17/07/2016
Cluinnidh sinn sgeulachd nan dannsairean, Ceit Mhòr na Sròine agus Dòmhnall Biorach, an duine aice. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 583
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 887
Duration: 05:00
Litir 887:Ceit Mhòr na Sròine (2)
Bha mi ag innse dhuibh na seann eachdraidh mu Cheit Mhòr na Sròine a bhuineadh do dh’Obar Gheallaidh ann am Mà rr. Bha i fhèin is Dòmhnall Biorach à Athall air leth math air dannsadh còmhla. Chuir sin fearg air fir Mhà rr oir bha iad dhen bheachd gun robh iadsan fada na b’ fheà rr air dannsadh na muinntir Athall. Bha Dòmhnall is Ceit a’ dannsadh aig cuirm an dèidh banais. Bha fear mòr à Mà rr agus Dòmhnall a’ dannsadh ruidhle. Thilg am fear mòr Dòmhnall don teine a dh’aona-ghnothach, agus e ag rà dh, ‘Bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad!’
           Leum Dòmhnall a-steach don t-seat a-rithist, a’ dol le ruitheam a’ chiùil mar nach robh dad air tachairt. Cha do sheall e gun robh fearg air no gun robh e a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas air an fhear eile. Nuair a bha am fear mòr agus Dòmhnall an gà irdeanan a chèile a-rithist, thilg Dòmhnall am fear eile le uile neart, a’ cur a ghualainn a-mach, agus ga fhà gail na laighe fo bhòrd. Thuirt e, ‘Bodaich mhòra, bhoga Mhà rr, gun crathainn às a’ ghualainn iad!’
           Bha am fear à Mà rr a’ sgreuchail le pian. Tharraing e a bhiodag a-mach agus rinn e air Dòmhnall leatha. Bha an cuthach air agus bha e a’ dol a mharbhadh Dhòmhnaill. Ach leum Ceit Mhòr na Sròine eatarra. Shà bhail sin beatha Dhòmhnaill ach gu mì-fhortanach chaidh an t-sròn mhòr aig Ceit a ghearradh dheth. Bha ùpraid mhòr ann, agus daoine a’ tarraing an cuid bhiodagan. Ach chaidh aig a’ Ghòrdanach agus am Baran Ruadh air a h-uile duine a shocrachadh.
           Chaidh a h-uile duine timcheall air Ceit Mhòr. Bha iad a’ sealltainn truas dhi airson a sròn a chall. Bha i fhèin troimhe-chèile. Bha i ag rà dh nach fhaigheadh i duine cèile a-nise oir bha i air a bòidhchead a chall le a sròin.
           Ach cha b’ e sin beachd Dhòmhnaill. ‘Bidh thu eadhon nas fheà rr mar dhannsair a-nise,’ thuirt e, ‘agus tu à s aonais do shròine ³¾Ã²¾±°ùe. Oir bidh thu nas aotruime.’ Shaoileadh tu gun robh beachd faoin mar sin air Ceit a chur troimhe-chèile buileach. Ach dh’obraich e anns an dòigh eile. Sguir i a ghal. ’S dòcha gun do thuig i gun robh nòisean aig Dòmhnall dhi.
           Chaidh Dòmhnall a bhruidhinn ris a’ Ghòrdanach, an ceann-cinnidh aice. ‘Bhiodh e math dhomh,’ thuirt Dòmhnall, ‘nam biodh banarach là idir mar sin agam air an à irigh aig Cam a’ Choire, gu h-à raidh nuair a thig ceatharnaich an rathad sin.’ Thuirt an Gòrdanach gun robh Dòmhnall ceart. Dh’iarr e air an t-sagart a thilleadh.
           Bha dà rna banais ann air an oidhche sin, agus rinneadh fear is bean de Dhòmhnall agus Ceit. Tha iad ag rà dh gun robh an danns an dèidh là imhe air leth math, ged a bhithinn an dùil gun robh Ceit bhochd ro ghoirt airson mòran dannsaidh a dhèanamh!
           Bha pòsadh toilichte eadar Dòmhnall agus Ceit Mhòr. Gu mì-fhortanach, ge-tà , mhair e dìreach naoi bliadhna. Ann an còig ceud deug is trì-deug (1513), chaidh Dòmhnall le arm na h-Alba gu ruige Blà r Flodden ann an Sasainn. Chaidh Dòmhnall a mharbhadh an sin, cuide ri a cheann-cinnidh, Iarla Athall. Agus bha Ceit bhochd air a fà gail na banntrach.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ruidhle: reel; a dh’aona-ghnothach: deliberately; ruitheam: rhythm; biodag: dirk; cuthach: rage; ù±è°ù²¹¾±»å: uproar; faoin: silly; ceann-cinnidh: clan leader; ceatharnaich: freebooters; sagart: priest; mhair e: it lasted.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Ceit Mhòr na Sròine: Big Kate of the Nose; a bhuineadh do dh’Obar Gheallaidh ann am Mà rr: who belonged to Abergeldie in Mar; chuir sin fearg air fir Mhà rr: that angered the men of Mar; na b’ fheà rr air dannsadh na muinntir Athall: better at dancing than the people of Atholl; aig cuirm an dèidh banais: at a feast after a wedding; bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad: black men of Strathardle, I’d shake them in the fire ash; leum Dòmhnall a-steach don t-seat a-rithist: Donald jumped into the set again; an gà irdeanan a chèile a-rithist: with arms linked again; a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas air: going to get revenge on; le uile neart, a’ cur a ghualainn a-mach: with all his strength, putting out his shoulder; na laighe fo bhòrd: lying under a table; bodaich mhòra, bhoga Mhà rr, gun crathainn às a’ ghualainn iad: big, soft men of Mar, I’d shake them from their shoulders; a’ sgreuchail le pian: screaming in pain; chaidh an t-sròn mhòr aig Ceit a ghearradh dheth: Kate’s big nose was cut off; a’ tarraing an cuid bhiodagan: drawing their dirks; chaidh aig X air a h-uile duine a shocrachadh: X managed to settle everybody; a’ sealltainn truas dhi: showing her pity; bha i air a bòidhchead a chall: she had lost her beauty; bidh thu nas aotruime: you will be lighter; gun do thuig i gun robh nòisean aig Dòmhnall dhi: that she understood that Donald fancied her; nam biodh banarach là idir mar sin agam air an à irigh: if I had a strong milkmaid like that at the shieling; bha Ceit bhochd air a fà gail na banntrach: poor Kate was left a widow.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: à s aonais do shròine ³¾Ã²¾±°ùe: without your big nose. Às aonais, being a compound preposition, commands a noun in the genitive case, certainly when it is a definite noun (with an article). In this case the article is the possessive article or adjective do. Sròn, being a feminine noun, slenderises and (being of one syllable) adopts a terminal ‘e’. The terminal ‘e’ in turn negates the lenition that would be applied to the adjective in the nominative and dative cases (eg an t-sròn mhòr, air an t-sròin mhòir) and ³¾Ã²¾±°ù becomes ³¾Ã²¾±°ùe, matching the terminal ‘e’ of the noun.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Sguir i a ghal: she stopped crying.
Broadcasts
- Sun 17 Jul 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Jul 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.