03/07/2016
Cluinnidh sinn mun turas aig Ruairidh MacIlleathain air canal Khennet agus Avon ann a Somerset. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 581
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 885
Duration: 05:00
Litir 885: Canà laichean
Dè a’ Ghà idhlig a th’ air ‘canal’? ’S iomadh facal a th’ againn, a rèir nam faclairean – faoighteach, cladh-abhainn, cladh-shruth, sruth-chlais, cainneal, feadan, faoid – agus ³¦²¹²Ôà ±ô. Tha Wikipedia ag innse dhuinn gu bheil ceithir ainmean eadar-dhealaichte air a’ Chaledonian Canal a tha a’ ruith eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis – Amar-uisge a’ Ghlinne Mhòir, Seòlaid a’ Ghlinne Mhòir, Sligh’-uisge na h-Alba agus An Canà l Cailleannach. Chanainn fhìn gum biodh Canà l a’ Ghlinne Mhòir gu math freagarrach, ach ’s e An Canà l Cailleannach a chanas a’ chuid mhòr an-diugh.
           Tha mi a’ meòrachadh air canà laichean an-diugh air dà adhbhar. An ceann dà mhìos, bidh cruinneachadh mòr ann an Inbhir Nis – far a bheil mi a’ fuireach – mu dheidhinn chanà laichean. Bidh daoine o air feadh an t-saoghail a’ tighinn airson Co-labhairt Canà laichean na Cruinne, eadar an naoidheamh latha deug agus an dà rna latha fichead dhen t-Sultain.
           Bidh iad a’ tighinn cruinn còmhla ann an trì à iteachan – Eden Court, Taigh-òsta Dhruim Aithisidh agus, mar a bhiodh dùil, air a’ Chanà l Chailleannach. Tha mi an dòchas gum bi an aimsir math – oir bidh gu leòr an là thair a tha an sàs ann an turasachd.
           ’S e an t-adhbhar eile a th’ agam airson a bhith a’ meòrachadh air canà laichean gun robh mi ann an Sasainn o chionn ghoirid agus chuir mi seachad beagan là ithean air ³¦²¹²Ôà ±ô. Bha mi fhìn is triùir eile ann am ²úà ³Ù²¹-cumhang – an seòrsa soithich a tha freagarrach airson nan canà laichean. Tha iad cumhang agus fada. Bha an turas spòrsail. Ach bha a h-uile cà il a’ dol gu mall. Gu dearbh, faodaidh tu coiseachd nas luaithe air an rathad ri taobh a’ chanà il na am ²úà ³Ù²¹ a tha a’ dèanamh a slighe tron uisge. Tha na ²úà ³Ù²¹ichean slaodach. Agus, co-dhiù, chan eil e ceadaichte a dhol aig astar oir dhèanadh sin cron air bruaichean a’ chanà il.
           ’S ann air a’ Khennet & Avon Canal a bha sinn, eadar Somerset agus Wiltshire. Chan eil beanntan no lochan ann, mar a tha air a’ Chanà l Chailleannach, ach tha e a’ dol tro dhùthaich bhrèagha, le coille, pà ircean agus fearann tuathanais. Ann an à ite no dhà tha amar-uisge, no aqueduct, a tha a’ toirt a’ chanà il thairis air gleann no srath. Tha iad air an togail de chlach agus tha iad tarraingeach don t-sùil.
           ’S e fear dhiubh an Dundas Aqueduct faisg air Bath. Mhothaich mi don ainm Albannach a bh’ air agus rinn mi beagan rannsachaidh nuair a thill mi dhachaigh. Chaidh crìoch a chur air ann an ochd ceud deug ’s a còig (1805) agus chaidh ainmeachadh airson Teà rlach Dundas, cathraiche Companaidh Canà l Khennet & Avon. Bha ceanglaichean aig an teaghlach do Shiorrachd Pheairt, Siorrachd Shruighlea agus Dùn Èideann.
           A bharrachd air sin, b’ e prìomh einnseanair a’ phròiseict fear Iain Rennie a bha cuideachd na Albannach. Bha e an sàs ann an obair air grunn chanà laichean ann an Sasainn agus Alba. Bha einnseanairean Albannach cudromach ann an togail nan canà laichean ann am Breatainn. Smaoinichibh air Tòmas Telford fhèin a dhealbhaich an Canà l Cailleannach. Tha mi an dòchas gun tig na h-Albannaich sin fo aire nan daoine a bhios a’ beachdachadh air canà laichean an t-saoghail ann an Inbhir Nis an ceann dà mhìos.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: spòrsail: fun; gu mall: slowly; amar-uisge: aqueduct; a dhealbhaich: who designed. Â
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Chanainn fhìn: I would say myself; a chanas a’ chuid mhòr an-diugh: that most people would say today; a’ meòrachadh air canà laichean an-diugh air dà adhbhar: considering canals today for two reasons; daoine o air feadh an t-saoghail: people from around the world; Co-labhairt Canà laichean na Cruinne: World Canals Conference; eadar an naoidheamh latha deug agus an dà rna latha fichead dhen t-Sultain: between the 19th and 22nd of September; air a’ Chanà l Chailleannach: on the Caledonian Canal; an sà s ann an turasachd: involved in tourism; ²úà ³Ù²¹-cumhang – an seòrsa soithich a tha freagarrach airson nan canà laichean: a narrowboat – the type of vessel which is suitable for canals; faodaidh tu coiseachd nas luaithe air an rathad ri taobh a’ chanà il: you can walk more quickly on the path beside the canal; dhèanadh sin cron air bruaichean a’ chanà il: that would damage the canal’s banks; coille, pà ircean agus fearann tuathanais: woodland, grazing fields and farming land; air an togail de chlach agus tha iad tarraingeach don t-sùil: built of stone and they are attractive to the eye; b’ e prìomh einnseanair a’ phròiseict fear Iain Rennie: one John Rennie was the project’s chief engineer; gun tig na h-Albannaich sin fo aire nan daoine a bhios a’ beachdachadh air canà laichean an t-saoghail: that those Scots would come to the attention of the people who will be discussing the world’s canals.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: am ²úà ³Ù²¹ a tha a’ dèanamh a slighe tron uisge: the boat that is making its way through the water. Did you notice that ²úà ³Ù²¹ is a masculine noun (am ²úà ³Ù²¹) but that I feminised the possessive article (a slighe, rather than the masculine a shlighe). These might seem to be out of kilter but we generally think of boats as feminine, particularly when they are moving on water, so it seems more natural to feminise it in that way.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: chan eil e ceadaichte a dhol aig astar: it’s not permitted to go at speed.
Broadcasts
- Sun 3 Jul 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Jul 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.