27/09/2015
Tha sinn a' cluinntinn sgeulachd mu bhuidheann do Rothaich a bha a' campachadh ann an Gleann Fearnaid ann an 1333, gun chead, agus dè thachair riutha. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 541
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 845
Duration: 05:00
Litir 845: Srath Àrdail (4)
Mus fhà g sinn Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt tha mi airson innse dhuibh mu chath eadar fineachan a tha ainmeil ann an eachdraidh na Gà idhealtachd. Tha e a’ toirt a-steach Srath Àrdail agus Inbhir Nis.
Thachair e anns a’ cheathramh linn deug, ann an trì cheud deug, trithead ’s a trì (1333). Bha buidheann de Rothaich à taobh sear Rois a’ tilleadh dhachaigh, an dèidh dhaibh a bhith ann an Dùn Èideann. Bha iad a’ siubhal tro Shrath Àrdail agus Gleann Feà rnaid.
Champaich iad airson na h-oidhche ach cha do dh’iarr iad cead bhon uachdaran.Ìý Ghabh muinntir an à ite air an t-sròin e. Thà inig iad air an oidhche agus gh±ðà °ù°ù iad na h-earbaill far eich nan Rothach. Chun an latha an-diugh, ’s e Dail nan Earball a th’ air an à ite, ged nach fhaicear sin air mapaichean an OS.
Bha na Rothaich air an uabhasachadh. Chuir an ceann-cinnidh feachd ri chèile de thrì cheud gu leth duine. Thill iad gu Srath Àrdail agus rinn iad sgrios. Mharbh iad mòran daoine agus thug iad air falbh an crodh gu lèir. ’S ann às an tachartas seo a thà inig an seanfhacal Àrdalach ‘Cha tà inig nì math riamh on tuath, ach a’ ghaoth fhuar as t-fhoghar’.
Cha deach cùisean cho math sin do na Rothaich, ge-tà . Air an rathad dhachaigh, chaidh iad tron Mhòigh, dùthaich Mhic an Tòisich. Dh’iarr Mac an Tòisich pà irt dhen chreich – ‘staoig creich’ mar a chanadh iad aig an à m. Thabhainn an Rothach cuibhreann dhith ach bha Mac an Tòisich ag iarraidh leth dhith.
Dhiùlt na Rothaich sin agus lean iad air an slighe gun dad a thoirt seachad. Bha Mac an Tòisich feargach agus chuir e feachd ri chèile. Chaidh na Rothaich tro Inbhir Nis. Bha iad air an rathad don Mhanachainn agus ceann Poll an Ròid nuair a fhuair Clann ’ic an Tòisich grèim orra aig Clach na h-Aithrigh.
Chuir an Rothach an leth-chuid de na daoine aige dhachaigh leis an fheudail. Thionndaidh cà ch airson cath a chur ri Clann ’ic an Tòisich. Bha bàs uabhasach ann. Bha ceann-cinnidh nan Rothach air a dhroch leòn agus chaill Mac an Tòisich a bheatha. Tha an cath sin fhathast ann an cuimhne nan daoine ann an Inbhir Nis.
Ged nach eil Dail nan Earball, far an do thòisich an sgeul seo, comharraichte air na mapaichean, tha fios againn far a bheil e. Faodaidh sinn a bhith taingeil airson sin do Theà rlach MacFhearghais à Srath Àrdail, a sgrìobh mu dheidhinn airson Comunn Gà idhlig Inbhir Nis.
Tha Teà rlach ag innse dhuinn gun do bhruidhinn e ri seann daoine anns an sgìre, feuch faighinn a-mach cà ’ robh Dail nan Earball. Airson aon bhliadhn’ deug, dh’fhà ilnich air agus bha e an amharas gun robh an t-eòlas sin air chall.
An uair sin, fhuair e litir bhon t-seann mhaighstir-sgoile aige ann an Cill Mhìcheil, fear Moireasdan. Dh’inns am Moireasdanach dha gun robh e air a bhith a’ bruidhinn ri bodach, Raibeart Fleming ann an Gleann Sìth. Bha Fleming a’ fuireach ann an Gleann Feà rnaid nuair a bha e òg. Bha e eòlach air Dail nan Earball.
Tha e gu tuath air a’ Chreig Loisgte, air bruach tuath Allt Feà rnach aig bonn tom cruinn, agus le alltan beag a’ lùbadh troimhe. Leis an fhiosrachadh sin fhathast beò, tha ar stòiridh slà n.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Srath Àrdail: Strathardle; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Gleann Feà rnaid: Glen Fernate; Clach na h-Aithrigh: Clachnaharry; Teà rlach MacFhearghais: Charles Fergusson.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cath eadar fineachan: a battle between clans; tha e a’ toirt a-steach: it takes in; anns a’ cheathramh linn deug: in the fourteenth century; Rothaich à taobh sear Rois: Munros from Easter Ross; an dèidh dhaibh a bhith ann an Dùn Èideann: after they had been in Edinburgh; champaich iad airson na h-oidhche ach cha do dh’iarr iad cead bhon uachdaran: they camped for the night but they didn’t seek permission from the landlord; ghabh muinntir an à ite air an t-sròin e: the local people were upset by it; gh±ðà °ù°ù iad na h-earbaill far eich nan Rothach: they cut the tails from the Munros’ horses; ged nach fhaicear sin: although that is not seen; bha na Rothaich air an uabhasachadh: the Munros were disgusted; thug iad air falbh an crodh gu lèir: they took away all the cattle; chaidh iad tron Mhòigh: they went through Moy; thabhainn an Rothach cuibhreann dhith: Munro offered a portion of it; bha Mac an Tòisich ag iarraidh leth dhith: The Mackintosh wanted half of it; lean iad air an slighe gun dad a thoirt seachad: they continued on the way without giving anything away; air an rathad don Mhanachainn agus ceann Poll an Ròid: on the way to Beauly and the head of the Beauly Firth; chuir an Rothach an leth-chuid de na daoine aige dhachaigh leis an fheudail: The Munro sent half of his men home with the booty; thionndaidh cà ch airson cath a chur: the others turned to fight; air a dhroch leòn: badly wounded; airson aon bhliadhn’ deug, dh’fhà ilnich air: for eleven years, he failed; litir bhon t-seann mhaighstir-sgoile aige ann an Cill Mhìcheil: a letter from his old schoolmaster in Kirkmichael; aig bonn tom cruinn: at the base of a round hillock; le alltan beag a’ lùbadh troimhe: with a small stream bending through it; tha ar stòiridh slà n: our story is complete.Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Dail nan Earball: ‘the field of the tails’. The Gaelic word for ‘tail’ is an interesting one. It appears to arise from two roots – ±ðà °ù°ù ‘end’, perhaps related to air ‘after’, and ball ‘organ’. The ‘terminal organ’ – pretty much sums it up!
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: Cha tà inig nì math riamh on tuath, ach a’ ghaoth fhuar as t-fhoghar: nothing good ever came from the north, except a cold wind at harvest time.
Broadcasts
- Sun 27 Sep 2015 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Sep 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.