.

            Dhòirt e an t-uisge coisrigte ann an cearcall timcheall na cloiche. Cha b’ urrainn don bhaoibh fhaighinn a-mach. Thòisich na daoine air clachan a chàrnadh oirre. Dh’èigh an sagart, ‘Cuiribh oirre, cuiribh oirre – clach airson gach mairt!’ ’S e sin a rinn iad, agus fhuair i bàs.

            A bheil Càrn na Baoibh ann an-diugh? Chan eil. Chleachd uachdaran na clachan airson drèanaichean a dhèanamh. Ach, gu fortanach, chaidh an stòiridh a chlàradh le Teàrlach MacFhearghais a bhuineadh don sgìre.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Srath Àrdail: Strathardle; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Cill Mhìcheil: Kirkmichael; ³¦Ã¹¾±°ù²Ô: cairns; prosbaig: binoculars; do-fhaicsinneach: invisible; »å°ùè²¹²Ô²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô: drains; Teàrlach MacFhearghais: Charles Fergusson.Ìý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: bha bàs mòr aig crodh na sgìre: the cattle of the area were suffering great death; a’ coireachadh na baoibh: blaming the witch; bhiodh i a’ toirt sgleog do dhaoine: she would slap people; gur e am fear no tè rin taobh a bu choireach: that it was the person next to them that was responsible; ’s ann tric a bhiodh an gnothach a’ tighinn gu dùirn: often the matter would come to blows; bha an sagart fadalach a dhol don eaglais: the priest was late going to church; bha tàillear a’ cluich le siosar: a tailor was playing with scissors; airson spòrs thug e sùil tro thuill nan corrag: for fun he looked through the finger holes; bha i ri a droch chleasan: she was up to her bad tricks; a’ cur prìne ann an tòn boireannaich: sticking a pin in a woman’s bottom; cha tuirt e guth: he said nothing; agus an siosar aige na phòcaid: with his scissors in his pocket; fhuair i a naidheachd bhuaithe: he got his news from him; anns a’ choitheanal Didòmhnaich: in the congregation on Sunday; botal de dh’uisge coisrigte: a bottle of sacred water; nuair a bha e a’ deisealachadh airson searmonachadh: when he was making ready to give a sermon; sguir e gu h-obann: he suddenly stopped; thionndaidh i air a sàilean agus theich i: she turned on her heels and she fled; ann an cearcall timcheall na cloiche: in a circle around the stone; thòisich na daoine air clachan a chàrnadh oirre: the people started to pile stones on her; òr a dhèanamh de gach clach: to make each stone into gold; cuiribh oirre – clach airson gach mairt: put [a stone] on her – a stone for each cow.Ìý

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: According to Dwelly’s dictionary, baobh means ‘wizard or wicked mischievous female who invokes a curse or some evil on others’. An associated noun is baobhachd and an adjective is baobhail. If you google ‘witch’ in Dwelly’s dictionary you get other words like buidseach, bana-bhuidseach, obag, raidseach, briosaid, bean-uibe, briosag and bana-bhustraich.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha b’ fhada gus an robh a’ chùis am beul a’ bhaile: it wasn’t long until the matter was the talk of the community.

Broadcasts

  • Sun 20 Sep 2015 22:31
  • Wed 23 Sep 2015 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast