An t-Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein
Seirbheis bho thasglann a' BhBC còmhla ris an Oll Urr Dùghlas Mac a' Mhaoilein nach maireann. Gaelic archive religious service conducted by the late Professor Douglas MacMillan.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 107: 1-3 air fonn Evan agus ‘s e Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Vincent ann an Glaschu.
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: Lùcas 12: 22- 36
Ceann-teagasig: Lùcas 12: 32
Rugadh Dùghlas Mac a' Mhaoilein ann an Siorrachd Earra-Ghà idheal anns a' bhliadhna 1933. B' e an neach a b' òige a-mach à sianar a theaghlach, agus rugadh is thogadh e ann an dachaigh Chrìosdail, far an cuala e an soisgeul agus far an deach na sgriobtaran a theagasg dha. Dh'fhàs e eòlach air obair croitearachd agus dh'ionnsaich e a' Ghà idhlig.
Chaidh e dhan à rd-sgoil ann an Eilean Mhuile airson dà bhliadhna, ach ghluais e air falbh bho na teagasgan Crìosdail a chuala e na òige. Ach ri linn bàs a mhà thar thà inig e gu bhith toirt aire na bu ghèire dhaibh a-rithist, agus an dèidh dha neach a chluinntinn a' searmonachadh air Eòin 3:16 – 'oir is ann mar sin a ghrà dhaich Dia an saoghal, gun tug e aon-ghin Mhic fhèin, a-chum is ge b' e neach a chreideas ann nach sgriosar e, ach gum bi a bheatha shiorraidh aige' – chaidh iompachadh. Bha seo ann an 1955, agus bhon à m sin, bha an duine mòr, là idir seo a-nis coisrigte do Chrìosd.
Shearmonaich e airson a' chiad uair ann an Ceann Loch Gilb ann an 1957 – a' bhliadhna a bhà saich athair – agus bha e mothachail air gairm Dhè ga threòrachadh chun na ministrealachd. An dèidh dha a dhol tron fhoghlam leis a' mhinistrealachd san amharc, chaidh a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Obair Dheathain ann an 1966. Bhon à m sin, b' ann am measg oileanaich bu motha a chaith e a shaothair mar mhinistear agus mar fhear-teagaisg, a' gluasad gu coitheanal St Vincent Street ann an Glaschu ann an 1974. Bha e air a shuidheachadh mar Phroifeasair Eachdraidh Eaglaise ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an 1982, agus chaidh e air ais dhan mhinistrealachd ann an coitheanal Buccleuch ann an Dùn Èideann ann an 1990.
Phòs e Mà iri Chaimbeul, a bha i fhèin na nighean mansa (b' e a h-athair am ministear Gà idhealach ainmeil, an t-Urr. Murchadh Caimbeul, Ruith Sholais), agus bha còignear theaghlach aca: Eilidh, Mhà iri, Niall, Murchadh, agus Dùghlas.
Bha Dùghlas tarraingeach, cumhachdach mar theachdaire agus mar shearmonaiche Chrìosd, an dà chuid ann am Beurla agus ann an Gà idhlig. Thà inig mòran gu eòlas pearsanta a chur air Crìosd tro a mhinistrealachd.
Last on
More episodes
Broadcast
- Sun 3 Mar 2024 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal