Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.

Air an d脿rna latha fichead den t-Samhain th貌isich Bl脿r Ctesiphon, mar a tha Gilleasbuig MacDH貌mhnail ag innse an t-seachdain sa. B' e Ctesiphon aon de phr矛omh bhailtean seann Mhesopotamia, st猫idhichte air bruaichean an Tigris, beagan a bharrachd air fichead m矛le deas air Baghdad an latha an-diugh.
Fo chommand Sir Iain Nixon, bha a' chiad ionnsaighean a rinn feachdan Bhreatainn ann am Mesopotamia air a bhith soirbheachail. Bha feachdan fo chommand Sir Te脿rlach Townsend air Basra a ghabhail agus baile Kut-al-Amara. Thug Nixon a-nise 貌rdugh do Townsend e leantainn air suas aibhnichean Tigris agus Euphrates gu ruige Baghdad - an duais a bha dh矛th air.
Ach bha teagamhan m貌ra aig Townsend mun iomairt seo. Far an robh e, bha l脿n fhios aige nach biodh e furasta armachd no biadh no saighdearan eile fhaighinn ga ionnsaigh. Bha teagamhan aige cuideachd mu na saighdearan a bh' aige. Innseanaich a bh' anns a' mh貌rchuid dhiubh, agus bha e air an treas cuid dhiubh a chall cheana, cuid air am marbhadh anns a' bhl脿r, cuid air str矛ochdadh ri tinneas.
Chan 猫isteadh Nixon ris agus cluinnidh sinn mar a thachair.

Bha grunn bhuidheanan a bha cudromach ann a bhith a' toirt taic do shaighdearan. Air an 28mh den t-Samhain 1915 sgr矛obh E貌ghainn MacNeacail 脿 Griomasaigh gu phiuthar air duilleag p脿ipear le na facail Church Army Recreation Hut aig b脿rr na duilleig.
B' e an Church Army aon de na buidhnean, m貌ran dhiubh ceangailte ri eaglaisean eadar-dhealaichte, a bha a' toirt taic ann an diofar dh貌ighean do shaighdearan. Nam measg bha The Young Men's Christian Association - a YMCA, Comataidh Hutaichean Eaglaisean na h-Alba, An Club Caitligeach, Arm an t-Saoraidh ( a' Salvation Army) agus 脿ite air am biodh iad ag 猫igheachd, Toc H, neo Talbot House faisg air Poperinghe.

Bha an t-Siathamh Division Innseanach, fon t-Seanalair Townshend, gam putadh air ais leis an Arm Thurcach ann am Mesopotamia agus b' eudar dhaibh d矛on a ghabhail ann am bhaile Kut-al-Amara, baile beagan is ceud m矛le deas air Baghdad ann an Iorag an l脿-an-diugh. Tha seann bhallaichean l脿idir mun cuairt a' bhaile agus cha robh an t-Arm Turcach comasach air an leagail, ach cha mh貌 a bha an t-Arm Breatannach comasach air faighinn a-mach 脿s a' bhaile. Th貌isich s猫ist Kut-al-Amara air an 7mh den D霉bhlachd agus mhair i cha mh貌r c貌ig miosan, gu deireadh a' Ghiblean1916.

Chaidh feachd de na Ciad S矛ofortaich a chur a Mhesopotamia a chuideachadh Seanalair Townshend aig Kut-al-Amara, agus bha Iain MacLe貌id, Iain Ruadh Thormoid 脿 Siabost bho Dheas nam measg. Cluinnidh sinn bhuaithe mar a dh'fhalbh iad.

30 minutes

Last on

Sun 20 Dec 2015 13:00

Broadcasts

  • Mon 14 Dec 2015 12:00
  • Mon 14 Dec 2015 22:00
  • Sun 20 Dec 2015 13:00