26/06/2016
Tha Ruairidh MacIlleathain ag innse mun iomadach ainm-Ã ite a th' ann a tha ceangailte ris a' chorra-mhonaidh, no crane. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 580
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 884
Duration: 05:00
Litir 884: A’ Chorra-mhonaidh (2)
Bha mi a’ bruidhinn mun chorra-mhonaidh an t-seachdain sa chaidh – crane ann am Beurla. Tha ainmean-à ite a chaidh a chruthachadh anns an t-Seann Bheurla agus Seann Lochlannais ag innse dhuinn gun robh iad air feadh Shasainn uaireigin. Seo eisimpleirean às an t-Seann Bheurla – Cranbourne, a tha a’ ciallachadh ‘allt corra-mhonaidh’, Cranmore ‘sliabh corra-mhonaidh’ agus Cornewell ‘fuaran corra-mhonaidh’. Seo eisimpleirean às an t-Seann Lochlannais – Tranmoor agus Tranmire a’ ciallachadh ‘boglach corra-mhonaidh’, Tranby ‘baile-fearainn corra-mhonaidh’ agus Trantrams ‘lochan corra-mhonaidh’.
           Tha ainmean mar sin sa Chuimrigh – mar eisimpleir Afon Garan ‘abhainn na corra-mhonaidh’ agus anns a’ Chòrn far a bheil Rezgaran ‘ath na corra-mhonaidh’ air atharrachadh ann am Beurla gu Rosegarden. Ann an taobh sear na h-Alba tha eisimpleirean ann a thà inig bhon t-Seann Bheurla – Cranshaws ‘doire corra-mhonaidh’, Cranbog Moss ‘boglach corra-mhonaidh’ agus Cranloch ‘loch corra-mhonaidh’. Gu math tric tha na h-ainmean ann an à iteachan fliucha – an seòrsa à rainn far an lorgar corrachan-monaidh.
           Carson nach eil eisimpleirean air a’ Ghà idhealtachd? Tha e doirbh a bhith cinnteach, ach tha aon rud soilleir – chan eil an aimsir ro fhuar dhi air a’ Ghà idhealtachd. Aig à m an neadachaidh, tha i air a lorg thairis air Lochlann agus an Ruis suas gu seachd mìle troigh os cionn na mara. Anns a’ gheamhradh, ge-tà , bidh i a’ trèigsinn a’ chinn a tuath agus a’ dèanamh air à iteachan blà tha – mar eisimpleir ann an Sìona, na h-Ìnnseachan agus Afraga.
           ’S e an duilgheadas a th’ ann air a’ Ghà idhealtachd nach eil eadhon a’ chorra-ghritheach air a h-ainmeachadh gu tric. Agus uaireannan, chan eil e soilleir an e a’ chorra-ghritheach a th’ ann no corra eile – a’ chorra-mhonaidh. Tha eisimpleir aig Rubha nan Corra air Loch Seile. Chanainn gur e ‘the point of the herons’ as coltaiche mar chiall don ainm, seach ‘the point of the cranes’, ach chan eil sin dearbhte.
           Tha a’ chorra-mhonaidh air tilleadh gu nà darrach, ann an à ireamhan beaga, gu Sasainn agus Èirinn. Agus tha sgeulachd againn à beul-aithris nan Gà idheal a tha car taiceil don smuain nach robh i riamh pailt air a’ Ghà idhealtachd, ged a bha i nà darrach ann an Èirinn.
           Bha Calum Cille ann an Eilean Ì. Thuirt e ri manach gun tigeadh corra-mhonaidh an ceann trì latha agus gu feumadh am manach suidhe air taobh an iar an eilein gus an tigeadh i. Bha an t-eun sin dùthchasach do dh’Èirinn ach cha robh do dh’Alba.
           Rinn am manach na chaidh iarraidh air. Aig an uair cheart, thà inig a’ chorra-mhonaidh. Bha i claoidhte. Thog am manach i agus thug e dhachaigh i. Thug e biadh dhi agus rinn e cobhair oirre. Air an fheasgar sin, thà inig Calum Cille seachad air agus thug e taing dha. Ach thuirt e gum biodh an t-eun ag iarraidh falbh a-rithist an ceann trì latha.
           Dìreach mar a thuirt an naomh, bha a’ chorra-mhonaidh deiseil airson ÃŒ fhà gail aig ceann trì latha. Leig am manach mu sgaoil i. Chaidh i an à irde ’s an à irde. Mu dheireadh, thionndaidh i gu deas agus rinn i air Èirinn. Bha Calum Cille air a chùl a chur ri Èirinn, ach bha a’ chorra-mhonaidh a’ tilleadh dhachaigh.Â
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Sìona: China; Na h-ÃŒnnseachan: India; Loch Seile: Loch Shiel; Calum Cille: St Columba; Eilean ÃŒ: Iona; claoidhte: exhausted; naomh: ²õ²¹¾±²Ô³Ù.ÌýÌý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha ainmean-à ite a chaidh a chruthachadh anns an t-Seann Bheurla agus Seann Lochlannais ag innse dhuinn: place names that were created in Old English and Old Norse tell us; air feadh Shasainn uaireigin: at one time throughout England; tha ainmean mar sin sa Chuimrigh … agus anns a’ Chòrn: there are names like that in Wales … and in Cornwall; an seòrsa à rainn far an lorgar corrachan-monaidh: the sort of habitat where cranes are found; tha e doirbh a bhith cinnteach, ach tha aon rud soilleir: it’s hard to be sure, but one thing is clear; aig à m an neadachaidh: at breeding (nesting) time; tha i air a lorg thairis air Lochlann agus an Ruis: it is found across Scandinavia and Russia; suas gu seachd mìle troigh os cionn na mara: up to seven thousand feet above the sea; bidh i a’ trèigsinn a’ chinn a tuath agus a’ dèanamh air à iteachan blà tha: it abandons the north and makes for warm places; nach eil eadhon a’ chorra-ghritheach air a h-ainmeachadh gu tric: that not even the heron is often named; chan eil sin dearbhte: that’s not proven; nach robh i riamh pailt air a’ Ghà idhealtachd: that it was never numerous in the Highlands; gun tigeadh corra-mhonaidh an ceann trì latha: that a crane would come in three days time; gu feumadh am manach suidhe air taobh an iar an eilein: that the monk would have to sit on the west side of the island; dùthchasach do dh’Èirinn: native to Ireland; na chaidh iarraidh air: what was requested of him; thug e taing dha: he thanked him; leig am manach mu sgaoil i: the monk released it; thionndaidh i gu deas: it turned south; bha X air a chùl a chur ri Èirinn: X had turned his back on Ireland.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Although I have gone with corra-mhonaidh for ‘crane’ and corra-ghritheach for ‘heron’, it is important to note that Dwelly’s dictionary gives corra-mhonaidh as the Gaelic for ‘crane’, ‘stork’ and ‘heron’. It also gives corra-ghritheach as meaning ‘crane’, ‘stork’ and ‘heron’! In other words, the corra- names (and there are a few) refer to any crane-like bird. It makes sense, in the modern era, to standardise the terminology, as has happened in English.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: rinn e cobhair oirre: he assisted it [fem].
Broadcasts
- Sun 26 Jun 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Jun 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.