Blà r Jutland
Blà r Jutland, am blà r-mara bu mhotha sa Chiad Chogadh. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Gilleasbuig MacDonald on the Battle of Jutland, the largest sea battle of the First World War.
Beagan ro cheithir uairean feasgar air an 31mh dhen Chèitean 1916, choinnich feachd de shoithichean-cogaidh Breatannach agus sguadran de shoithichean Gearmailteach mu 75 mìle far chosta na Danmhairg. Loisg an dà fheachd air a chèile an ìre mhath aig an aon à m agus b' e seo toiseach-tòiseachaidh a' bhlà ir mara bu mhotha a bh' anns a' Chiad Chogadh Mhòr - Blà r Jutland. Anns a' phrògram sa cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thà inig am blà r gu buill agus mun a chaidh dha gach taobh. Gheibh sinn cuideachd dealbh air a' bhuaidh a thug e air aon bhaile ann a Leòdhas, Tolastadh bho Thuath, bho Chathy Mary Nic a' Ghobhainn a chaill a seanair sa bhlà r.
Last on
Dealbh de bhalaich an Invincible
Nan seasamh:Â
?, ?, Aonghas MacIllEathain ( 17 Tà bost, Nis ), Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn ( 11 Cros, Nis ), Ailean MacSuain ( Am Bataraidh , Steòrnabhagh ).
Nan suidhe:
?, Dòmhnall Moireasdan ( 9 Calabost, na Lochan ), Murchadh Moireach ( 27 Tolastadh bho Thuath ), Iain Macleòid ( 56 Tolastadh bho Thuath ).
Tha trìuir le ceist mun coinneamh, ach tha fios air na h-ainmean aca – Fionnlagh MacRisnidh ( 46 Barabhas Iarach ) , Tormod Macleòid ( 28 Barabhas Iarach ) agus Aonghas Greumach ( 4 Garrabost Iarach ) - ach chan eil cinnt cà it’ a bheil iad san dealbh.
Ma tha lorg agaibh, feuch gun cuir sibh fios thugainn aig alba@bbc.co.uk
Le taing do Chomann Eachdraidh Tholastaidh bho Thuath airson cead a thoirt dhuinn an dealbh a chleachdadh.
Copyright: Comann Eachdraidh Tholastaidh bho Thuath (North Tolsta Historical Society)
Broadcasts
- Thu 26 May 2016 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 26 May 2016 22:10´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 29 May 2016 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Jan 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal