Main content

Tha Ruairidh ag innse sgeulachd mu airgead Frangach a chaidh a ghoid aig àm armach nan Seumasach. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 23 Nov 2016 23:00

Clip

Litir 905: Iain Spàinnteach

Thathar ag innse sgeulachdan ann an Ros an Iar mu airgead Frangach a chaidh a dhìth aig àm ar-a-mach nan Seumasach. Tha e coltach nach buin na stòiridhean do mhacmeanmna, ge-tà. Tha tomhas dhen fhìrinn annta.

            Tha cunntas mun ghnothach ann an leabhar air a bheil ‘Spanish John’. ʼS e cunntas-beatha a th’ ann – fèin-eachdraidh – air a sgrìobhadh leis a’ Choirneal Iain MacDhòmhnaill à Sgotas ann an Cnòideart. Tha esan a’ cumail a-mach gun deach mìle not a ghoid bhuaithe ann an Dùthaich MhicCoinnich ann an Ros an Iar ann am Bliadhna a’ Phrionnsa. ʼS e fortan a bha sin aig an àm.

            Mus tig mi chun an airgid, bu mhath leam innse dhuibh mu bheatha Iain MhicDhòmhnaill, oir tha i gu math inntinneach. Rugadh e ann an Cnòideart ann an seachd ceud deug, fichead ʼs a h-ochd (1728). B’ e fear de dh’uaislean Clann ʼic Dhòmhnaill a bh’ ann – sin Clann ʼic Dhòmhnaill Ghleanna Gharadh.

ʼS e Caitligich a bh’ annta. Nuair a bha e dusan bliadhna a dh’aois, chuir athair e gu ruige a’ Cholaiste Albannach anns an Ròimh, leis an amas gum biodh e na shagart. Ach bha e follaiseach gu math tràth nach robh ar laoch cho dèidheil air beatha sagairt. B’ fheàrr leis a bhith na shaighdear.

Thachair e ri Rìgh Seumas VIII na h-Alba – no The Old Pretender mar a chanadh gu leòr ris – agus fhuair e brosnachadh a dhol do dh’arm na Spàinnte. Bha na Spàinntich aig an àm sin ri cath an aghaidh na h-Ostaire anns an Eadailt. Chaidh Iain gu buidheann shònraichte anns an arm – am Bragàd Èireannach, anns an robh oifigearan Èireannach agus feadhainn à Alba cuideachd. Chaidh am Bragàd a dhèanamh bho thùs nuair a theich arm nan Seumasach a-mach à Èirinn an dèidh Cath na Bòinne, the Battle of the Boyne.

Co-dhiù, ʼs e sin as coireach gur e ‘Spanish John’ a thugadh air Iain MacDhòmhnaill mar fhar-ainm. Cha b’ fhada gus an robh e ann am batail chruaidh, a’ dìon Naples bho na h-Ostrianaich. Chaidh a leòn, agus chuir e seachad ùine san ospadal. Cha robh aodach no airgead air fhàgail aige. Nuair a chuala Rìgh Seumas mun t-suidheachadh aige, chuir e airgead thuige.

Chaidh Iain air ais do dh’arm na Spàinnte. Ach bha aon chluas aige air na bha a’ dol aig an taigh. Bha mac an Rìgh – Teàrlach Òg Stiùbhart – ann am Breatainn, feuch na Stiùbhartaich a chur air ais air a’ chathair rìoghail. Bha arm nan Seumasach ann an Sasainn, a’ dèanamh air Lunnainn.

Rinn Iain tagradh a dhol don Fhraing airson a bhith mar phàirt de dh’fheachd a rachadh a Bhreatainn às leth a’ Phrionnsa. Bha ceithir oifigearan deug eile às a’ am Bhragàd Èireannach còmhla ris. Bha iad an dùil fàilte a chur air Teàrlach Òg nuair a bha e a’ caismeachd a-steach a Lunnainn.

Ach nuair a ràinig iad Paris, fhuair iad droch naidheachd. Bha arm nan Seumasach air stad ann an Derby. Bha iad a’ tilleadh gu tuath. Agus bha an cuan làn shoithichean Breatannach. Bhiodh e cunnartach a dhol a dh’Alba ann an soitheach Frangach. Ach bha Iain deimhinne gun robh e airson a bhith a’ strì airson adhbhar a’ Phrionnsa. Innsidh mi dhuibh mu na thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

cunntas-beatha: biography; ´Úè¾±²Ô-±ð²¹³¦³ó»å°ù²¹¾±»å³ó: autobiography; Bliadhna a’ Phrionnsa: 1745-6; fortan: fortune; Caitligich: Catholics; An Eadailt: Italy; a’ caismeachd: marching.

Abairtean na Litreach

Thathar ag innse sgeulachdan ann an Ros an Iar: stories are told in Wester Ross; airgead Frangach a chaidh a dhìth aig àm ar-a-mach nan Seumasach: French money that went missing at the time of the Jacobite rebellion; nach buin na stòiridhean do mhacmeanmna: that the stories are not imaginary; tha tomhas dhen fhìrinn annta: there is some truth in them; leis a’ Choirneal Iain MacDhòmhnaill à Sgotas ann an Cnòideart: by Col. John McDonell from Scottas in Knoydart; gun deach mìle not a ghoid bhuaithe: that a thousand pounds were stolen from him; Clann ʼic Dhòmhnaill Inbhir Gharadh: the MacDonells of Glengarry; gu ruige a’ Cholaiste Albannach anns an Ròimh: to the Scotch College in Rome; chaidh am Bragàd a dhèanamh bho thùs: the Brigade was originally created; nuair a theich arm nan Seumasach a-mach à Èirinn an dèidh Cath na Bòinne: when the Jacobite army fled from Ireland after the Battle of the Boyne; feuch na Seumasaich a chur air ais air a’ chathair rìoghail: in an attempt to put the Jacobites back on the throne; a’ dèanamh air Lunnainn: making for London; mar phàirt de dh’fheachd a rachadh a Bhreatainn às leth a’ Phrionnsa: as part of a force that would go to Britain on the Prince’s behalf; fhuair iad droch naidheachd: they got bad news; a’ tilleadh gu tuath: returning north; bha an cuan làn shoithichean Breatannach: the sea was full of British vessels; bhiodh e cunnartach a dhol a dh’Alba: it would be dangerous to go to Scotland; bha Iain deimhinne gun robh e airson a bhith a’ strì airson adhbhar a’ Phrionnsa: John was certain that he wanted to [be involved in the] struggle for the Prince’s cause.

Puing-chànain na Litreach

cho dèidheil air beatha sagairt: so keen on the life of a priest. The Gaelic for priest is sagart (unsurprisingly it originates in Latin). In the indefinite genitive singular ie ‘of a priest’ we simply slenderize it to sagairt, with a slight change in pronunciation. It is not lenited. In the definite genitive singular ‘of the priest’, it is an t-sagairt, the normal model for a masculine noun which starts with an ‘s’ followed by a vowel. 

Gnàthas-cainnt na Litreach

ri cath an aghaidh na h-Ostaire: at war against Austria.

Broadcasts

  • Sun 20 Nov 2016 22:30
  • Wed 23 Nov 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast