Episode 23
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDh貌mhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Air an 30mh den D脿mhair 1915 chaidh a' choinneamh mu dheireadh de Chomataidh nan Dardanelles aig Caibeanat Riaghaltas Bhreatainn a chumail, comharra eile gun robhas an impis toirt suas air iomairt Ghallipoli. D脿 latha roimhne sin bha Sir Charles Monro a bh'air gabhail thairis bho Sir Iain Hamilton os cionn Feachd na Muir Mheadhan-Th矛reach air cuairt a ghabhail timcheall Bagh Suvla agus Anzac Cove. Chuir na chunnaic an Rothach uiread de dh'uamhas air 's gun do mhol e na feachdan a tharraing air ais. Cluinnidh sinn bho Mhurchadh MacIllFhinnein 脿 Beinn na Fadhla a bha c貌mhla ris na Lovat Scouts mu cho duilich agus a bha c霉isean dhaibh.
Air an 6mh den t-Samhain 1915 , th脿inig cr矛och oifigeil air d脿rna batal Champagne. B' e seo an ionnsaigh a th貌isich na Frangaich air a' 25mh dhen Sultain. Chailleadh faisg air ceud gu leth m矛le saighdear Frangach ri linn, agus, ged a chaidh aca air gluasad air adhart suas ri d脿 mh矛le gu leth ann an 脿iteachan, cha deach aca, an 脿ite sam bith, air d脿rna loidhne-d矛on nan Gearmailteach a ghlacadh. Chaill na Gearmailtich c貌rr air ceithir fichead m矛le duine, le c貌ig air fhichead m矛le dhiubh sin nam pr矛osanaich aig na Frangaich.
Agus mar a tha Gilleasbuig MacDh貌mhnaill ag innse chaidh am b脿ta Eadailteach SS Ancona a chur fodha air an 7mh den t-Samhain far chosta Tunisia leis a' bh脿t'-aigeil, U-38, a bha se貌ladh fo bhratach na h-Ostair. Bha an Ancona, l脿n luchd-siubhail, air a slighe 脿 Messina gu New York, agus chailleadh c貌rr air d脿 cheud duine, naoinear Ameireaganach nam measg. A' tighinn d矛reach sia m矛osan an d猫idh call an Lusitania, chuir call an Ancona ris an fhearg mu chogadh nam b脿taichean-aigeil, a bha s矛or dhol am meud an Ameireagaidh. Cluinnidh sinn mu na rinn na h-Ameireaganaich mu dheidhinn.
Tha Gilleasbuig MacDh貌mhnaill cuideachd ag innse mu aithris ann an iris na h-Eaglaise Saoire, a Monthly Record, san t-Samhain 1915, anns a robh iomradh air b脿s fear Iain Mac an L猫igh no Iain Puth mar a chante ris. Bhuineadh e do Shiadar an Taobh Siar agus tha e coltach gu robh e gu 矛re mh貌r mar mheadhan air ministear le G脿idhlig fhaighinn airson a' champa anns an robh e fh猫in agus m貌ran eileanaich eile nam pr矛osanaich ann an Groningen san 脪laind. Cluinnidh sinn an aithris air an tiodhlacadh aige.
Cuideachd, beagan an d猫idh meadhan-latha, air 17mh den t-Samhain, chaidh b脿ta air an robh an Anglia a chur fodha le m猫inn faisg air D貌bhar.
Chaidh an Anglia a thogail ann an g脿rradh-iarainn Uilleam Denny ann an D霉n Breatainn agus ron chogadh bha i ag aiseag luchd-siubhail eadar 脠irinn agus Alba. Aig toiseach a' chogaidh chaidh a gabhail thairis leis an Riaghaltas airson a bhith ag aiseag shaighdearan le貌inte dhachaigh 脿s an Fhraing.
Bha mu cheithir cheud neach air b貌rd nuair a bhuail i ann am m猫inn a bha UC-5 air fh脿gail. Chaidh a tolladh agus th貌isich i a' dol fodha gu luath. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig mar a thachair.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 23 Nov 2015 12:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Mon 23 Nov 2015 22:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 29 Nov 2015 12:58大象传媒 Radio nan G脿idheal