Main content

Anns an litir aig Ruairidh MacIllEathain, cluinnidh sinn mun ghealltanas aig Fionn MacCumhail lorg fhaighinn air clann an rìgh.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 1 Mar 2017 23:00

Clip

Litir 919: Mar a Fhuair Fionn Bran (2)

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mar a fhuair Fionn MacCumhail a chù, Bran. Bha sgioba de shianar aige. Bha am fear-amhairc aige, agus am fear-èistidh. Bha an greimiche aige agus am mèirleach, an sreapadair agus am boghadair. Ràinig iad lùchairt aig Rìgh.

            Bha an Rìgh air leth brònach. ‘Dè tha a’ cur oirbh?’ dh’fhaighnich Fionn.

            ‘Tha sinn an dùil gun tèid leanabh ùr a bhreith don Bhanrigh a-nochd,’ mhìnich an Rìgh. ‘Ach chaidh an dithis bhalach eile againn a ghoid, agus tha an t-eagal orm gum bi an leanabh ùr air a ghoid cuideachd.’

            Dh’iarr Fionn air an fhear-amhairc aige sùil a chumail air a’ Bhanrigh. Bha an greimiche còmhla ris.

            Rugadh an leanabh. Goirid an dèidh sin, thàinig làmh tron mhullach agus ghabh i grèim air an leanabh. Chunnaic am fear-amhairc i, agus ghabh an greimiche grèim làidir oirre. Tharraing e agus thuit an làmh don ùrlar. Thuit an greimiche mar an ceudna air a dhruim dìreach. Mus d’ fhuair e cothrom èirigh, bha làmh eile air tighinn tron mhullach. Ghoid i an leanabh agus rinn i às leis.

            Bha Fionn troimhe-chèile. ‘Ged a dhèanadh an t-adhar nead air mullach mo chinn, agus ged a dhèanadh an talamh toll ann am bonn mo choise,’ thuirt e ris an Rìgh, ‘gheibh mi ur cuid cloinne air ais.’

            Ghabh Fionn is a chompanaich grèim air birlinn agus sheòl iad air falbh. Bha iad a’ coimhead airson clann an Rìgh. Ràinig iad tìr neònach. Lorg iad daingneach le balla àrd a bha còmhdaichte le craiceannan easgannan. Bha e cho sleamhainn ri botal.

            Dh’iarr Fionn air an t-sreapadair am balla a dhìreadh airson faighinn a-mach dè bha air an taobh thall. ‘Tha famhair mòr grànda ann,’ dh’aithris an sreapadair. ‘Chan eil aige ach aon làmh. Tha leanabh aige na làimh. Agus tha dithis bhalach òg eile a’ cluich anns an aon seòmar.’

            Bhruidhinn Fionn ris a’ mhèirleach. ‘Leum air gualann an t-sreapadair,’ thuirt e. ‘Thalla is goid a’ chlann agus thoir an seo iad.’ ʼS e sin a rinn iad. Ghoid am mèirleach an leanabh agus an dithis bhalach. Bha dà chuilean anns an t-seòmar cuideachd. Ghoid e na cuileanan a bharrachd.

            Chaidh a h-uile duine air bòrd a’ bhàta agus tharraing iad an acair. Cha robh iad air a dhol fada nuair a chunnaic iad galla mhòr a’ snàmh às an dèidh. B’ ise màthair nan cuileanan. Bha i fiadhaich. Leig Fionn fear de na cuileanan thar cliathaich a’ bhàta. Stad a’ ghalla agus thug i an cuilean gu tìr.

            Lean Fionn agus a chompanaich a-mach gu muir. ‘Tha cunnart a’ tighinn,’ thuirt am fear-èisteachd. ‘Tha mi a’ cluinntinn an fhamhair agus tha e a’ tighinn às ar dèidh.’ An ceann mionaid no dhà, dh’fhairich iad ùpraid air dheireadh orra. Bha am famhair a’ snàmh gan ionnsaigh. Bha dìreach aon sùil aige na bhathais.

            ‘Cuir saighead tron t-sùil aige,’ thuirt Fionn ris a’ bhoghadair. Rinn am boghadair sin, agus chaidh am famhair a mharbhadh. Lean Fionn agus a chompanaich orra. Bha an triùir chloinne agus aon chuilean air bòrd. Thug iad a’ chlann don Rìgh. Chùm Fionn an cuilean dha fhèin agus chuir e ainm air – Bran. ʼS ann mar sin a fhuair Fionn MacCumhail an cù ainmeil aige, Bran. Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu Bhran anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: troimhe-chèile: very upset; sleamhainn: slippery; famhair: giant; ³¾Ã¨¾±°ù±ô±ð²¹³¦³ó: thief; bathais: forehand.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bha sgioba de shianar aige: he had a team of six people; bha am fear-amhairc aige, agus am fear-èistidh: he had the looker and the listener; bha an greimiche aige agus am mèirleach, an sreapadair agus am boghadair: he had the gripper and the thief, the climber and the archer; tha sinn an dùil gun tèid leanabh ùr a bhreith don Bhanrigh a-nochd: we expect the Queen to give birth to a baby tonight; chaidh an dithis bhalach eile againn a ghoid: our two other boys were stolen; thàinig làmh tron mhullach agus ghabh i grèim air an leanabh: a hand came through the roof and took hold of the baby; thuit an greimiche mar an ceudna air a dhruim dìreach: the gripper similarly fell flat on his back; mus d’ fhuair e cothrom èirigh: before he got the chance to rise; ged a dhèanadh an t-adhar nead air mullach mo chinn: although the sky should make a nest on the top of my head; ged a dhèanadh an talamh toll ann am bonn mo choise: through the ground should make a hole in the sole of my feet; gheibh mi ur cuid cloinne air ais: I’ll get your kids back; ghabh Fionn is a chompanaich grèim air birlinn: Fionn and his companions got hold of a birlinn; daingneach le balla àrd a bha còmhdaichte le craiceannan easgannan: a stronghold with a high wall that was covered with eel skins; chan eil aige ach aon làmh: he only has one hand; leum air gualann an t-sreapadair: jump on the climber’s shoulder; thalla is goid a’ chlann agus thoir an seo iad: go and steal the children and bring them here; ghoid e na cuileanan a bharrachd: he also stole the puppies; galla mhòr a’ snàmh às an dèidh: a large bitch swimming behind them; thar cliathaich a’ bhàta: over the side of the boat; dh’fhairich iad ùpraid air dheireadh orra: they detected pandemonium behind them.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Cuir saighead tron t-sùil aige: put an arrow through his eye. Don’t forget that when a noun which starts with an ‘s’ followed by a vowel, then it is preceded by a t- in the definite dative singular (an omission will be picked up quickly by the ear). Here are some other examples: tha e cinnteach mun t-suidheachadh; dè th’ air an t-saoghal a tha a’ tachairt?; tha toll anns an t-slige.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Dè tha a’ cur oirbh?: what’s upsetting you?

Broadcasts

  • Sun 26 Feb 2017 22:30
  • Wed 1 Mar 2017 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast