10/07/2016
Tha Ruaraidh MacIlleathain ag innse sgeulachd mu shar-dhannsair, Ceit Mhòr na Sròine. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 582
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 886
Duration: 05:00
Litir 886: Ceit Mhòr na Sròine
Bu mhath leam seann stòiridh – seann eachraidh – aithris dhuibh anns an Litir seo. Tha e a’ dol air ais don bhliadhna còig ceud deug is ceithir (1504). Tha e mu dheidhinn Ceit Mhòr na Sròine à Obar Gheallaidh ann am Brà igh Mhà rr. Tha an stòiridh a’ cur nar cuimhne cho cudromach ’s a bha danns do ar sinnsirean.
           Bha fear Iain MacDonnchaidh, am Baran Ruadh, a’ fuireach ann an Srath Loch ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt. Bha e a’ suirghe le tè de nigheanan a’ Ghòrdanaich, uachdaran Obar Gheallaidh. Gach turas a rachadh e a Chaisteal Obar Gheallaidh, bhiodh danns ann. Bha muinntir Mhà rr dhen bheachd gum b’ iad na dannsairean a b’ fheà rr ann an Alba.
           Aon oidhche a bha am Baran Ruadh ann, thuirt an Gòrdanach ris nach robh gin anns an domhan a bha na b’ fheà rr air danns na fir Mhà rr, ach a-mhà in na h-ainglean agus na sìthichean. Agus, thuirt e, gheibheadh am Baran Ruadh mar thochair – sin an tiodhlac-bainnse – rud sònraichte. Bhiodh fir à Mà rr a’ dol a Shrath Àrdail airson sgilean dannsaidh a theagasg do na fir an sin.
           Cha robh am Baran Ruadh ro thoilichte a bhith ag èisteachd ri bòstadh a’ Ghòrdanaich. Nuair a thà inig latha na bainnse, cha tug e leis a cho-ogha mar fhleasgach, mar a bha dùil. Thug e na à ite fear eile – Dòmhnall Biorach. B’ e coltas aodainn a bu choireach ris an fhar-ainm aige. Bha Dòmhnall ainmeil mar an dannsair a b’ fheà rr ann an Athall. Ged a bha e air meadhan-aois’ a ruigsinn, cha robh e pòsta.
           An dèidh na bainnse, thòisich an danns ann an talla mhòr a’ chaisteil. Chùm Dòmhnall sà mhach greis. Bha e dìreach a’ coimhead air na boireannaich a bha a’ dannsadh. Roghnaich e an tè a b’ fheà rr – banarach mhòr à rd a bha là idir is fèitheach. Bha sròn mhòr oirre. Bha i aithnichte do dhaoine mar Cheit Mhòr na Sròine. Coltach ri Dòmhnall, cha robh i pòsta.
           Dh’ iarr Dòmhnall air Ceit a dhol a dhannsadh leis. Abair gur e cupall math a bh’ annta. Bha iad a’ gluasad gu sgiobalta, gleusta timcheall ùrlar an dannsaidh. Mhothaich a h-uile duine cho math ’s bha iad air dannsadh còmhla. Bha cuid ag rà dh nach fhaca iad a-riamh dannsadh cho math. Thionndaidh an Gòrdanach ri a bhean agus thuirt e, ‘B’ fheà rr leam na mo chrò ghobhar, gum b’ e am fleasgach fear na bainnse’.
           ’S dòcha gu bheil e math nach cuala am Baran Ruadh sin! Bha esan toilichte leis mar a bha cùisean a’ dol. Ach cha b’ ionann e do chuid de dh’fhir Mhà rr. Bha iadsan feargach. Chuir iad romhpa an car a thoirt à Dòmhnall Biorach. Bha fear mòr à Mà rr agus Dòmhnall le chèile a’ dannsadh ruidhle. Bha na fir a’ tionndadh a chèile len gà irdeanan. Chuir am fear mòr Dòmhnall timcheall gu luath agus gu h-obann leig e dheth e. Chaidh Dòmhnall a thilgeil don teine. Thuirt am fear eile, ‘Bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad!’
           Cha do sheall Dòmhnall idir gun robh fearg air. Leum a-steach don t-seat a-rithist. Bha e a’ dol le ruitheam a’ chiùil agus an dannsa mar nach robh dad air tachairt. Agus dè thachair an uair sin? Uill, innsidh mi sin dhuibh an-ath-sheachdain!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Iain MacDonnchaidh: John MacDonald; am Baran Ruadh: the Red Baron; tochair: dowry; biorach: sharp; Athall: ´¡³Ù³ó´Ç±ô±ô.ÌýÌý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Obar Gheallaidh ann am Brà igh Mhà rr: Abergeldie in the Braes of Mar; Srath Loch ann an Srath Àrdail: Straloch in Strathardle; a’ suirghe le tè de nigheanan a’ Ghòrdanaich: courting one of Gordon’s daughters; gach turas a rachadh e a Chaisteal Obar Gheallaidh, bhiodh danns ann: every time he’d go to Abergeldie Castle, there would be a dance; nach robh gin anns an domhan a bha na b’ fheà rr air danns na fir Mhà rr: that there were no better dancers in the world than the men of Mar; airson sgilean dannsaidh a theagasg: to teach dancing skills; bòstadh a’ Ghòrdanaich: the Gordon’s boasting; cha tug e leis a cho-ogha mar fhleasgach, mar a bha dùil: he didn’t take his cousin as best-man, as had been expected; b’ e coltas aodainn a bu choireach ris an fhar-ainm aige: it was his facial appearance that was responsible for his nickname; ged a bha e air meadhan-aois’ a ruigsinn, cha robh e pòsta: although he had reached middle age, he wasn’t married; chùm Dòmhnall sà mhach greis: Donald remained quiet for a while; roghnaich e an tè a b’ fheà rr: he chose the best one; banarach mhòr à rd a bha là idir is fèitheach: a large tall milkmaid who was strong and muscular; a’ gluasad gu sgiobalta, gleusta timcheall ùrlar an dannsaidh: moving nimbly and skilfully around the dance floor; b’ fheà rr leam na mo chrò ghobhar, gum b’ e am fleasgach fear na bainnse: I would prefer to my goat-fold that the best-man were the bridegroom; cha b’ ionann e do chuid: that wasn’t the same for some; chuir iad romhpa an car a thoirt à : they decided to play a trick on; a’ tionndadh a chèile len gà irdeanan: turning each other with their arms; bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad: black men of Strathardle, I’d shake them in the fire ash.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a’ cur nar cuimhne cho cudromach ’s a bha danns do ar sinnsirean: reminds us how important dance was to our ancestors. Nar is created from ann an + ar so the following noun follows the lenition rules of the possessive adjective ie a’ cur nam chuimhne ‘reminds me’,…nad chuimhne ‘you’ (sing), …na chuimhne ‘h¾±³¾â€™, …na cuimhne ‘her’, …nur cuimhne ‘you’ (pl), …nan cuimhne ‘t³ó±ð¾±°ù’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha i aithnichte do dhaoine mar Cheit Mhòr na Sròine: she was known to [recognized by] people as Big Kate of the Nose.
Broadcasts
- Sun 10 Jul 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Jul 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.