Main content

Geàrr-chunntasan air New Zealand airson luchd-imrich anns an naoidheamh linn deug. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 16 Nov 2016 23:00

Clip

Litir 904: New Zealand agus Luchd-imrich

Tha leabhran air mo bheulaibh an-dràsta agus tha e gu math inntinneach. Chaidh a thoirt dhomh an-uiridh, an dearbh bhliadhna san deach a chlò-bhualadh às ùr. Ach chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn fhada – ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a dhà (1872). ʼS e an tiotal a th’ air ‘Geàrr-chunntasan air New Zealand airson Feuma Luchd-imrich’. Leughaidh mi an còrr dhen duilleag-tiotail dhuibh (tha i ann an ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ an naoidheamh linn deug): ‘Leis an Urramach P. Barclay M.A. a bha roimh so ʼna mhinistear ʼan New Zealand, iar eadar-theangachadh gu Gaelic, Dunéideann aig 64 Drochaid a Deas, MacLachlainn agus Stiùbhard.

            Tha e inntinneach gun robh uiread de Ghàidheil a’ beachdachadh air imrich a dhèanamh gu ruige New Zealand ʼs gum b’ fhiach leabhran fhoillseachadh dhaibh anns a’ chànan aca fhèin. Cuimhnicheamaid gun do nochd an leabhran anns an dearbh bhliadhna ʼs a chaidh Achd an Fhoghlaim tron phàrlamaid. Roimhe sin, bha mòran air a’ Ghàidhealtachd a’ faighinn foghlam dà-chànanach. Bha comas leughaidh ann an ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ aca. Nuair a ghabh an stàit foghlam na sgoile thairis, chaidh a’ Ghàidhlig – agus comas leughaidh sa chànan – a sguabadh às.

            Chan eil fhios a’m cò rinn an t-eadar-theangachadh. Chanainn gun robh ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ na cùbaid aige. Tha sin iomchaidh gu leòr airson eadar-theangachadh a dhèanamh air teacsa a sgrìobh ministear.

            Seo earrann bheag bhon leabhran. Tha mi air a’ Ghàidhlig a nuadhachadh an siud ʼs an seo. ‘Dh’fhaodte aire a thoirt do New Zealand mar fhearann a bha anabarrach falamh a dh’ainmhidhean gus an taobh a-staigh dhen cheud bliadhna mu dheireadh. Tha e glè choltach nach robh beò-ainmhidh a bhuineadh don dùthaich, ach radain bheaga dhan do chuir na radain Europeanach às ...’

            Tha dà rud inntinneach mun earrainn sin. Feumaidh gun robh an t-eadar-theangair a’ cleachdadh ‘beò-ainmhidh’ airson ‘mammal’. ʼS e an rud eile gun do sgrìobh e ‘Europeanach’ airson ‘European’. An-diugh, chanamaid ‘Eòrpach’.

            Tha an cunntas a’ leantainn: ‘... tha eòin glè lìonmhor, agus tha cuid dheth ann an cruthan gu math neònach. Chaidh às do sheòrs’ eòin athach, struth-chosmhail (ostrich-like) agus tha seòrsachan eile a’ teireachdainn gu bras mar a tha luchd-imrich a’ faotainn air adhart.’ Tha e inntinneach gun do chuir an t-eadar-theangair a’ Bheurla ‘ostrich-like’ ann. Bha e an dùil nach tuigeadh a h-uile duine an abairt ‘struth-chosmhail’ agus chanainn gun robh e ceart.

            Tha an leabhran ag innse dhuinn gun robh cuid de dh’eòin – air am biodh daoine eòlach aig an taigh – air an slighe a dhèanamh gu New Zealand, le taic bho mhac-an-duine: ‘Fhuair a’ chuid as motha de dh’eòin cheòlmhor Bhreatainn gu ruige New Zealand; agus on a thugadh an ròcas ann o chionn ghoirid, bidh na h-ionadan-tàimh, gu h-àraidh a’ chuid a th’ air an cuairteachadh le craobhan, gu math coltach ri àrosan Breatannach. ʼS gann a tha adhbhar a bhith ag ainmeachadh gu bheil eòin-thaighe dhen a h-uile seòrs’ ann an New Zealand, ʼs gu bheil iad a’ cinneachadh gu h-anabarrach ann.’

            Agus ainmichidh mi aon rud eile às a’ chunntas aig Mgr Barclay – mu dheidhinn nathraichean. ‘Gu fortanach,’ tha e ag ràdh, ‘chan eil nathraichean nimheil no biast dhochannach sam bith ann. Tha an tìr cho saor on leithidean ʼs a tha Èirinn fhèin.’ Agus tha sin fìor chun an latha an-diugh. Beannachd leibh.            

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Drochaid a Deas: South Bridge; cuimhnicheamaid: let’s remember; iomchaidh: fitting; ±ôì´Ç²Ô³¾³ó´Ç°ù: abundant.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: an dearbh bhliadhna san deach a chlò-bhualadh às ùr: the same year it was printed anew; airson Feuma Luchd-imrich: for [the need of] emigrants; an còrr dhen duilleag-tiotail: the rest of the title page; gum b’ fhiach leabhran fhoillseachadh: that it was worth publishing a booklet; an dearbh bhliadhna ʼs a chaidh Achd an Fhoghlaim tron phàrlamaid: the same year that the Education Act went through the parliament; nuair a ghabh an stàit foghlam na sgoile thairis: when the state took over school education; chaidh comas leughaidh sa chànan a sguabadh às: the ability to read the language was swept aside; chanainn gun robh ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ na cùbaid aige: I’d say that he had minister’s Gaelic [high register]; tha mi air a’ Ghàidhlig a nuadhachadh an siud ʼs an seo: I’ve modernised the Gaelic here and there; anabarrach falamh a dh’ainmhidhean: incredibly empty of animals: an taobh a-staigh dhen cheud bliadhna mu dheireadh: within the last century; radain bheaga dhan do chuir na radain Europeanach às: small rats that the European rats caused to become extinct; chaidh às do sheòrs’ eòin athach: a timid sort of bird was made extinct; a’ teireachdainn gu bras mar a tha luchd-imrich a’ faotainn air adhart: diminishing quickly as immigrants spread; nach tuigeadh a h-uile duine: that not everybody would understand; gun robh cuid de dh’eòin air an slighe a dhèanamh: that some birds had made their way; on a thugadh an ròcas ann o chionn ghoirid: since the rook was introduced recently; bidh na h-ionadan-tàimh coltach ri àrosan Breatannach: the residences are like British dwellings ; a’ cinneachadh gu h-anabarrach: breeding well; nathraichean nimheil no biast dhochannach: poisonous snakes or harmful beast; cho saor on leithidean ʼs a tha Èirinn: as free from such things as Ireland.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: iar eadar-theangachadh gu Gaelic: translated into Gaelic. ‘±õ²¹°ù’ is now represented by ‘a¾±°ù’ – it was coming to the end of its life as ‘i²¹°ù’ in 1872 – and it means ‘after’ ie air eadar-theangachadh literally ‘after translating’. And it’s clear that this was disagreement about how to write ‘³Òྱ»å³ó±ô¾±²µâ€™ at that time. Some wrote it as ‘³Òྱ±ô¾±²µâ€™ and some used the English spelling.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun robh uiread de Ghàidheil a’ beachdachadh air imrich a dhèanamh: that so many Gaels were considering emigrating.

Broadcasts

  • Sun 13 Nov 2016 22:30
  • Wed 16 Nov 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast