18/10/2015
Tha Ruaraidh ag innse mun a' bhà rd Deòrsa Mac an Deòrsa agus mar a sgrìobh e mu uillt na Gà idhealtachd. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 544
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 848
Duration: 05:00
Litir 848: Deòrsa mac Iain Deòrsa (1)
Gu deas air Tairbeart Loch Fìne tha allt ann air a bheil Allt Beithe mar ainm. Chan eil mi eòlach air mi fhìn ach tha e a’ coimhead snog far a bheil e air na mapaichean. Agus tha e ainmeil ann am bà rdachd na Gà idhlig.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Rugadh am bà rd Gà idhlig Deòrsa mac Iain Deòrsa o chionn ceud bliadhna agus bu mhath leam a bheatha a chomharrachadh anns an Litir. Bha Allt an t-Siùcair aig Mac Mhaighstir Alasdair, agus bha an t-Allt Beithe aig Deòrsa mac Iain Deòrsa, no George Campbell Hay, mar a bh’ aca air ann am Beurla. Seo agaibh a’ chiad rann dhen dà n aige ‘Còmhradh an Alltain’.
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Na h-aibhnichean mòra, ge mòrail, mall, leathann iad
Taimis is Tìobar, ’s an Nìl, ge aost’ a seanchas,
Na chunnaic mi nam thuras de shruthan mòra ’s meadhanach,
Hamìz agus Harrais is Safsaf Sgiogda eatarra,
Seabùs is Buidìma is Picentìno eabarach,
Meidearda Chruimìri, Forni, Irno ’s Sele leo,
Remel fo Chonstantìna, is Lìri a dhearg ar fleasgaichean –
Mas brèagh’ iad ’s fheudar dhaibh gèilleadh don Allt Bheithe sin,
Ge cian iad no ainmeil, is balbhain gun cheileir iad.
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha chreid mi nach robh Deòrsa a’ togail air rudeigin a chomharraicheas uillt na Gà idhealtachd – cho fuaimneach ’s a tha iad. Uill, leis an uiread de dh’uisge a bhios againn, ’s beag an t-iongnadh, ’s dòcha! Cha robh anns na h-aibhnichean eile a dh’ainmich e ach ‘balbhain’.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Seo earrann eile dhen dà n:
Cha teirig cainnt no duain dha, ’s a’ ghrian ’s an cuan a’ solar dha,
Le ’n à lach neòil a’ cumail fileantachd am filidheachd a choilleagan –
Na neòil bheaga ’s na baidealan, le frasan a’ cur dheoch thuige…
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Aidh, tha e math gu bheil sìde fhliuch againn, nach eil?!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Leis na dh’ainmich e de dh’aibhnichean, tuigidh sibh gun robh am bà rd air a bhith ann an grunn dùthchannan agus thig sinn gu eachdraidh a bheatha fhathast. Bhuineadh athair do Thairbeart Loch Fìne agus thogadh Deòrsa anns a’ bhaile sin, co-dhiù nuair nach robh e air falbh aig sgoil-chòmhnaidh. Dh’fhà s e eòlach air na sgìrean timcheall Loch Fìne, agus air na seann daoine aig an robh Gà idhlig na sgìre fhathast.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Mar a bha mi ag rà dh, rugadh Deòrsa ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915). Bha athair na mhinistear ann an Elderslie ann an Siorrachd Rinn Friù aig an à m. Bha e air a bhith roimhe sin na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Lìonail ann an Nis ann an Leòdhas. Bha buntanas aig a bhean, mà thair Dheòrsa, do dh’Ìle, Cnapadal agus Tairbeart Loch Fìne. Bha a h-athair-se na mhinistear anns an Eaglais Shaoir agus bha i fhèin leth-fhileanta ann an Gà idhlig.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Gu mì-fhortanach, chaochail athair Dheòrsa nuair a bha Deòrsa fhèin dìreach ceithir bliadhna a dh’aois. ’S iongantach mura tug sin buaidh mhòr air beatha Dheòrsa – agus thig sinn gu tuilleadh air sin an-ath-sheachdain.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Airson crìoch a chur air an Litir an t-seachdain sa, seo agaibh an rann mu dheireadh dhen dà n Còmhradh an Alltain:
Ìý
Òran buan a’ teà rnadh, gach rà ith às na coireachan,
Uair le dùrdan dùsail, uair le bùirich dhoineannaich;
Ag èigheach ’s a’ ceasnachadh, ’s ga fhreagairt fhèin na chonaltradh,
A’ brìodal chun na trà ghad, a’ tà ladh ’s a’ coiteachadh,
A’ tilleadh don mhuir chèir o a chèilidh aig na monaidhean,
Am beòshruth beag as fheà rr na gach sà r abhainn thostach leam.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Tairbeart Loch Fìne: Tarbert Loch Fyne; Allt Beithe: ‘birch burn’; ³¾Ã²°ù²¹¾±±ô: majestic; eabarach: muddy; sìde fhliuch: wet weather; ²õ²µ´Ç¾±±ô-³¦³óò³¾³ó²Ô²¹¾±»å³ó: boarding school; Siorrachd Rinn Friù: Renfrewshire; Cnapadal: Knapdale.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Còmhradh an Alltain: The Conversation of the Wee Burn; Taimis is Tìobar, ’s an Nìl, ge aost’ a seanchas: Thames and Tiber, and the Nile, though aged be its story; na chunnaic mi nam thuras de shruthan mòra ’s meadhanach: all that I saw on my journey of great and middling streams; a dhearg ar fleasgaichean: that our youths made red; mas brèagh’ iad: though they are beautiful; ’s fheudar dhaibh gèilleadh do X: they must yield to X; ge cian iad no ainmeil: though they be distant or famous; is balbhain gun cheileir iad: they are voiceless creatures without melody; a’ togail air rudeigin a chomharraicheas uillt na Gà idhealtachd: is referring to something that characterizes the burns of the Gaidhealtachd; ’s beag an t-iongnadh: it is hardly surprising; cha teirig cainnt no duain dha: speech and songs will never fail it; ’s a’ ghrian ’s an cuan a’ solar dha: while the sun and ocean provide for it; le ’n à lach neòil a’ cumail fileantachd am filidheachd a choilleagan: with their brood of clouds keeping fluency in the poesy of its lays; gun robh am bà rd air a bhith ann an grunn dùthchannan: that the bard had been in a few countries; ’s iongantach mura tug sin buaidh mhòr air beatha Dheòrsa: it’s likely that that had a great effect on George’s life; òran buan a’ teà rnadh: an eternal song descending; uair le dùrdan dùsail: at times with a drowsy droning; uair le bùirich dhoineannaich: at times with a tempestuous roaring; a’ brìodal chun na trà ghad: crooning to the shore; a’ tà ladh ’s a’ coiteachadh: coaxing and enticing; am beòshruth beag as fheà rr na gach sà r abhainn thostach leam: the little living stream that I love better than all the grand silent rivers.Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: A’ tilleadh don mhuir chèir o a chèilidh aig na monaidhean: returning to the dark sea from its ceilidh with the hills. °äè¾±°ù is the slenderised form of ciar ‘dark’. The word is slenderised because it is qualifying the feminine noun muir in the definite dative singular case. Muir cannot slenderize, but ciar can, so it does.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha a h-athair-se na mhinistear: her father was a minister.
Broadcasts
- Sun 18 Oct 2015 22:29´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Oct 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.