C貌mhla ri Mgr Earraig Kwiecien
Seirbheis le Mgr Earraig Kwiecien, sagart-cuideachaidh Cathair-eaglais Naoimh Chaluim Chille san Obann. Gaelic service with Fr Jarek Kwiecien, assistant priest St Columba's Oban.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Seo an Gaol mar Meud na Mara, air a sheinn le C貌isir Eaglais Naomh Barr.
P貌l MacCaluim, Kirsteen Menzies agus Anna Nic na Ceardaich a' seinn,,A Thighearna Dhia
Cia Domhainn Gr脿dh an Athar Dhomh, le Donaidh Murdo MacLe貌id
Catr矛ona Anna Nic a' Ph矛 a' seinn, O Iosa bi 'n C貌mhnaidh
M脿iri NicAonghais a' seinn, Gr脿s
Leughadh: Soisgeul E貌in 20: 10-18
'S ann 脿 baile Koszalin air a鈥 chosta Bhaltaigich ann an ceann a tuath na P貌lainne, a tha Mgr Earraig. Tha e air a bhith na shagart c貌rr aig fichead bliadhna. Bha e an toiseach ann am paraiste mh貌r san sg矛r'-easbaig aige agus 脿s d猫idh d脿 bhliadhna chaidh a chur dhan R貌imh. Bha e anns an R貌imh airson seachd bliadhna agus thug e a-ceum PhD ann am patristics (athraichean na h-Eaglaise, eachdraidh is diadhachd na h-Eaglaise sna ciad linntean). Nuair a thill e dhan Ph貌lainn c貌rr is deich bliadhna air ais, th貌isich e air obair anns a鈥 cholaiste far am bithear a鈥 tr猫anadh oileanaich a tha ag ullachadh airson a bhith nan sagairt. Bha e cuideachd a鈥 teagasg patristics agus Laidinn ann agus mu dheireadh bha e na cheannard air a' Cholaiste.
A thaobh an ceangal a th鈥 aig Mrg Earraig ris a鈥 Gh脿idhlig, mar a thuirt e fhein,鈥溾楽 e sgeul gaoil a tha sin.鈥
Nuair a bha e anns an R貌imh dh鈥檉huirich e ann an Colaiste nan Albannach agus bhon a鈥 chiad bhliadhna a bha e ann a sin, th貌isich e air tighinn a dh鈥橝lba gus cobhair a thoirt do shagairt ann an diofar pharaistean. Bha Alba a鈥 c貌rdadh ris gu m貌r agus thadhail e air t貌rr 脿iteachan an Alba agus rinn e t貌rr charaidean. Beagan bhliadhnaichean air ais, mar a thuirt e,鈥 l脿ndaig mi anns na h-eileanan agus thachair mi ris a鈥 Gh脿idhlig.鈥
Dh'ionnsaich e an c脿nan tro ch霉rsaichean aig Sabhal M貌r Ostaig, am Fl貌daigearraidh agus air-loidhne. Bha miann aige a thighinn a dh'fhuireach a dh'Alba agus mu dheireadh thall rinn e sin. Tha Mgr Earraig a-nise na shagart ann an Sg矛r'-easbaig Earra-Ghaidheal 's nan Eilean agus an-dr脿sta fh猫in na shagart-cuideachaidh ann an Cathair-eaglais Naoimh Chaluim Chille san 脪ban.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 10 Mar 2024 09:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 10 Mar 2024 15:00大象传媒 Radio nan G脿idheal