06/12/2015
An do dh'fheuch sibh riamh air feamainn ithe? Gheibh sinn a-mach de blas a th'air anns an litir aig Ruairidh MacIllEathain. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 551
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 855
Duration: 05:00
Litir 855: Feamainn a Ghabhas Ithe (1)
An do dh’fheuch sibh a-riamh feamainn mar bhiadh? Tha fhios gun do dh’fheuch ma chaidh sibh gu taigh-bìdh Iapanach. Ma fhuair sibh wakame, no kombu no nori, dh’ith sibh feamainn. Gun luaidh air sushi, a tha gu tric air a chuairteachadh le feamainn. Ach tha ceist eile agam dhuibh – cia mheud turas a dh’ith sibh feamainn aig an taigh?
           Bhiodh e inntinneach dhomh ur freagairtean a chluinntinn oir bha ar sinnsearan gu math eòlach air cuid dhen fheamainn a dh’fhà sas gu nà darrach air cladaichean na h-Alba. Agus, nuair a chanas mi ‘sinnsearan’, cha leig sinn a leas a dhol air ais fada. Ur pà rantan ’s ur seana-phà rantan, ’s dòcha. Leanamaid gu dlùth ri cliù ar sinnsre, mar a chanas an seanfhacal, agus tha e fìor nuair a thig e gu feamainn.
           Dhuibhse a tha a’ fuireach faisg air cladach far nach eil truailleadh, ’s e biadh fallain a th’ ann am feamainn. Tha i math dhuinn. Tha i an-asgaidh. Agus, eucoltach ri balgain-bhuachair agus fungasan eile, chan eil gin dhiubh puinnseanta. Chan eil sin ri rà dh gu bheil iad uile math ri ithe. Tha feadhainn a tha so-ithe agus feadhainn a tha car do-ithe. ’S e sin aon adhbhar airson a bhith eòlach air na feamainn a tha a’ fàs air ar cladaichean.
           O chionn bhliadhnaichean chuir mi romham ainmean Gà idhlig nan diofar sheòrsaichean feamainn ionnsachadh. Bha mi a’ dèanamh agallamh le tè a tha ainmeil ann an saoghal na Gà idhlig. Bha mi a’ cur ri chèile prògram rèidio mu Euraboll, baile beag air oirthir Machair Chat. ’S e Euraboll am baile iasgaich mu dheireadh air taobh sear na Gà idhealtachd far an robh Gà idhlig aig an t-sluagh. Agus ’s i Nancy Dorian an neach a b’ eòlaiche a bh’ ann – agus a th’ ann – air dualchainnt na sgìre sin.
           Fhad ’s a bha mi a’ bruidhinn ri Nancy, a bhuineas do na Stà itean Aonaichte, dh’fhaighnich i dhìom an robh mi eòlach air na diofar fheamainn. Gun a bhith a’ coimhead air notaichean, dh’inns i dhomh na h-ainmean aca. Bha iasgairean Euraboill gu math eòlach air na feamainn, thuirt i. Agus carson nach bitheadh? Bha iad air a’ chladach a h-uile latha. Ach a-mhà in Latha na Sà baid, ’s dòcha.
           Bha na h-ainmean Gà idhlig agam airson èisg-mhara, ach cha robh airson feamainn. Aig an à m sin, bha sinn ag ithe èisg ach cha robh sinn ag ithe feamainn. Is truagh nach robh, ach sin mar a bha.
           ’S dòcha nach robh sin buileach fìor oir tha cuimhne agam air mo sheanmhair a’ bruidhinn mu ithe cairgein. Ach chan eil cuimhne agam oirre, agus i a’ cruinneachadh no a’ bruich cairgein.
           Co-dhiù, tha mi air tòiseachadh air rudan a chur ceart aig an taigh le bhith ag ithe feamainn bho à m gu à m. Agus, anns a’ chùrsa à rainneachd a bhios mi a’ ruith anns an Eilean Sgitheanach gach samhradh do luchd na Gà idhlig, chuir mi earrann ùr ann am-bliadhna – feamainn mar bhiadh.
           Tha e doirbh a bhith cinnteach cò tè a b’ fheà rr a chòrd ris na h-oileanaich ach innsidh mi seo dhuibh. ’S e an cairgein a bu lugha a chòrd riutha! ’S dòcha gun cuir sin iongnadh air cuid de luchd-èisteachd oir bidh gu leòr de Ghà idheil fhathast ag ithe cairgein. Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain, cò an fheadhainn a bu bhlasta a bh’ ann.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: seana-phà rantan: grandparents; so-ithe: edible; do-ithe: ¾±²Ô±ð»å¾±²ú±ô±ð.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tha fhios gun do dh’fheuch ma chaidh sibh gu taigh-bìdh Iapanach: I’m certain you did if you went to a Japanese restaurant; gun luaidh air X: without mentioning X; air a chuairteachadh le: surrounded by; cia mheud turas a dh’ith sibh?: how many times did you eat?; cuid dhen fheamainn a dh’fhà sas gu nà darrach: some of the seaweeds that grow naturally; cha leig sinn a leas a dhol air ais fada: we don’t need to go back far; dhuibhse a tha a’ fuireach faisg air cladach far nach eil truailleadh: for those of you who live near a shore where there is no pollution; eucoltach ri balgain-bhuachair agus fungasan eile: unlike mushrooms and other fungi; chan eil gin dhiubh puinnseanta: none of them are poisonous; chan eil sin ri rà dh gu bheil iad uile math ri ithe: that’s not to say that they are all good to eat; chuir mi romham ainmean Gà idhlig nan diofar sheòrsaichean feamainn ionnsachadh: I decided to learn the Gaelic names of the different sorts of seaweed; Euraboll, baile beag air oirthir Machair Chat: Embo, a village on the coast of East Sutherland; am baile iasgaich mu dheireadh air taobh sear na Gà idhealtachd: the last fishing village in the Eastern Highlands; a bhuineas do na Stà itean Aonaichte: who belongs to the United States; ach a-mhà in Latha na Sà baid: except on a Sunday; chan eil cuimhne agam oirre, agus i a’ cruinneachadh no a’ bruich cairgein: I don’t remember her collecting or cooking carragheen; cinnteach cò tè a b’ fheà rr a chòrd ris na h-oileanaich: certain which of them the students enjoyed best; ’s e an cairgein a bu lugha a chòrd riutha: it’s the carragheen they least enjoyed.Â
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Is truagh nach robh, ach sin mar a bha. It’s a pity [we] weren’t but that’s how it was. This is a common phrase. In the present it is sin mar a tha ‘that’s how it is’; in the [continuing] future sin mar a bhitheas ‘that’s how it will be’. Sometimes you will hear people ‘mar a bha, mar a tha, ’s mar a bhitheas’ which is a (sometimes ironic) expression of eternity without change.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Leanamaid gu dlùth ri cliù ar sinnsre: let us follow closely the reputation/character of our ancestors. More commonly this phrase is given in the second personal singular as lean gu dlùth ri cliù do shinnsre. It means ‘respect the ways of the people that came before’.
Broadcasts
- Sun 6 Dec 2015 21:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 9 Dec 2015 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.