25/10/2015
Cluinnidh sinn mu bheatha a' bhà ird, Deòrsa Mac an Deòrsa a chaidh a thogail ann an Tairbeart Loch Fìne. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 545
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 849
Duration: 05:00
Litir 849: Deòrsa mac Iain Deòrsa (2)
Rugadh am bà rd Deòrsa mac Iain Deòrsa air an ochdamh latha dhen Dùbhlachd, naoi ceud deug is còig-deug (1915). Mar a bha mi ag rà dh an t-seachdain sa chaidh, thogadh Deòrsa ann an Tairbeart Loch Fìne. Thog e a chuid Gà idhlig bho sheann daoine anns a’ bhaile agus bho a mhà thair is cà irdean eile.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a bha e deich bliadhna a dh’aois, chaidh e gu Colaiste John Watson agus an uair sin Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann. Fhuair e sgoilearachd, mar mhac aig ministear a bh’ air bà s fhaighinn. Anns na là ithean-saora aige, bhiodh e ag obair air eathar-iasgaich air Loch Fìne, agus ’s e Gà idhlig a bhiodh na h-iasgairean a’ bruidhinn ri chèile. Bha e math air cà nanan ionnsachadh. Bha e fileanta ann an Dà nais is Greugais, agus bha e comasach air mòran chà nanan a leughadh, leithid Fraingis, Tìlis agus Gà idhlig na h-Èireann.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934) chaidh Deòrsa gu Colaiste Corpus Christi ann an Oxford. Ach, eucoltach ri mòran Albannach a th’ air a dhol gu oilthighean Oxbridge, cha do dh’fhà s e na bu Bhreatannaiche.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ’S ann air an rathad eile a chaidh a phoilitigs. Bha e na nà iseantach Albannach. Ach cha b’ e nà iseantach ‘à bhaisteach’ a bh’ ann. Bha e cho daingeann ’s gun do sgrìobh e gun robh e coma ged a bheireadh na Natsaich Ghearmailteach buaidh air Sasainn. Agus bha e coma ged a bhiodh gort ann an Sasainn mar a bha ann an Èirinn anns an naoidheamh linn deug – fhad ’s a bhiodh Alba saor. Air sgà th sin, cha bhi a h-uile duine a tha measail air bà rdachd a’ comharrachadh a bheatha.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Leis nach robh e deònach a ghabhail ri a ghairm don arm, theich e. Bhon Dà mhair naoi ceud deug is ceathrad (1940) bha e am falach airson seachd mìosan ann am monaidhean Earra-Ghà idheal. Mu dheireadh thall, fhuair na h-ùghdarrasan grèim air agus chaidh a chur don phrìosan airson greis. Ghabh e ri a ghairm an dèidh sin air sgà th a mhà thar.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chuir e seachad an còrr dhen chogadh mar chlà rc anns an Royal Army Ordnance Corps. Bha e an toiseach ann an Sasainn, an uair sin ann an Algeria, Tunisia agus san Eadailt. Bha e ag obair mar eadar-theangair anns an Eadailt. Chòrd e ris a bhith a’ cabadaich le Arabaich agus prìosanaich-chogaidh Eadailteach. Dh’ionnsaich e mu na cultaran aca. Agus sgrìobh e tòrr bà rdachd.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Aig deireadh a’ chogaidh, an dèidh fòrladh ann an Alba, dh’fhuirich e anns an arm – ann an Roinn an Fhoghlaim. Agus chaidh a chur don Ghrèig. Ann a sin, bha e an sà s ann an ùpraid eadar feadhainn air an là imh dheis de phoilitigs agus feadhainn air an là imh chlì. Dh’fhuiling Deòrsa tinneas-inntinn an dèidh sin agus fhuair e peinnsean bhon arm. Cha do dh’obraich e là n-thìde a-rithist.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Lean an trioblaid-inntinn aige airson a’ chòrr de a bheatha. Chuir e bliadhnaichean seachad ann an ospadal airson tinneas-inntinn ann an Dùn Èideann. Ged a thill e airson greis don Tairbeart, bha an t-à ite na bhriseadh-dùil dha. Cha robh an t-iasgach mar a bha agus bha a’ Ghà idhlig a’ bà sachadh. Chaochail e ann an Dùn Èideann ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1984). Ach tha a bhà rdachd – ann an Gà idhlig, Albais is Beurla – beò fhathast, agus ’s fhiach a leughadh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Tairbeart Loch Fìne: Tarbert Loch Fyne. There are several tarberts/tarbets – the word means ‘isthmus’ and derives from the roots tar and beir ‘carry across’ being a place of portage for boats. ¶Ùò¾±°ù±ô¾±²Ô²Ô can also mean ‘isthmus’ but is covered by the sea at high tide (a tairbeart remains dry). Other tarberts are Tairbeart Na Hearadh (Harris), Tairbeart Loch Laomainn (Loch Lomond), Tairbeart Loch Nibheis (Loch Nevis). Additional examples occur at Salen (Loch Sunart), Glen Tarbert between Loch Sunart and Loch Linnhe, near Scourie, Isle of Canna, Isle of Gigha, Isle of Jura, Mull of Galloway, East Lothian (Isle of Fidra) and Fife (Isle of May). Tarbert Hill at West Kilbride (Ayrshire) is a slightly puzzling one as there does not appear to be an isthmus nearby.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Chuir e seachad an còrr dhen chogadh: he spent the rest of the war.
Ìý
Broadcasts
- Sun 25 Oct 2015 22:28´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Oct 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.