31/07/2016
Gheibh sinn sgeulachd mu Adhamh MacFhearghais, feallsanach aig an robh Gà idhlig bhon ghlùin. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 585
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 889
Duration: 05:00
Litir 889: Adhamh MacFhearghais
‘Tha an cinne daonna, nuair a tha e a’ fàs meathach, agus a’ dol a dholaidh – agus nuair a tha e a’ dol am feabhas agus a’ buannachd cho math, a’ gluasad air adhart le ceumannan beaga nach gabh tomhas. Nuair a tha e smiorail, tha e a’ ruigsinn ìre de mhòrachd ris nach biodh eadhon an duine a bu ghlice an dùil ro là imh. Aig amannan de shocrachadh is laigse, bidh e a’ fulang olc a bhathar a’ smaoineachadh a bha air a sguabadh air falbh le soirbheachas agus beartas.’
           Chan e mi fhìn a chruthaich na smuaintean sin. Rinn mi eadar-theangachadh – car libearalach – dheth bhon Bheurla. Ach bha Gà idhlig aig an fhear a chruthaich e. Duine ainmeil a bh’ ann. Agus tha ceann-bliadhna aige am-bliadhna. Cò th’ ann? Innsidh mi dhuibh ann an tiotan.
           Chuir mi crìoch air an Litir an t-seachdain sa chaidh leis an t-seanfhacal cha mhiste sgeul math aithris dà uair. Tha an seanfhacal a cheart cho freagarrach an t-seachdain seo oir tha mi a’ tilleadh gu bhith a’ bruidhinn mu fhear air an do rinn mi iomradh ann an Litrichean dà cheud (200) agus dà cheud ’s a h-aon (201). B’ esan am feallsanaiche agus eachdraiche Adhamh MacFhearghais, a bha mar phà irt de Shoillseachadh na h-Alba – The Scottish Enlightenment. Thathar ga aithneachadh mar ‘Athair an Eòlais Shòisealta’.
           Rugadh MacFhearghais ann an seachd ceud deug, fichead ’s a trì (1723) ann an Lag an Rà ith ann an Siorrachd Pheairt. Bha Gà idhlig aige bhon ghlùin. Chaidh e a dh’Oilthigh Chill Rìmhinn. Bha e na leabharlannaiche do Roinn an Luchd-tagraidh, no Faculty of Advocates, ann an Dùn Èideann. Bha e na fhear-teagaisg prìobhaideach do mhic uaislean. Agus bha e na Phroifeasair de Fheallsanachd Nà darrach agus cuideachd Feallsanachd Mhoralta aig Oilthigh Dhùn Èideann.
           Agus dè an ceann-bliadhna a th’ aige am-bliadhna? Uill, chaochail e ann an ochd ceud deug is sia-deug (1816), dà cheud bliadhna air ais.
           Bha MacFhearghais ainmeil ri a linn. Bha e na charaid aig Daibhidh Hume agus Adhamh Mac a’ Ghobhainn. Bha e eòlach air Voltaire. Sgrìobh e an earrann air ‘Eachdraidh’ anns an dà rna eagran de Encyclopaedia Britannica. Bha e na bhall de choimisean aig Riaghaltas Bhreatainn a dh’fheuch ri rèite a dhèanamh leis na reubaltaich ann an Ameireagaidh aig à m Cogadh na Neo-eisimeileachd. Agus ’s ann san dachaigh aige fhèin a thachair Bhaltair Scott agus Raibeart Burns ri chèile – an aon turas a thachair iad ri chèile fhad ’s as aithne dhuinn.
           Am measg nan rudan a sgrìobh e, bha aiste – An Essay on the History of Civil Society. Tha e furasta a lorg air an eadar-lìon. ’S ann às an aiste sin a thà inig an earrann a thug mi dhuibh aig toiseach na Litreach.
           Bha MacFhearghais na Chrìosdaidh – agus na Chlèireach. Bha e a’ creidsinn ann an adhartas a’ chinne-daonna gu ruige foirfeachd – air a phiobrachadh le fèin-bhuannachd gach duine. Ach bha e dhen bheachd – leis gun tug Dia saor-thoil do mhac an duine – gum biodh amannan ann nuair a tha comann mhic an duine a’ dol an deireadh – mar a thachair le bàs Ìmpireachd na Ròimhe. B’ fheà rr leam gun robh e fhathast còmhla rinn an-diugh, agus cothrom aige a bheachdan a chur an cèill air Radio nan Gà idheal!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Adhamh MacFhearghais: Adam Ferguson; Lag an Rà ith: Logierait; leabharlannaiche: librarian; chaochail e: he died; Adhamh Mac a’ Ghobhainn: Adam Smith; eagran: edition; Cogadh na Neo-eisimeileachd: The War of Independence.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an cinne daonna, nuair a tha e a’ fàs meathach: mankind, when it degenerates; agus a’ dol a dholaidh: and tends to ruin; agus nuair a tha e a’ dol am feabhas agus a’ buannachd cho math: as well as when it improves and gains advantages ; le ceumannan beaga nach gabh tomhas: by slow and almost insensible steps; nuair a tha e smiorail, tha e a’ ruigsinn ìre de mhòrachd ris nach biodh eadhon an duine a bu ghlice an dùil ro là imh: when it is full of vigour, it reaches a greatness which no human wisdom could foresee; aig amannan de shocrachadh is laigse: at times of relaxation and weakness; bidh e a’ fulang olc: they incur evils; a bha air a sguabadh air falbh le soirbheachas agus beartas: which had been removed by success and prosperity; cha mhiste sgeul math aithris dà uair: it doesn’t harm to tell a good story twice; air an do rinn mi iomradh: whom I mentioned; thathar ga aithneachadh mar ‘Athair an Eòlais Shòisealta’: he is recognised as ‘The Father of Sociology’; Proifeasair de Fheallsanachd Nà darrach agus cuideachd Feallsanachd Mhoralta: Professor of Natural Philosophy and also Moral Philosophy; bha X na Chrìosdaidh – agus na Chlèireach: X was a Christian – and a Presbyterian; a’ creidsinn ann an adhartas a’ chinne-daonna gu ruige foirfeachd: believing in human advancement towards perfection; air a phiobrachadh le fèin-bhuannachd gach duine: driven by person self-interest; leis gun tug Dia saor-thoil do mhac an duine: since God granted Man free will; nuair a tha comann mhic an duine a’ dol an deireadh: when human society goes backwards; bàs Ìmpireachd na Ròimhe: the collapse of the Roman Empire; a bheachdan a chur an cèill: to express his opinions.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha Gà idhlig aige bhon ghlùin: he was a native speaker of Gaelic [literally ‘he had it from the knee’]. Are there any other ways in which we might say ‘he was a native speaker’? Here are examples: Bha Gà idhlig aige bho dhùthchas; bha Gà idhlig aige mar chiad/phrìomh chà nan; b’ i a’ Ghà idhlig cainnt a mhà thar; ’s e labhraiche dùthchasach na Gà idhlig a th’ ann.
Gnà thas-cainnt na Litreach:
Gnà thas-cainnt na Litreach: an aon turas a thachair iad ri chèile fhad ’s as aithne dhuinn: the one time they met each other, as far as we know.
Broadcasts
- Sun 31 Jul 2016 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Aug 2016 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.